
04/03/2005
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 296
Duration: 05:19
Litir 296: Aâ Bhanarach is am Mèirleach
Bu mhath leam tòiseachadh an t-seachdain seo le amaladh-cainnte. âS e sin aâ GhĂ idhlig air âtongue twisterâ â amaladh-cainnte, agus tha iomadh dhiubh ann ann an GĂ idhlig. Feuchaibh am fear seo: cha robh reithe leathann liath riamh reamhar. Cha robh reithe leathann liath riamh reamhar. A bheil sibh ga thuigsâ? Feuchaibh a-rithist e â gu sgiobalta. Cha robh reithe leathann liath riamh reamhar. Uill, rinn mi aâ chĂšis an ĂŹre mhath...
ThĂ inig leabhar inntinneach a-mach an-uiridh anns a bheil naidheachdan is stòiridhean co-cheangailte ris aâ GhĂ idhealtachd. âS e an t-ainm a thâ air Recollections of an Argyllshire Drover and other West Highland Chronicles agus âs e a thâ annta ach sgeulachdan is naidheachdan a chaidh a chruinneachadh le Eric Cregeen. Rinn Mairead Bennett obair deasachaidh air an leabhar â anns a bheil stòiridhean anns an dĂ chĂ nan. âS e fear de na daoine a thug sgeulachdan do Chregeen Dòmhnall Mac na CeĂ rdaich, no Dòmhnall Chaluim BhĂ in, Ă Baile Phuill ann an Tiriodh. Tha mi cinnteach nach robh cus duilgheadais aige fhèin le amalaidhean-cainnte, co-dhiĂš a rèir cho sgiobalta âs a bha eanchainn is a theanga le stòiridhean Ă beul-aithris.
Rugadh Dòmhnall ann an ochd ceud deug, ochdad âs a còig (1885) agus chuir e aâmhòr-chuid de bheatha seachad ann an Tiriodh fhèin, ach a-mhĂ in an Ăšine a bha e anns aâ Chabhlach RĂŹoghail sa Chogadh Mhòr. Gu dearbh, chuir e seachad aâ mhòr-chuid de bheatha ann am Baile Phuill fhèin â âbaile nam bĂ rdâ mar a chanadh iad ris anns an naoidheamh linn deug. Bha athair, Calum BĂ n, cuideachd ainmeil mar seanchaidh. Am measg na chruinnich dualchas bho Dhòmhnall, bha Calum MacIlleathain nach maireann, agus an t-Ollamh Iain MacAonghais.
Bâ e tè de na sgeulachdan a dhâinnis Dòmhnall âAâ Bhanarach agus am Mèirleachâ. Seo pĂ irt dhith agus cumaidh mi gu math faisg air aâ chainnt aig Dòmhnall fhèin a tha cho brèagha is cho Tiristeach. âAig an Ă m shònraichte a bha seothach, bhiodh iad aâ goid crodh air DiĂšc Earra-GhĂ idheal. Agus thachair gu robh mo shinn-sinn-seanmhair [air an robh Seònaid], gu robh i na banaraich aig DiĂšc Earra-GhĂ idheal. Chan fhanadh na gillean a dhâfhaire dè bha aâ gabhail à ite, ach thuirt ise an oidhche seo â âs e boireannach sgairteil a bhâ innte â âFanaidh mise,â arsâ ise, âa-nochd a dhâfhaire aâ chruidh ach dè chĂŹ mi.â Agus thilg i oirre am breacan agus rinn i air aâ bhĂ thaich.
