
05/09/2003
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 218
Duration: 05:10
Litir 218: Abairt Ă beul-aithris Siorrachd Rois
Tha beagan fiosrachaidh agam an seo a dh’fhaodadh duine agaibh a dhèanamh beartach. Leis an fhìrinn innse, chan eil mi cinnteach co-dhiù bu chòir dhomh a thoirt seachad oir dh’fhaodainn a bhith beartach mi-fhìn! ’S e a th’ ann abairt à beul-aithris Siorrachd Rois, is tha e a’ dol mar seo: Fichead slat bho Leac a’ Bhealaich, tha seiche searraich là n òir. Canaidh mi sin a-rithist: Fichead slat bho Leac a’ Bhealaich, tha seiche searraich là n òir.
Uill, ’s dòcha nach eil an t-seiche ann tuilleadh, oir bidh a leithid a’ lobhadh tro thìde. Ach ma tha e fìor, bu chòir don òr a bhith ann fhathast.
Nise, mus ruith sibh airson ur mapaichean, chan eil mi a’ dol a dh’innse dhuibh gu mionaideach cà ’ bheil Leac a’ Bhealaich. Oir chan eil fios agam air a sin gu mionaideach. Ach innsidh mi seo dhuibh: tha i faisg air Loch a’ Bhraoin ann am Frìth a’ Bhrà igh Mhòir gu deas air Ulapul. Loch a’ Bhraoin – loch of the drizzle. Chunnaic mise air là teth grianach e. Ach, ma tha sibh eòlach air an sgìre ann an droch aimsir, tuigidh sibh, ’s dòcha, mar a fhuair e ainm.
’S e fear de na lochan faisg air là imh, a tha ri taobh an rathaid mhòir eadar Ulapul agus Inbhir Nis, Loch Droma. Gu tuath air an loch air taobh thall an rathaid bhuaithe tha Meall Leacachain. Agus aig bonn a’ mhill, tha Leathad Leacachain. Faisg air a seo o chionn fhada thachair rudeigin glè annasach, ma ghabhas stòiridh à beul-aithris na sgìre creidsinn. Chaidh an stòiridh seo a chruinneachadh bho fhear, Ruairidh MacMhathain, a bha uaireigin a’ fuireach là imh ri Loch a’ Bhraoin.
Air oidhche fhuar aig Leathad Leacachain, thachair duine air boireannach a bha a’ breith leanabh, agus i air an rathad eadar dà bhaile. Bha i ann an cunnart bà sachadh leis an fhuachd. Dè, ma-thà , a bha an duine a’ dol a dhèanamh airson am boireannach is a leanabh a shà bhaladh? Uill, rinn e rud annasach, a rèir na sgeòil. Cha robh anns an nà baidheachd ach aon rud far an robh fasgadh is blà ths – each. Chan urrainn dhomh rà dh co-dhiù ’s ann leis an duine fhèin a bha an t-each gus nach ann.
Ach mharbh e an t-each, agus thug e a’ ghreallach à s. A bheil sibh eòlach air an fhacal sin – greallach? Tha e air a dhol a-steach don Bheurla, an dà chuid mar ainmear agus gnìomhair. Canaidh daoine “I gralloched a deer”, a’ ciallachadh gun tug e am mionach, no a’ ghreallach, às an fhiadh.
Co-dhiù, bha closach an eich blà th, agus chuir an duine am boireannach agus a leanabh na broinn airson an cumail sà bhailte. Agus mhair iad beò air sà illeamh na rinn e dhaibh.
Chaidh na bliadhnaichean seachad, agus bha an Rosach a bha seo ann an Dùn Eideann. Bha e a’ dol seachad air taighean nuair a chuala e boireannach aig uinneag gu h-à rd, agus i a’ bruidhinn ri t’ eile. “Tha i fuar,” thuirt an dà rna tè. “Tha,” fhreagair an t’ eile, “ach chan eil i cho fuar ri Leathad Leacachain.”
Dh’aithnich an duine an t-ainm agus ghlaodhaich e suas, a’ faighneachd dhen bhoireannach gu dè am fios a bh’ aice air Leathad Leacachain. “Uill,” ars’ ise, “rugadh mi ann.” Bha fios aig an duine gu robh e a’ bruidhinn ris an leanabh a shabhail e air an oidhche fhuair a bha sin, agus i a-nise na boireannach. Bha iad gu math toilichte eòlas a chur air a chèile mu dheireadh thall.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.