
15/10/2004
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 276
Duration: 05:11
Litir 276: Cnoc glas fada bhuam – lom lom nuair a ruigeas mi e
Thà inig mi tarsainn air seanfhacal anns a’ Ghà idhlig Mhanainnich an là eile. Nise, chan eil an cà nan sin agam ach saoilidh mi gun tuigeadh Gà idheil na h-Alba gu leòr dhith. Seo an seanfhacal, agus tha mi a’ dol a dh’fheuchainn ri leughadh cho math ’s as urrainn dhomh. Ach ma tha duine ag èisteachd aig a’ bheil Gà idhlig Eilein Mhanainn, tha mi an dòchas gun gabh e mo leisgeul ma thèid mi ceà rr: Cronk ghlass foddey voym – loam loam tra roshym eh.
Cuiridh mi Gà idhlig na h-Alba air, agus chì sibh dè tha e a’ ciallachadh: Cnoc glas fada bhuam – lom lom nuair a ruigeas mi e. Tha glas a’ ciallachadh dath gorm an fheòir – mar a bha e a’ ciallachadh ann an Alba o shean. Cnoc glas fada bhuam – lom lom nuair a ruigeas mi e. Cha chreid mi nach e brìgh an t-seanfhacail gu bheil uaireannan cùisean a’ coimhead nas fheà rr nuair a tha thu fad air falbh. Agus nuair a thèid thu faisg, chan eil iad buileach cho math ’s a bha thu an dùil. Cnoc glas fada bhuam – lom lom nuair a ruigeas mi e.
’S e facal a th’ ann an glas a nochdas air feadh nan cà nanan Ceilteach. Tha am faclair Cuimreach agam ag rà dh, “glas: blue or green”. Agus tha faclair ùr Gà idhlig agam ag innse dhomh gu robh am facal anns an t-seann Ghà idhlig is seann Chuimris, is gu bheil e fhathast ann an cà nan na Breatainne Bige. Tha fhios gum bi sibh a’ faighneachd, “dè bha sin? Dè thuirt Ruairidh? Faclair Gà idhlig ùr eile?” Uill, feumaidh a bhith onarach – tha e ùr dhomhsa, ach chan eil e idir ùr.
O chionn ghoirid, às dèidh dhomh a bhith a’ feuchainn airson ùine mhòr ri fear a cheannach, fhuair mi grèim air an fhaclair air a bheil An Etymological Dictionary of the Gaelic Language, le Alasdair MacBheathain. Tha e ri fhaighinn air an eadar-lìon ach tha rudeigin mu dheidhinn leabhraichean a tha fhathast tarraingeach dhomh, agus bha mi uabhasach toilichte nuair a cheannaich mi an leabhar. ’S e an dà rna iris dheth is chaidh fhoillseachadh ann an naoi ceud deug is aon-deug (1911), ceithir bhliadhna an dèidh bàs an ùghdair. Thà inig a’ chiad iris dheth a-mach ann an ochd ceud deug, naochad ’s a sia (1896).
Anns a’ chòrr dhen Litir bu toigh leam rudeigin innse dhuibh mu ùghdar an fhaclair, Alasdair MacBheathain. Rugadh is thogadh e ann an Gleann Fèithisidh ann am Bà ideanach, an cois a’ Mhonaidh Ruaidh, anns a’ bhliadhna ochd ceud deug, leth-cheud ’s a còig (1855). ’S e à ite gu math Gà idhealach a bh’ ann aig an à m ud.
Thòisich Alasdair mar thidsear anns an sgìre aige fhèin is an uair sin dh’fhalbh e a dh’obair airson an t-Suirbhidh Òrdanais anns a’ Chuimrigh. Nuair a bha e naoi bliadhn’ deug a dh’aois, chaidh e don t-Seann Sgoil-ghrà mair ann an Obar Dheathain is an uair sin a Cholaiste an Rìgh. Aig aois còig ar fhichead (25), fhuair e obair mar cheannard sgoile ann an Inbhir Nis, agus ’s ann anns a’ bhaile sin a dh’fhuirich e airson a’ chòrr de bheatha.
Bha Alasdair an sàs ann an Comunn Gà idhlig Inbhir Nis agus sgrìobh e gu leòr phà ipearan air cuspairean co-cheangailte ri eachdraidh, dualchas is cà nanachas. Tha e fìor dhuilich nach robh cothrom aige dhol a theagasg ann an oilthigh, oir bha e geur is foghlamaichte. Dh’fhà g e dìleab mhòr dhuinn le fhaclair, agus feumaidh mi rà dh, nuair a dh’fhosgail mi an leabhar, nach ann lom a bha an cnoc, a bh’ air a bhith fada bhuam, ach glas is torrach.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-chĂ nain na seachdaine
Seanfhacal na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.