
26/11/2006
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 282
Duration: 04:59
Litir 282: Dòmhnall Horne MacPhà rlain
Bâ e Dòmhnall Horne MacPhĂ rlain fear de ghaisgich GhĂ idhealach na PĂ rlamaid anns na h-ochdadan dhen naoidheamh linn deug. Rugadh e ann an ochd ceud deug is trithead (1830) ann an Gallaibh. Bha athair, Ailean MacPhĂ rlain, na oifigear iasgaich ann an Inbhir Ăige. âS e Mairead Horne a bhâ air a mhĂ thair, is bha ise Ă Gallaibh cuideachd.
Bha trĂŹ duine deug aca de chloinn. Bha ceathrar mhac am measg sin, agus bâ e Dòmhnall am fear a bâ òige dhiubh. Nuair a bha e ochd bliadhna a dhâaois, rinn an teaghlach eilthireachd gu AstrĂ ilia. Aig an aon Ă m, chaidh cuid de na cĂ irdean aca a dhâfhuireach anns na h-Innseachan. Nuair a bha Dòmhnall fichead bliadhna a dhâaois, dhâfhĂ g e AstrĂ ilia, agus chaidh e a dhâfhuireach còmhla ri chĂ irdean anns na h-Innseachan.
Chaidh cĂšisean gu math dha ann a sin. Dhâèirich e gu bhith na cheannard air companaidh de mharsantan ann an Calcutta. Tha e coltach gun do choisinn e airgead mòr an sin. Gu cinnteach, leis gu robh e beartach, bha e gu math eadar-dhealaichte bho na daoine â na croitearan bochda Albannach â a bha e aâ dol a riochdachadh anns aâ PhĂ rlamaid. Ach chan ann as leth muinntir na h-Alba a sheas e, anns aâ chiad dol a-mach co-dhiĂš.
Phòs Dòmhnall tè, Mary Isabella Bagshawe, ann an ochd ceud deug, caogad âs a seachd (1857). Bhathar ag rĂ dh gun do bhuin ise do shliochd na h-Ăireann. Agus bhathar ag rĂ dh gur ann troimhpese a thog e Ăšidh ann am poileataics na h-Ăireann, agus anns an Eaglais Chaitligich.
Thòisich e ann am poileataics gu dreuchdail, ann an Ăirinn, ann an ochd ceud deug is ochdad (1880), nuair a chaidh a thaghadh mar bhall do Chontae aâ Cheatharlaich, no Carlow. Thuirt e mu dhèidhinn fhèin gur e âLibearalachâ a bhâ ann, a bha aâ creidsinn ann am fèin-riaghladh do dhâĂirinn. Ach tha e coltach nach robh e cho lĂ idir ri cuid de na NĂ iseantaich, agus gun deach e an aghaidh seasamh ceannard pĂ rtaidh na h-Ăireann anns aâ PhĂ rlamaid, TeĂ rlach StiĂšbhart Parnell.
Fhad âs a bha Dòmhnall MacPhĂ rlain na bhall pĂ rlamaid do sgĂŹre Ăireannach, thog e Ăšidh ann an ceist an fhearainn ann an Alba. Cha bâ fhada gus an robh e aithnichte mar fhear de luchd na pĂ rlamaid a bha taiceil do na croitearan Albannach. Ăs dèidh BlĂ r aâ Chumhaing anns an Eilean Sgitheanach ann an ochd ceud deug, ochdad âs a dhĂ (1882), eadar croitearan is na h-Ăšghdarrasan, thog MacPhĂ rlain a ghuth aig Westminster. Dhâiarr e air aâ PhĂ rlamaid Coimisean RĂŹoghail a stèidheachadh a bheireadh sĂšil air ceist an fhearainn ann an Alba.
Cha deach leis aig an toiseach, ach mu dheireadh chuir aâ PhĂ rlamaid Coimisean Napier air dòigh airson an gnothach a sgrĂšdadh. Ged a bha e aig an Ă m ud aâ riochdachadh sgĂŹre Ăireannach, bhiodh MacPhĂ rlain cho tric aâ bruidhinn mu shuidheachadh na h-Alba, âs gun do chuir cuid de na buill am far-ainm air âBall PĂ rlamaid an Eilein Sgitheanaichâ.
Bâ e Dòmhnall MacPhĂ rlain aâ chiad cheann-suidhe air Comann Ath-leasachadh Lagh Fearainn na GĂ idhealtachd, buidheann-choiteachaidh a bha stèidhichte ann an Lunnainn. Mean air mhean, dhâfhĂ s croitearan na h-Alba eòlach air ainm. Bha sin gu h-Ă raidh fĂŹor ann an Earra-GhĂ idheal far an robh mòran nam buill dhen Chomann.
Anns an ĂgmhĂŹos ochd ceud deug, ochdad âs a còig (1885), chaill riaghaltas Ghladstone bhòt ann an Taigh nan Cumantan agus chum am Morair Salisbury air mar phrĂŹomhaire gus am biodh taghadh nĂ iseanta ann san t-Samhain. Chuir Dòmhnall Horne MacPhĂ rlain roimhe seasamh anns an taghadh airson Earra-GhĂ idheal. ChĂŹ sinn mar a chaidh dha an ath-sheachdain.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-chĂ nain na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.