
19/08/2005
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 320
Duration: 06:06
Litir 320: Dè sam bith a chì no chluinneas tu, cum an cat mun cuairt
Thug mi seachad òraid o chionn ghoirid air seanfhaclan Gà idhlig co-cheangailte ri beathaichean. Nuair a bha mi gan rannsachadh, lorg mi feadhainn a bha gu math annasach. Seo fear dhuibh: Dè sam bith a chì no chluinneas tu, cum an cat mun cuairt. Dè sam bith a chì no chluinneas tu, cum an cat mun cuairt. Dè fon ghrèin a tha sin a’ ciallachadh? Dh’fhaodadh mun cuairt dà chiall a bhith air – cum an cat anns an nà baidheachd, faisg ort. No cum an cat a’ tionndadh.
A rèir aithris, tha e a’ ciallachadh anns an t-seanfhacal seo – cum an cat a’ tionndadh. Dè sam bith a chì no chluinneas tu, cum an cat mun cuairt. Bidh daoine a’ cleachdadh an t-seanfhacail seo nuair a tha iad ag iarraidh air cuideigin cumail air leis an obair aige. Ge bith dè tha a’ tachairt timcheall air, bu chòir dha leantainn air leis an obair. Ach ciamar a dh’èirich an seanfhacal?
A rèir beul-aithris, tha e ceangailte ri seann chleachdadh pà ganach air a bheil taghairm. Chì sibh mìneachadh air seo ann am faclair Dwelly. ’S e a bh’ ann dòigh airson an Donas a thoirt am follais. Bhiodh an Donas a’ freagairt ceist no a’ sà sachadh droch iarrtasan mì-laghail.
Nise, mus can mi dad eile mun taghairm, tha mi airson rabhadh a thoirt dhuibh. Ma tha sibh cianail measail air cait, ’s dòcha nach bi sibh airson èisteachd ris a’ chòrr. ’S e droch chleachdadh a bh’ ann. Bhiodh sreath de chait air an ròstadh beò, fear às dèidh a chèile thairis air beagan là ithean, air bior-ròstaidh os cionn teine. Mu dheireadh thigeadh buidheann de chait dhubha timcheall, agus iad uile a’ sgreuchail. Bhiodh an Donas nam measg ann an cruth cat dubh.
Nan nochdadh an Donas gu follaiseach na chruth fhèin, bhiodh e an uair sin a’ faighneachd de na daoine dè bha iad ag iarraidh. Bhiodh e a’ sà sachadh an iarrtais. Ach mus tachradh sin, bhiodh cait eile a’ feuchainn ri stad a chur air a’ ghnothach le bhith a’ bruidhinn ris na daoine a bha a’ dèanamh an ròstaidh. A rèir beul-aithris, bhiodh fear de na daoine ag èigheachd air an fhear a bha a’ tionndadh a’ bhior-rostaidh, “Dè sam bith a chì no chluinneas tu, cum an cat mun cuairt.”
Tha Dwelly ag innse dhuinn rudeigin eile mun taghairm. Nuair a bha daoine ag iarraidh faighinn a-mach dè bha a’ dol a thachairt san ùine romhpa, bhiodh iad a’ marbhadh damh no bò. Bhiodh iad a’ feannadh a’ bheathaich, agus bhiodh iad a’ cur a’ bhian timcheall air duine.
Bhiodh iad a’ cur an duine air a dhruim dìreach ri taobh eas ann an à ite iomallach. Chuireadh na daoine a’ cheist air agus bhiodh iad ga fhà gail airson beagan uairean a thìde leis fhèin. Nuair a thilleadh iad air a shon, bhiodh freagairt aige.
Am measg na tha a’ dèanamh aithris air a’ ghnothach seo, tha Mà rtainn Mac Ille Mhà rtainn anns an leabhar aige A Description of the Western Islands of Scotland. Tha e ag aithris mu fhear ann an Leòdhas, John Erach, a chuir seachad oidhche mar sin ann am bian. Bha e air a chur troimh-chèile gu dubh leis. Is beag an t-iongnadh – ged a bha e fhathast beò às dèidh là imh, eucoltach ris na cait a chaill am beatha air a’ bhior-ròstaidh.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-chĂ nain na seachdaine
Seanfhacal na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.