Shuidh i fo cheann mĂ irt. Cha robh i fada bho cheann aâ mhĂ irt nuair a thĂ inig na mèirlich â dithis â is bha iad aâ feuchainn aâ chruidh ach cò an fheadhainn a bu reamhra. Agus cĂ â na chuir fear de na mèirlich a chorrag ach ann am beul na tè a bha fo cheann aâ mhairt. Agus nuair a fhuair i grèim air a chorraig, le aon snap thug i dheth bĂ rr na corraig. Theich na mèirlich. Agus anns aâ mhadainn nuair a bha a h-uile nĂŹ gu gasta, thuirt an DiĂšc rithe, âCiamar a chaidh dhut a-raoir, a Sheònaid?â
âChaidh gu math,â thuirt ise. âSin agaibh pĂŹos de mheur aâ mhèirlich agus faighibh fhèin aâ chòrr.â Agus âs e tuathanach nach robh brĂšideil fada air falbh a bha aâ goid aâ chruidh, chionn fhuaradh e. Cha bâ urrainn dha chorrag fhalach agus bha e air a bhrath. Bha sgonn eile dhen chorraig aig an DiĂšc. Uill, chan eil fhios agam an deach an duine sin a pheanasachadh. Tha mi cinnteach gun deachaidh.â Sin agaibh blasad dhen dualchas a chaidh a chruinneachadh bho Dhòmhnall Chaluim BhĂ in â seanchaidh math dha-rĂŹreabh.
Faclan na Litreach
amaladh-cainnte -Â tongue twister
Mac
na CeĂ rdaich -Â Sinclair
Baile Phuill - Balephuil
Tiriodh -Â Tiree
seanchaidh -Â storyteller
nach maireann -Â deceased
mo
shinnsinn-seanmhair -Â my
great-great-grandmother
breacan -Â tartan plaid.
Abairtean na Litreach
tha iomadh dhiubh ann: there are many of them; a bheil sibh ga thuigsâ? (thuigsinn): do you understand it?; sgeulachdan is naidheachdan a chaidh a chruinneachadh le X: stories and anecdotes that were collected by X; nach robh cus duilgheadais aige fhèin: that he himself didnât have too much difficulty; rinn X obair deasachaidh air an leabhar: X edited the book; chuir e seachad aâ mhòr-chuid de bheatha ann am X: he spent most of his life in X; mar a chanadh iad ris: as they called it; Aâ Bhanarach agus am Mèirleach: The Dairymaid and the [Cattle]Thief; a tha cho brèagha is cho Tiristeach: which is so delightful and so Tiree-ish; chan fhanadh na gillean a dhâfhaire dè bha aâ gabhail à ite: the boys would not stay to be on the lookout for what was happening; âs e boireannach sgairteil a bhâ innte: she was a hardy, energetic woman; fanaidh mise a dhâfhaire aâ chruidh ach dè chĂŹ mi: I will stay to keep watch on the cattle to see what I [will] see; rinn i air aâ bhĂ thaich: she made for the byre; bha iad aâ feuchainn aâ chruidh ach cò an fheadhainn a bu reamhra: they were trying (feeling) the cattle to see which were the fattest ones; cĂ â na chuir fear de na mèirlich a chorrag: where did one of the thieves put his finger; thug i dheth bĂ rr na corraig: she took off the top of the finger; nuair a bha a h-uile nĂŹ gu gasta: when everything was in good order; ciamar a chaidh dhut a-raoir, a Sheònaid?: how did you get on last night, Janet?; faighibh fhèin aâ chòrr: [you can] get the rest for yourself; chan eil fhios agam an deach X a pheanasachadh: I donât know if X was punished; tha mi cinnteach gun deachaidh [dialectal form of deach]: Iâm sure he was.
Puing-chĂ nain na Litreach
Aig an Ă m shònraichte a bha seothach, bhiodh iad aâ goid
crodh air DiĂšc Earra-GhĂ idheal: at this particular time, they would steal cattle from the Duke
of Argyll. I have just looked up seothach in the three most recently published Gaelic
dictionaries and none of them carries it. This is because it is a dialectal form of seo.
Nevertheless, it is met with quite frequently, not only in Tiree, but also in the most southerly of
the Western Isles. The âstandardâ form of the above sentence would be âaig an Ă m
shònraichte a bha seo, bhiodh...â The same applies to sin and siud â these also exist in the
dialectal forms sineach or shineach and siudach or shiudach. Donât be fazed by such dialectal
variation â it is one of the joys of (any) language that not everybody speaks it in exactly the
same way.
Amaladh-cainnt na Litreach
Cha robh reithe leathann liath riamh reamhar: (lit.) there was never a broad grey ram that was fat. Of course, the sentence is nonsense â its only value is as a tongue-twister!
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.