
15/04/2005
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 302
Duration: 05:34
Litir 302: Iain Breac
Nach math na sgeulachdan a tha ag innse mar a bhios amadan a’ dèanamh a’ chùis air daoine eile. Seo agaibh tè air mar a rinn amadan Iain Bhric a’ chùis air mèirleach ann an Coille Tharbhaidh.
Tha coille mhòr fhathast ann an Tarbhaidh, a tha suidhichte ann am meadhan Siorrachd Rois, eadar Ulapul agus Inbhir Pheofharain. Anns an t-seachdamh linn deug bha a’ choille mòr is dorch is cunnartach. Agus bhiodh mòran robairean ri spùinneadh innte. Nuair a bha Iain Breac na cheann-cinnidh do Chloinn ’ic Leòid Dhùn Bheagain, chaill e mòran airgid innte.
Seo mar a thachair e. Chuir Iain Breac a sheumarlan a dh’Inbhir Nis, ann an cuideachd dithis eile, airson airgead fhaighinn a phà igheadh airson obair-cà raidh air a’ chaisteal aige ann an Dùn Bheagan – an dearbh chaisteal a tha feumach air cà radh an là an-diugh.
Fhuair an triùir a dh’Inbhir Nis gu sà bhailte agus fhuair iad an t-airgead. Chuir iad ann am poca e. Air an rathad dhachaigh, thà inig mèirlich orra ann an Coille Tharbhaidh. Thug na robairean gunnaichean a-mach is dh’òrdaich iad don triùir an cuid airgid gu lèir a thoirt seachad. Thug iad am poca seachad. B’ fheudar don t-seumarlan agus a chompanaich cumail a dol don Eilean Sgitheanach airson innse do dh’Iain Breac gun do chaill iad an t-airgead gu lèir.
Bha Iain feumach air an airgead, ge-tà , agus chuir e teachdaire eile, le companaich thapaidh, a dh’Inbhir Nis airson tuilleadh fhaighinn. Ach, air an rathad dhachaigh, ann an Coille Tharbhaidh, thachair an dearbh rud a thachair don fheadhainn eile. Is rà inig iad Dùn Bheagan gun sgillinn ruadh air fhà gail aca.
Thà inig an leann-dubh air Iain Breac. Cha b’ urrainn eadhon a phìobaire, a chlà rsair no a bhà rd inntinn a thogail. Mhothaich an t-amadan gu robh a mhaighstir gu math ìosal is chaidh e a bhruidhinn ris. Dh’fhaighnich e dheth gu dè a bha a’ cur air. Mhìnich Iain Breac na thachair agus thuirt an t-amadan ris, “Na gabhaibh dragh. Sùim sam bith a tha sibh ag iarraidh faighinn, gheibh mise i. Bheir mi dhachaigh gu sà bhailte i.”
Cha robh Iain Breac a’ cur cus earbsa ann am beachd an amadain. Ach lean an t-amadan air, ag rà dh gun dèanadh esan a’ chùis far an do dh’fhailnich air feadhainn eile. Agus, mu dheireadh, dh’aontaich an ceann-cinnidh an cothrom a thoirt dha. Bha Iain Breac airson an t-each as fheà rr aige a thoirt don amadan, ach cha robh an t-amadan air a shon idir. Thagh esan seann là ir nach robh gu mòran feum tuilleadh. Agus dh’fhalbh e.
Nuair a rà inig e Coille Tharbhaidh, thachair e ri mèirleach a dh’fhaighnich dheth cà ’ robh e a’ dol. “Tha mi a’ dol a dh’Inbhir Nis airson airgead fhaighinn do mo mhaighstir”, thuirt an t-amadan.
“Agus am bi companaich agad nuair a thilleas tu?” dh’fhaighnich am fear eile.
“O cha bhi,” fhreagair an t-amadan.
“Uill, cumaidh mise sà bhailte thu,” thuirt am mèirleach, “oir bidh daoine olc a’ tadhal air a’ choille seo.” Dh’fhaighnich e dhen amadan cuin’ a bhiodh e a’ tilleadh, agus thuirt e gun coinnicheadh e ris anns a’ choille air an là sin.
Chum an t-amadan a’ dol a dh’Inbhir Nis agus fhuair e an t-airgead. Chuir e an t-airgead ann am poca. Ach fhuair e poca eile, dhen aon seòrsa, agus lìon e sin le sligean maoraich. Bha, mar sin, dà phoca aige, ach chum e am falach iad, fo chleòca. Chaidh e air muin na seann là ire agus rinn e air an taobh an iar. Agus innsidh mi dhuibh mar a rinn e a’ chùis air a’ mhèirleach anns an ath Litir.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-chĂ nain na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.