
07/05/2004
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 253
Duration: 05:12
Litir 253: Loch ma NĂ ire
Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mu thachartas annasach ann am Baile Dhubhthaich anns an naoidheamh linn deug, anns an do rinn boireannaich leigheas air fear a bha tinn, agus iad dhen bheachd gun do ghabh cuideigin sùil air – ’s e sin an droch-shùil. Agus chleachd iad èiteag, no clach bheag gheal, ann an uisge mar phà irt dhen leigheas.
Uill, gu tuath air Baile Dubhthaich, ann an Srath Nabhair ann an Dùthaich MhicAoidh, tha loch ann air a bheil Loch ma Nà ire. ’S ann mar sin a tha e air na mapaichean – Loch ma Nà ire, ged a tha cuid dhen bheachd gur e Loch mo Nà ire a bu chòir a bhith ann. Tha sgoilearan air ceangal a dhèanamh eadar an t-ainm agus ban-dia phà ganach. Is dòcha gun tà inig ainm na h-aibhne – Nabhar – bhon bhan-dia seo, oir tha e gu math sean. Bha e air map Ptolemy mar Naberus.
Co-dhiù, cha do chuir sgoilearachd stad a-riamh air a’ mhòr-shluagh bho bhith a’ cruthachadh beul-aithris (a dh’fhaodadh a bhith breugach) mu ainm à ite, agus tha stòiridh ann mu dheidhinn an locha seo.
Bha cailleach ann o shean aig robh clach gheal dhraoidheil. Bha i gu math bochd ach a-mhà in gu robh a’ chlach seo aice. Leis a’ chloich, bha i comasach air cobhair a dhèanamh air daoine a bha tinn. Chuireadh i a’ chlach ann an uisge agus dh’òladh na h-euslaintich an t-uisge.
Là a bha seo chaidh an seann bhoireannach gu ruige bà illidh na h-oighreachd, Sir Raibeart Gòrdan, agus i a’ sireadh fà bhar. ’S e duine cruaidh a bh’ anns a’ Ghòrdanach, agus dhiùlt e an t-iarrtas aice. Gu dearbh, dh’fhàs e feargach agus chuir e às leth na caillich gu robh i na bana-bhuidseach.
Na bu mhiosa na sin, dh’iarr e oirre a’ chlach aice a thoirt dha. Dhiùlt i sin a-muigh no mach, agus rinn i a-mach às an taigh na deann. Bha an caothach air a’ Ghòrdanach, a rèir choltais, agus lean e oirre a-mach às an taigh mhòr. Ghlac e i air bruach an loch’ a bha seo.
Co-dhiù, mus d’ fhuair an Gòrdanach cothrom greim fhaighinn air a’ chloich dhraoidheil, thilg a’ chailleach don loch i, agus i a’ toirt mallachd air na Gòrdanaich gu lèir. Nise, tha mi air dà chunntas eadar-dhealaichte a leughadh mu na thachair às dèidh sin. A rèir aona chunntais, mhuirt am bà illidh a’ chailleach le bhith a’ tilgeil chlachan mòra oirre, agus i anns an loch. Anns a’ chunntas eile, chan eil guth air murt. Ach tha iad le chèile ag aontachadh gun do dh’èigh i, “Mo nà ire, mo nà ire!”, agus gur e sin as coireach gur e Loch mo Nà ire a th’ air an loch mar ainm an-diugh.
Co-dhiù tha sin fìor gus nach eil, dh’fhàs an loch ainmeil air feadh a’ chinn a tuath, oir bhathar a’ creidsinn gun do chuir a’ chlach an t-uisge fo dheagh gheasaibh. Thigeadh daoine bho cho fad’ air falbh ri Inbhir Nis is Arcaibh airson ionnlaid a dhèanamh anns an loch, agus is iomadh duine a bha dhen bheachd gun d’ fhuair e leigheas ann.
Agus tha e gu math iomchaidh gu bheil mi ag aithris air seo an-diugh oir air dà là anns a’ bhliadhna, bha an leigheas gu sònraichte èifeachdach. B’ e sin a’ chiad Dhiluain anns an Lùnastal agus a-mà ireach – a’ chiad là dhen Chèitean no mar a chanas na Gaidheil Là Buidhe Bealltainn. Chan eil mi ag rà dh nach nochd duine air choreigin a-mà ireach air bruach Loch mo Nà ire, agus e a’ sireadh deagh shlà inte anns a’ bhliadhna romhainn.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.