
01/07/2007
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 313
Duration: 06:12
Litir 313: Ăirig Fhinn
An t-seachdain sa chaidh thòisich mi air an t-seann sgeulachd âĂirig Fhinnâ. Thuirt mi seo mun fhear bheag ĂŹosal lapanach: âThug e leum nan trĂŹ eang agus bha e air tĂŹr.â Tha mi airson rudeigin a rĂ dh mun fhacal seo eang. Tha e aâ ciallachadh foot no footstep. Ma chanas mi âcha ghluais mi eangâ, tha e aâ ciallachadh nach urrainn dhomh cas no gĂ irdean a ghluasad. âS e leum nan trĂŹ eang leum cho Ă rd no cho fada âs a ghabhas dèanamh.
SgrĂŹobh am fear a chruinnich an sgeulachd, an t-Urr. Iain MacGriogair Caimbeul, rud car annasach mu dheidhinn eang. SgrĂŹobh e gur dòcha gu bheil e cĂ irdeach don fhacal cangarĂš â a bhuineas do thĂšsanaich AstrĂ ilia. Carson? Uill, a rèir Mhgr Chaimbeul, tha ciall an fhacail â cangarĂš â agus fuaim an fhacail uabhasach coltach ri eang aâ ruith ann an GĂ idhlig. Eang aâ ruith. CangarĂš? Mmm. Cha chreid mi gu bheil e uabhasach coltach.
Co-dhiĂš, leanaidh sinn leis an sgeulachd. Ach mus tòisich mi â facal eile: measan. Tha measan aâ ciallachadh cĂš beag bĂŹodach no lap dog.
Choisich an ceathrar còmhla â Fionn Mac Cumhail, a thriĂšir cho-dhaltan agus am fear beag ĂŹosal lapanach. Thachair iad ri boireannach mòr aig an robh measan aig a sĂ il. A h-uile turas a choimhead am measan air Fionn bha fiaclan Fhinn air ais na bheul mar a bha iad riamh. Ach nuair a choimhead am measan air falbh, thuit na fiaclan a-mach.
Bha na co-dhaltan dhen bheachd gu robh èirig Fhinn aca. Thug iad am boireannach mòr agus an cĂš air ais don luing. DhâfhĂ g iad am fear beag ĂŹosal lapanach anns an eilean. RĂ inig esan taigh anns an robh solas. Chaidh e a-steach. Bha teine mòr ann ach cha robh duine a-staigh.
An uair sin, thĂ inig fear Ă rd a-steach. âDè do naidheachd?â dhâfhaighnich e dhen fhear bheag. Fhreagair am fear beag nach robh naidheachd aige ach nan cluinneadh e naidheachd an fhir mhòir an toiseach.
âChan eil mo naidheachd ach bochd,â arsâ am fear mòr. âChaidh mo phiuthar Ă lainn a thoirt air falbh. Bhiodh i gam nighe anns aâ bhallan-ionnlaid gach lĂ agus mi air a bhith aâ sabaid. Bhithinn deiseil an uair sin airson sabaid a-rithist an lĂ rna-mhĂ ireach.â
ThĂ inig brĂ thair eile dhachaigh. âDè do naidheachd, fhir bhig ĂŹosail lapanaich?â dhâfhaighnich e. âChan eil naidheachd agamsa,â thuirt am fear beag, âmura faigh mi naidheachd bhuat fhèin an toiseach.â
âChan eil mo naidheachd ach trom,â thuirt am fear eile. âChaidh mo phiuthar ghrĂ dhach a thoirt air falbh. âS i a bhiodh gam nighe nuair a thiginn dhachaigh bho bhith aâ sabaid, gam dhèanamh dèiseil airson sabaid a-rithist air an lĂ rna-mhĂ ireach.
ThĂ inig treas brĂ thair dhachaigh agus bha an aon chòmhradh aca. Agus dè rinn am fear beag? Nigh e na brĂ ithrean anns aâ bhallan-ionnlaid gus am biodh iad deiseil airson sabaid air an lĂ rna-mhĂ ireach. An uair sin thuirt e, âTha mise airson sabaid nur n-Ă ite.â
âA dhuine thruaigh,â arsa fear de na brĂ ithrean. âDè tha thusa aâ dol a dhèanamh leat fhèin?â Dhâinnis iad dha gu robh rèiseamaid shaighdearan ann. Ged a chuireadh na brĂ ithrean an ceann far a h-uile duine aca, bha cailleach mhòr ann. Bha stòpan aice. Chuireadh i meur anns an stòpan is an uair sin ann am beul duine a chaill a cheann. Bhiodh e ag èirigh beò.
Dè bha am fear beag ĂŹosal lapanach aâ dol a dhèanamh mu dheidhinn sin? Innsidh mi dhuibh an ath-sheachdain.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-chĂ nain na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.