
10/12/2006
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 284
Duration: 05:24
Litir 284: Dòmhnall Horne MacPhà rlain.
Anns an Iuchar ochd ceud deug, ochdad âs a sia (1886), bha taghadh nĂ iseanta ann, dĂŹreach beagan mhĂŹosan an dèidh an taghaidh mu dheireadh. Agus bha iomairt lĂ idir aig na Tòraidhean an aghaidh ball Earra-GhĂ idheal, Dòmhnall Horne MacPhĂ rlain. Bha MacPhĂ rlain gu mòr air taobh nan croitearan a bha ag iarraidh còraichean fearainn.
Chuir na Tòraidhean tagraiche air adhart air an robh an Còirnealair Iain MacCaluim, agus fhuair esan taic mhòr bho na h-uachdarain agus na tuathanaich mhòra. Agus, leis gur e an samhradh a bhâ ann, bha mòran dhen luchd-taic aig MacPhĂ rlain air falbh bhon dachaigh, ag obair taobh a-muigh na GĂ idhealtachd. Bhuannaich MacCaluim an taghadh, le mòr-chuid de chòrr is sia ceud bhòt.
Ach, a dhâaindeoin âs gun do chaill e, cha do thrèig Dòmhnall MacPhĂ rlain Earra-GhĂ idheal, agus bha e air ais ann an Tiriodh goirid an dèidh an taghaidh. Chaidh buidheann de Thiristich a chur don phrĂŹosan nuair a dhâfheuch iad ri tuathanas a ghabhail thairis. Agus shoirbhich le MacPhĂ rlain ann an bhith gan leigeil ma sgaoil na bu trĂ ithe na bha dĂšil.
Thill MacPhĂ rlain a mharsantachd ann an Lunnainn airson beagan bhliadhnaichean. Ach ann an ochd ceud deug, naochad âs a dhĂ (1892), sheas e a-rithist airson na pĂ rlamaid ann an Earra-GhĂ idheal. Bha an taghadh seo ann as t-samhradh cuideachd ach, leis gu robh cĂšisean air a dhol am feabhas do na Libearalaich gu nĂ iseanta, bhuannaich e â ach le mòr-chuid bheag â dĂŹreach ochdad bhòt.
Bha gà irdeachas gu leòr ann am measg nan croitearan agus chaidh bà rdachd Ghà idhlig a sgrÏobhadh mar chomharra air buaidh MhicPhà rlain. Seo aon rann à aon dà n:
Nise, bho choisinn thu ân t-urram,
Thèid thu (a) mhòr-bhaile Lunnainn a-suas;
Bidh an lĂšchairt na BĂ nrighinn
Ăite-suidhe aig MacPhĂ rlain (a) bhios buan,
Thagairt cĂšis Earra-GhĂ idheal,
âS bidh thu misneachail, stĂ ilinneach, cruaidh,
âS bheir thu dhachaigh aâ chòir dhuinn
Rinn na nà imhdean le fòirneart thoirt uainn.
SgrĂŹobh am bĂ rd Eòghann Dòmhnallach, no Eòghann ShĂŹm, Ă Gleann Urchardain, dĂ n dha air an robh, gu sĂŹmplidh, âMacPhĂ rlainâ. Tha sin aâ dearbhadh toileachas nan croiteararan:
Tha pĂ ipear aâ tighinn
Leis an fhios a bha dhĂŹth oirnn;
âS iomadh fear a tha ga shireadh
âS cha bu sgillinn bu phrĂŹs dha;
Tha e miadhail a-nochd
Aig gach posta san rĂŹoghachd,
âS bidh sinn ân earbsa a-nise
Gum brist iad na frĂŹthean â
Mas fhĂŹor am beachd
âS iomadh teine tha nochd
Air na cnocan as Ă irde;
Cha bhi chuing air na botaill
Bhon a choisinn MacPhĂ rlain;
An duine foghainteach treun,
NĂŹ e feum anns gach Ă ite;
Guidhibh saoghal bith-bhuan dhĂ ,
âS òlaibh suas a dheoch-slĂ inte â
Gu grunnd gun stad.
Chaochail TeĂ rlach StiĂšbhart Parnell ann an ochd ceud deug, naochad âs a h-aon (1891). Agus thug am prĂŹomhaire Gladstone bile Ăšr air adhart, airson fèin-riaghladh a thoirt do dhâĂirinn, aâ bhliadhna an dèidh sin, le taic bho Dhòmhnall MacPhĂ rlain am measg eile. Shoirbhich leis ann an Taigh nan Cumantan ach chaill e ann an Taigh nam Morairean. Leig Gladstone dheth a dhreuchd ann an naochad âs a ceithir (1894) ach, mus do dhâfhalbh e, mhol e gum biodh Dòmhnall MacPhĂ rlain air a dhèanamh na ridire. Fhuair Dòmhnall frĂŹth-ainm Ă s a sin â âRidire Caitligeach na Croitearachdâ.
Ach cha robh fada aige ri dhol mar bhall pĂ rlamaid. An dèidh Ghladstone, chaidh am PĂ rtaidh Libearalach bhuaithe agus chaill MacPhĂ rlain a shuidheachan anns an taghadh nĂ iseanta ann an naochad âs a còig (1895). Ach tha e air a chuimhneachadh fhathast ann am bĂ rdachd na GĂ idhealtachd. Gu dearbh, a bharrachd air TeĂ rlach Friseal Mac an Tòisich Ă Inbhir Nis, tha e doirbh smaoineachadh air ball pĂ rlamaid mun deach uiread de bhĂ rdachd GhĂ idhlig a sgrĂŹobhadh.
Faclan na seachdaine
Faclan na seachdaine: taghadh: election; còraichean fearainn: land rights; tagraiche: candidate; an Còirnealair Iain MacCaluim: Col. John Malcolm; mòr-chuid: majority; Tiristich: people of Tiree; marsantachd: a merchantâs business; buan: enduring; Gleann Urchardain: Glen Urquhart; frĂŹth-ainm: nickname.
Abairtean na seachdaine
Puing-chĂ nain na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.