
19/09/2003
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 220
Duration: 05:05
Litir 220: Loch Shubhairne
As t-samhradh, chaidh mi a champachadh air cladach Loch Shubhairne, eadar Gleann Eilg agus Malaig air taobh an iar na Gaidhealtachd. Gu deas air an loch, tha Cnòideart, rubha mòr beanntach anns a bheil glè bheag de shluagh. Chaidh mi ann còmhla ris an teaghlach agam, agus teaghlach eile, ann am bà ta, oir cha mhòr gu bheil rathad anns an sgìre, agus chosgadh e ùine mhòr coiseachd a-steach.
Dh’fhuirich sinn beagan là ithean ann an teantaichean là imh ris a’ chladach. Bha à iteachan fada os cionn a’ chladaich a bha còmhnard, ach cha robh iad math airson campachadh. Bha cus rainich agus cus fasgaidh annta. Bha sinn airson a bhith ann an à ite fosgailte, far am biodh a’ ghaoth ann, gus nach biodh a’ mheanbh-chuileag a’ cur cus dragh oirnn. As t-samhradh air taobh an iar na Gaidhealtachd, bidh a’ mheanbh-chuileag dona. Tha sin cho cinnteach ri … uill, cho cinnteach ri trà ghadh is lìonadh na mara.
A bheil sibh eòlach air na faclan sin? Trà ghadh, the ebbing of the tide, lìonadh, the flowing or filling of the tide. Co-dhiù, bha ar teantaichean faisg air an tiùrr. ’S e sin an loighne aig ceann shuas cladaich far a bheil feamainn, a chaidh a ghiulain ann leis an tìde-mhara. An tiùrr.
Mar a bhios fios agaibh, chan eil an tìde-mhara a’ ruigsinn an aon à ite air a’ chladach fad na bliadhna. Bidh a h-à irde ag atharrachadh bho là gu là , bho sheachdain gu seachdain is bho rà ith gu rà ith. Aig à mannan, chan eil astar mòr ann eadar ìre an là in agus ìre na traghad. Bidh là n ìosal ann, agus trà igh bheag. Aig an à m sin, canar contraigh ris. Bidh cuid ag rà dh conntraigh. Ann am Beurla canaidh daoine neap tide.
Ach, aig à mannan eile, tha astar mòr ann eatarra. Ruigidh an là n ìre à rd air a’ chladach, agus bidh trà igh mhòr mhòr ann cuideachd. Canaidh sinn reothart ris an tìde-mhara sin. Ann am Beurla ’s e spring tide. Uill, tha fios agaibh dè tha mi a’ dol a rà dh a-nise, nach eil? Bha sinne air a dhol a Chnòideart, a’ campachadh aig ceann shuas a’ chladaich, aig à m an reothairt.
Nuair a rà inig sinn an t-à ite-campachaidh anns a’ bhà ta air an fheasgar, bha a’ mhuir a’ lìonadh ach bha trà igh mhòr ann fhathast. Chuir sinn na teantaichean suas os cionn an tiùrr. Thà inig a’ mhuir suas an cladach thairis air clachan a bh’ air an teasachadh leis a’ ghrèin, agus chaidh sinn a shnà mh. Cha robh a’ mhuir blà th ach cha robh i cianail fuar na bu mhò.
Nuair a thà inig e gu uair an là in, sheas sinn is choimhead sinn air an t-sà l airson dèanamh cinnteach nach ruigeadh e na teantaichean. Cha do rà inig, ach cha robh e fad’ air falbh. Agus bha sin na rabhadh dhuinn, ged nach do ghabh sinn sùim gu leòr dheth. Agus air feasgar an là rna-mhà ireach, bha là n fìor à rd ann – na b’ à irde nan oidhche roimhe. Agus, aig uair an là in, bha na h-inbhich, mi-fhìn nam measg, ann an teanta mhòr, a’ gabhail fois.
Chuala sinn mo nighean ag èigheachd. “Na teantaichean!” Chaidh sinn a-mach. Bha an sà l cha mhòr aig doras na tè a b’ fhaisge air a’ chladach. Cha b’ e ruith ach leum ga h-ionnsaigh airson na cnagan a thoirt a-mach agus an teant’ a ghluasad! Gu fortanach, bha là rach na b’ à irde ann dhi faisg air là imh. Cha robh againn ri a cur suas am measg na rainich oir bha na milleanan de mheanbh-chuileagan ann a sin, a’ feitheamh airson cothrom blasad fhaighinn de ar cuid fala!
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.