
18/06/2004
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 259
Duration: 05:12
Litir 259: Naochadair Chlach na CĂądainn
Tha ceist agam dhuibh aig toiseach na Litreach an-diugh. Cuine a nochd a’ chiad sgà ilean, no umbrella, air a’ Ghaidhealtachd? Uill, cha chreid mi gu bheil fios againn air a sin, agus feumaidh sinn aideachadh nach eil a leithid gu cus feum nuair a tha gaoth là idir ann co-dhiù. Agus, gu h-à raidh air taobh an iar na Gaidhealtachd, is iomadh là a th’ ann air a bheil a’ ghaoth ro là idir airson sgà ilean a chur suas.
Mura h-eil fios againn cuine a nochd a’ chiad sgà ilean air a’ Ghaidhealtachd, chan eil sin fìor mu bhaile Inbhir Nis, ged nach urrainn dhomh rà dh am b’ e sin a’ chiad fhear air a’ Ghaidhealtachd gu lèir. Is cuine a bha sin? Uill, faodaidh sibh tuaiream a dhèanamh air a’ ghnothach, agus innsidh mi dhuibh dè a’ bhliadhna a bh’ ann nas fhaide dhen Litir.
Mus robh sgà ilean ann, agus mus robh còtaichean ceart dìonach againn, no Gore-Tex no cà il mar sin, bidh fios agaibh gur e dìreach am breacan, no am fèile mòr, a bh’ aig daoine airson an cumail blà th is tioram. Mus robh sgà ileanan aig muinntir Inbhir Nis, tha “Naochadair Chlach na Cùdainn” ag innse dhuinn gur ann tric a chluinnte air srà idean a’ bhaile an cuireadh seo – “thig fo mo bhreacan”. Is iomadh ceangal romansach eadar fear is boireannach a thòisich anns an dòigh sin, a rèir choltais.
Nochd saighdear Gaidhealach, ann an èideadh Gaidhealach, mu choinneimh na Bà nrigh Anna turas. B’ esan am Mà idsear Seumas Friseal às an Fhreiceadan Dubh. Nise, nuair a chanas mi gu robh èideadh Gaidhealach air, feumaidh mi aideachadh nach robh fèile beag air. An à ite sin bha triubhas tartain. Ach bha breacan aige cuideachd, a ghiùlain e thairis air a ghualainn.
Dh’fhaighnich a’ Bhà nrigh dheth gu dè am feum a dhèanadh e dhen bhreacan. “Airson mo leannan a phasgadh ann air oidhche fhuar,” fhreagair am Frisealach. Uill, bha a’ Bhà nrigh cho toilichte le fhreagairt, ’s gun do tharraing i fà inne far a corraig is gun tug i don t-saighdear i.
Ach bha na là ithean romansach sin a’ tighinn gu ceann, oir cha b’ fhada gus an tigeadh an sgà ilean don Ghaidhealtachd. Chan eil e buileach cho romansach a bhith a’ toirt cuireadh do chuideigin – “thig fo mo sgà ilean”!
Tha a’ chuid mhòr anns an rìoghachd seo dhen bheachd gur ann airson a chumail tioram a chleachdas duine sgà ilean, ach chan eil sin fìor anns a h-uile h-à ite. Chunnaic mi mòran ann an Àisia a bha gan cleachdadh airson an dìon an aghaidh solas teth na grèine. Agus tha cuimhne agam air a bhith ag èisteachd ri boireannach ann an Calcutta air an rèidio, agus i a’ mìneachadh mar a bhiodh i a’ cleachdadh sgà ilean nuair a bhiodh i a’ coiseachd tro choille. “Bhiodh sin nuair a tha rà ithe an uisge ann, airson ur cumail tioram,” thuirt an t-agallamhair rithe. “O chan ann,” fhreagair i. “Bidh e gam dhìon an aghaidh nathraichean a bhios a’ leum oirnn bho na craobhan os ar cionn!”
Co-dhiù ’s ann air là tioram grianach, a nochd a’ chiad sgà ilean ann an Inbhir Nis, a rèir an “Naochadair”, Iain MacIlleathain. ’S ann air là fèille a bha e, agus chaidh an sgà ilean a ghiùlain os cionn an fhìr a bha aig meadhan na buidhne a bha a’ caismeachd tron bhaile. Is bha sin air a’ chòigeamh là fichead dhen Dà mhair anns a’ bhliadhna seachd ceud deug is seasgad (1760), direach ceithir bliadhn’ deug às dèidh Blà r fuilteach Chùil Lodair.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghrĂ mair na seachdaine
uing-ghrà mair na seachdaine: ’s gun do tharraing i fà inne far a corraig: that she drew a ring from her finger. You will know that the generic word for finger is corrag (each finger has an individual name in Gaelic), but it is here slenderised as corraig (note the pronunciation change). The reason is that it is preceded by the preposition far which takes the genitive. This might seem strange as simple looking prepositions almost always take the dative, but far originated as the complex preposition de bhà rr (literally “from the top of”). Of course, “from the finger” would be far a’ chorraig, but here corraig remains unlenited because it is commanded by the third person singular possessive article (ie “her”) which does not lenite a following consonant.
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.