
20/05/2005
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 307
Duration: 05:33
Litir 307: Iain Dubh Mac Dhòmhnaill ’ic Iain
Anns na beagan seachdainean a dh’fhalbh tha mi air a bhith ag innse dhuibh mun sgrìobhadair, Iain Dubh Mac Dhòmhnaill ’ic Iain, no Iain MacIllInnein. Bha Iain a’ fuireach ann an Astrà ilia. Bha e na bhà rd don Chomunn Ghà idhealach ann am Brisbane. Rugadh e ann an Geà rrloch agus ’s e Gà idhlig a bh’ aige mar chiad chà nan. Agus bha e a-riamh gu math measail air a’ chà nan aige.
Ged a bha Iain math air sgrìobhadh, cha robh e na sgoilear. Nuair a bhiodh rudeigin cudromach a dhìth air Comunn Gà idhealach Bhrisbane ann an Gà idhlig, dh’fheumadh iad dhol gu sgoilear. B’ e fear dhiubh sin, am ministear ann an Liosmòr ann an ceann a tuath Cuimrigh Nuaidh a Deas, an t-Urramach Ailean MacIlp, a bhuineadh do dh’Uibhist a Tuath.
Ach, ged nach robh Iain na sgoilear, bha e fìor mhath air duanagan is òrain bheaga a sgrìobhadh. Bu toigh leam crìoch a chur air na Litrichean mu dheidhinn le dà n eile aige. Agus saoilidh mi gu bheil am pìos seo gu math iomchaidh do luchd-ionnsachaidh na Gà idhlig. ’S e an tiotal a th’ air “A’ Labhairt na Gà idhlig Rium Fhìn”.
Nise, tha mi air a bhith ag rà dh ri luchd-ionnsachaidh airson bliadhnaichean gum bu chòir dhaibh Gà idhlig a labhairt riutha fhèin cho tric ’s as urrainn. A’ gabhail fras, anns a’ chà r, a’ coiseachd a’ mhonaidh, air beulaibh sgà than…. à ite sam bith sa bheil cothrom aca.
Agus chan e labhairt a-mhà in. Dh’fhaodadh iad seinn. Tha e math do dhuine sam bith òrain ionnsachadh, eadhon mura h-eil iad math air seinn. Seo a-nise sèist an òrain seo:
Seinn, seinn, seinnidh mise a’ Ghà idhlig
Seinn, seinn, seinnidh mi dhomh fhìn,
Bho nach cluinn mi nise fuaim aig a’ mhuinntir tha mun cuairt,
Seinn, seinn, seinnidh mi dhomh fhìn.
Carson a sgrìobh Iain an t-òran seo? Uill, bha e a’ fuireach ann an à ite far nach robh Gà idhlig aig mòran. Agus chum an cà nan ceangal na inntinn don dùthaich dham buineadh e. Seo a’ chiad rann dhen òran:
Nuair a labhras mi rium fhìn anns a’ Ghà idhlig laghach, ghrinn,
Bidh mi ann am bruadar anns na glinn,
Chì mi Ruairidh Mòr MacLeòid is a nighean ghasta, chòir,
Seinn sa chà nan sheòghn gu ceòlmhor binn.
Seinn, seinn, seinnidh mise a’ Ghà idhlig
Seinn, seinn, seinnidh mi dhomh fhìn,
Bho nach cluinn mi nise fuaim aig a’ mhuinntir tha mun cuairt,
Seinn, seinn, seinnidh mi dhomh fhìn.
Agus seo agaibh dĂ rann eile:
Ged a chaidh mi fad’ thar chuan, cha do thilg mi Ghà idhlig uam,
’S tric a thog i m’ aigne suas air muir is tìr,
DlĂąth ri glĂąn mo mhĂ thar chaomh, nam leanaban tĂąsail maoth,
’S i Ghà idhlig mhodhail chiùin a dh’ionnsaich mi.
Tha i nise mòran aois, ’s i bh’ aig Adhamh measg nan craobh,
Fhuair i urram à rd an iomadh tìr,
A’ tighinn tarsainn na Roinn-Eòrp’, chùm na Gà idheil ise beò,
’S i bh’ aig Calum còir an Eilean I.
Uill, sin e a thaobh bà rdachd Iain Duibh. Ach tha ceist agam dhuibh mun sgìre anns an do thogadh Iain – Geà rrloch. Dh’fhaighnich fear dhìom turas (bha e a’ bruidhinn ann am Beurla), an robh mi eòlach air sgìre Gheà rrloch. Thuirt mi gu robh, rud beag co-dhiù. Uill, dh’fhaighnich e, “ciamar a tha measan tropaigeach a’ fàs ann?”
“Measan tropaigeach?” thuirt mi.
“Seadh,” fhreagair e, “tha tri melons ann.”
“Trì melons?!” thuirt mise.
“Gu dearbh,” thuirt am fear eile, “Mellon Charles, Mellon Udrigle agus Mellangaun.”
Uill, ’s e a’ cheist a th’ agam dhuibhse – carson a tha na “melons” seo air a’ mhap? Dè tha iad a’ ciallachadh? Innsidh mi dhuibh an ath-sheachdain.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Abairtean na seachdaine: na beagan seachdainean a dh’fhalbh: the past few weeks; cha robh e na sgoilear: he wasn’t a scholar; Liosmòr ann an ceann a tuath Cuimrigh Nuaidh a Deas: Lismore in northern New South Wales; an t-Urramach Ailean MacIlp, a bhuineadh do dh’Uibhist a Tuath: Rev. Allan Mackillop, who belonged to North Uist; A’ Labhairt na Gà idhlig Rium Fhìn: Speaking Gaelic to Myself; gum bu chòir dhaibh Gà idhlig a labhairt riutha fhèin: that they should speak Gaelic to themselves; cho tric ’s as urrainn: as often as possible; à ite sam bith sa bheil cothrom aca: any place they have an opportunity; chan e labhairt a-mhà in: not only speaking; seinnidh mi dhomh fhìn: I will sing to myself; bho nach cluinn mi nise fuaim: since I won’t now hear a noise; aig a’ mhuinntir [a] tha mun cuairt: from [at] the people who are around; chum e ceangal na inntinn don dùthaich dham buineadh e: it maintained a link in his mind to the country to which he belonged; seinn sa chà nan sheòghn gu ceòlmhor binn: singing melodiously in the superlative language; cha do thilg mi Ghà idhlig uam: I didn’t throw Gaelic from me ie I didn’t discard it; glùn mo mhà thar chaomh: my tender mother’s knee; nam leanaban tùsail maoth: when I was a tiny soft baby.
Puing-chĂ nain na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.