
29/07/2005
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 317
Duration: 05:55
Litir 317: Spìonadh Anna Ghòrach!
Chuir mi crìoch air an Litir mu dheireadh leis an t-seann sgeulachd aig Aesop – “Androcles agus an Leòmhann”. Bha Androcles na thrà ill. Bha e air droigheann a spìonadh à spog an leòmhainn nuair a bha iad còmhla anns a’ choille. Agus nuair a chunnaic an leòmhann Androcles anns an raon-sabaid, dh’aithnich e e. An à ite a mharbhadh, ’s ann a dh’imlich e là mhan Androcles. Bha an Rìgh dhen bheachd gu robh sin iongantach agus leig e an leòmhann agus an duine ma sgaoil. ’S e teachdaireachd na sgeulachd gu bheil taingealachd na chomharra air uaisleachd.
Coltach ri Androcles, bha Aesop e fhèin na thrà ill. Thathar a’ smaoineachadh gun do rugadh e timcheall air a’ bhliadhna sia ceud is fichead (620) RC – ’s e sin Ro Chrìosd. Bha e ann an trà illeachd do dhithis – Xanthus agus Jadmon. Agus ’s e Jadmon a leig ma sgaoil e – a chionn ’s gu robh e cho inntinneach is eirmseach.
Bha e ag obair airson greis mar thosgaire do rìgh Greugach. Ach turas a bha seo chaidh e gu ruige Delphi le stòras mòr de dh’òr airson a thoirt do mhuinntir an à ite. Ach ghabh Aesop droch bheachd air muinntir Dhelphi agus dhiùlt e an t-òr a thoirt seachad. Bha muinntir a’ bhaile feargach agus chuir iad Aesop gu bà s.
Co-dhiù – air ais don fhacal spìon. Tha e cà irdeach do spine ann am Beurla. Tha na dhà , a rèir choltais, a’ tighinn bhon fhacal Laideann spina a tha a’ ciallachadh droigheann no bior. O shean bha spìn a’ ciallachadh droigheann ann an Gà idhlig cuideachd. An dearbh rud a bhiodh duine a’ spìonadh nam faigheadh e fear na chraiceann.
Tha sin gam thoirt gu geama. Seann gheama air a’ Ghà idhealtachd air a bheil Spìonadh Anna Ghòrach. Spìonadh Anna Ghòrach. Seo mar a tha e ag obair. Tha cuideigin air a thaghadh. Gabhaidh cà ch “Anna Ghòrach” air an fhear no tè sin. Chan eil e gu diofar co-dhiù tha e no i fireann no boireann.
Bidh sùilean Anna air an còmhdachadh le bann clò. Chan fhaic i rud sam bith. Bidh cuideigin eile ag rà dh rithe an uair sin, “Tha do mhà thair gad iarraidh.” Bidh Anna a’ freagairt, “Carson?”
Bidh am fear no tè eile ag radh, “A’ gabhail do bhrochan”. Agus bidh Anna a’ freagairt, “Cà ite a bheil an spà in?”
Bidh am fear no tè eile ag rà dh an uair sin, “Tionndaidh mun cuairt trì uairean agus amhairc air a son.”
Leis a sin, bidh Anna a’ feuchainn ri buntainn no greimeachadh air daoine eile. Agus bidh iadsan a’ gabhail spòrs. Bidh iad a’ putadh Anna. No bidh iad a’ tarraing air a cuid aodaich – ’s e sin spìonadh. Fhad ’s a tha sin a’ tachairt bidh feadhainn ag èigheachd, “Spìonadh Anna Ghòrach!” Tha an geama a’ tighinn gu crìch nuair a gheibh Anna grèim air cuideigin eile.
Bha geamannan mar sin ann air feadh na Gà idhealtachd agus ann an à iteachan eile a bharrachd. Bidh cuid eòlach air mar Blind Man’s Buff. Ann an à iteachan air tìr-mòr na Gà idhealtachd, ’s e Dallan Dubh a bh’ air a’ gheama. Ach ann an eileanan Earra-Ghà idheal bha daoine eòlach air fon ainm Spìonadh Anna Ghòrach.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-chĂ nain na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.