
06/05/2005
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 305
Duration: 05:31
Litir 305: Miss Rees
An t-seachdain sa chaidh, bha mi ag innse dhuibh mu Iain Dubh Mac Dhòmhnaill âic Iain ann am Brisbane, agus mar a fhuair e lorg air lethbhreac de Theachdaire an t-Sluaigh ann am bĂšth sa bhaile sin. Uill, oidhche bha seo, bha Iain aig cèilidh ann am Brisbane agus dhâiarr fear an taighe air a h-uile duine a bha an lĂ thair rann no òran a ghabhail, no sgeulachd innse, air peanas bonn airgid a phĂ igheadh. Cha robh bonn sam bith aig Iain na phòcaid agus cha bâ urrainn dha seinn, no sgeulachd innse, ach ann an GĂ idhlig. Is cha robh e an dĂšil gu robh aon duine an lĂ thair aig an robh GĂ idhlig.
Cha ghabhadh fear an taighe ri leisgeul agus cha robh dol-Ă s aige. ThĂ inig rann beag do chuimhne â rudeigin a leugh e ann an Teachdaire an t-Sluaigh. Agus seo e:
Bha bodach am Bailâ Obair Pheallaidh
âS a thaigh air a thughadh le bealaidh,
Ach dhâèirich gaoth gheur,
âS bha an tughadh san speur,
âS thuirt aâ chailleach âho-rèâ, dèan taigh-geal dhethâ!
Tha mi an dòchas gu bheil sibh ga thuigsâ. Leis gun do dhâfhalbh an tughadh, bâ fheudar don bhodach, tha mi cinnteach, sglèatan a chur air mullach an taighe, is taigh-geal a dhèanamh de thaigh-dubh.
Bha bodach am Bailâ Obair Pheallaidh
âS a thaigh air a thughadh le bealaidh,
Ach dhâèirich gaoth gheur,
âS bha an tughadh san speur,
âS thuirt aâ chailleach âho-rè, dèan taigh-geal dhethâ!
Mar a thachair, bha duine san èisteachd aig an robh beagan GĂ idhlig â fear aig an robh pĂ rantan Ă s an Eilean Sgitheanach. Aig an Ă m ud, bha mòran ann an AstrĂ ilia aig an robh an cĂ nan, gu seachd Ă raidh sna puirt-mhara, agus air bòrd nan long a bha aâ seòladh aâ chuain.
Nuair a bha Iain agus a bhean suas ann am bliadhnaichean, roghnaich iad turas dhachaigh a ghabhail a dhâAlba air bòrd luinge. Fhuair Iain a-mach gu sgiobalta gu robh grunnan dhen chriubha aig an robh GĂ idhlig â triĂšir Ă s an Eilean Sgitheanach, còignear Ă eileanan eile agus fear Ă Ărasaig. Bha fear-riaghlaidh aâ phuirt ann an Hobart (dhan deach iad an toiseach) Ă GeĂ rrloch, agus thachair Iain ri feadhainn ann am Melbourne aig an robh GĂ idhlig cuideachd. Cha do ghabh e sĂšim sam bith de dhâAdelaide, ge-tĂ , oir cha bâ aithne dha aon duine anns aâ bhaile sin a bhruidhneadh ris na chĂ nan fhèin!
Nuair a bha iad ann an sgĂŹre GheĂ rrloch bha iad aâ fuireach ann am Poll IĂšbh. Bha mòran air atharrachadh anns aâ bhaile thairis air an Ăšine a bha Iain air a bhith ann an AstrĂ ilia. Bha na bĂ taichean-smĂšid air sgur de bhith aâ tadhal air, agus cha robh muileann ann tuilleadh. Ach bha aon rud math ann. Bâ e sin aâ bhan-lighiche, Miss Rees, air an robh na daoine uabhasach measail. Rinn i leigheas air tinneas a bha aâ bualadh air Iain fhèin, agus sgrĂŹobh e òran dhi. Seo trĂŹ rannan dheth:
ThĂ inig lighiche beag don taobh tuath,
Tha anabarrach sgileil mun t-sluagh,
Chan eil tinneas no galar nach teich Ă s aâ bhaile
Nuair a chithear a faileas mun cuairt.
Nach fhaic sibh na bodaich Ă BlĂ ir,
Iain Mollach âs an âRamâ is cĂ ch,
Chan eil siataig nan casan no pian anns an stamaig,
Bhon a thĂ inig aâ chaileag don Ă ite.
Ged a bhiodh an lĂ fliuch agus fuar,
Bidh an lèigh gach madainn mun cuairt,
Cur iocshlaintean fallain an creuchdan nan cailleach,
Gan cumail air ais Ă s an uaigh!
Sin e bhuamsa an t-seachdain seo. Beannachd leibh.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Abairtean na seachdaine: cha bâ urrainn dha seinn ach ann an GĂ idhlig: he could only sing in Gaelic; cha robh e an dĂšil gu robh aon duine an lĂ thair: he didnât think there was anybody present; thĂ inig rann beag do chuimhne: a short verse came to [his]mind; air a thughadh le bealaidh: thatched with broom; dèan taigh-geal dheth: make it into a white house [ie non-thatched]; suas ann am bliadhnaichean: at a good age; cha do ghabh e sĂšim sam bith de X: he didnât think much of X; cha bâ aithne dha aon duine: he didnât know one person; bha na bĂ taichean-smĂšid air sgur de bhith aâ tadhal air: the steamboats had stopped calling there; [aâ] cur iocshlaintean fallain an creuchdan nan cailleach: putting healthy remedies in the old womenâs wounds; gan cumail air ais Ă s an uaigh: keeping them out of the grave.
Puing-chĂ nain na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.