
02/04/2004
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 248
Duration: 04:48
Litir 248: Sealainn Nuadh
Cha robh mi ann an New Zealand, no Sealainn Nuadh, ach aon turas. Is mòr am beud, oir tha i uabhasach brèagha. Agus bu mhath leam a rà dh gu soilleir gu robh am beachd sin agam fada mus do nochd na fiolmaichean – “Lord of the Rings”! Chòrd na beanntan anns an eilean mu dheas gu mòr rium agus, anns an eilean mu thuath, shaoil mi gu robh cultar nam Maori air leth prìseil is inntinneach. Gu dearbh, ’s e Maori a’ chiad chà nan a chuala mi nuair a fhuair mi far na plèana ann an Auckland.
Bha na Gaidheil uaireigin pailt ann an New Zealand is tha an sliochd pailt fhathast. Chunnaic mi ìomhaigh de chù-chaorach ann an sgìre ris an canar “Dùthaich MhicCoinnich” ann am meadhan an eilein mu dheas, agus sgrìobhte oirre bha na faclan Gà idhlig “Beannachdan air a’ chù-chaorach”. As aonais nan con-chaorach, agus na caoraich fhèin, cha robh na Gaidheil air a bhith comasach air bith-beò a dhèanamh anns na beanntan sin.
Taobh a-muigh Alba is Eirinn, ’s e New Zealand an aon dùthaich air an t-saoghal far an cuala mi òrain Ghà idhlig air prògram rèidio à bhaisteach. Bha sin ann an Dùn Eideann, no Dunedin, baile gu math Albannach anns an eilean mu dheas. Uaireigin às dèidh sin, bha mi air ais ann an Astrà ilia, far an robh mi a’ fuireach, agus bha còmhradh agam le fear à New Zealand. Dh’innis e dhomh gu robh à ite anns an dùthaich aige air an robh “Lochnagar”. Nise, tha amharas agam gur e loch a bh’ ann, seach beinn, ach chan urrainn dhomh a bhith cinnteach às a sin. Ma tha duine còir sam bith ag èisteachd ri seo air an eadar-lìon ann an New Zealand, ’s dòcha gun cuir e ceart mi.
Co-dhiù, thà inig an còmhradh sin gu mo chuimhne, às dèidh dhomh bruidhinn ri fear eile, ann an Alba an turas seo, mu dheidhinn “Lochnagar”. Ach chan e “Lochnagar” a thuirt e, oir bha an còmhradh ann an Gà idhlig, agus bidh fios agaibh, tha mi an dùil, gur e beinn, seach loch, a th’ anns an rud ris an canar Lochnagar ann am Beurla ann an Alba. Bha mo charaid is mi fhìn a-mach air “Beinn nan Cìochan” oir ’s e sin ainm Gà idhlig na beinne.
Nach annasach e gun deach ainm locha a chur air mullach beinne? Ciamar a thachair sin? Uill, tha loch anns a’ choire fon mhullach air a bheil Loch na Gà ire. Dh’eadar-theangaich Uilleam MacBhà tair sin mar “Loch of the Outcry”, agus bha e dhen bheachd gun d’ fhuair e an t-ainm bho fhuaim na gaoithe a bhios a’ cuairteachadh anns a’ choire. Ann am Beurla ’s e Lochnagar a chanadh daoine, agus a chanas iad fhathast, ris an loch, agus chanadh iad Top of Lochnagar no Hill of Lochnagar ris a’ bheinn. Mu dheireadh chuir iad dìreach “Lochnagar” air a’ bheinn fhèin.
’S dòcha gu robh adhbhar a bharrachd ann air a shon, oir bha ainmean aig na Gaidheil air na mullaichean a bha co-cheangailte ri rudan a bhuineas do bhoireannaich a-mhà in – cìochan. ’S e a’ Chìoch Mhòr a bh’ aca air aon mhullach, agus cuiridh mi geall gu robh “Cìochan” eile air an ainmeachadh oirre, oir ’s e Meikle Pap a th’ air aonan dhiubh an-diugh ann an Albais, an cà nan a ghabh thairis bhon Ghà idhlig anns an sgìre sin. Air sgà th sin, ’s e “Beinn nan Cìochan” a bh’ air – agus a th’ air – a’ bheinn air fad. Tha fhios gum b’ fheà rr leis na Bhictorianaich “Lochnagar” a chantainn rithe, ge-tà , seach a bhith a’ meòmhrachadh cus air ciall an ainm Ghà idhlig!
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.