
22/08/2003
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 216
Duration: 04:42
Litir 216: Loch Coir’ Uisg’
Mholainn don a h-uile duine a tha a’ fuireach ann an Alba, no a chuireas seachad ùine ann an Alba, tadhal air Loch Coir’ Uisg’ co-dhiù aon turas mus tig an saoghal aca gu crìch. Tha e air leth brèagha, air a chuairteachadh cha mhòr le beanntan. Mura h-eil sibh eòlach air, tha Loch Coir’ Uisg’ ann an ceann an deas an Eilein Sgitheanaich am measg a’ Chuilthinn.
Ma sheasas tu aig ceann a deas an locha, far a bheil abhainn a’ sruthadh as, bidh thu aig bonn Sgùrr na Strì, beinn chreagach a ruigeas cha mhòr còig ceud meatair a dh’à irde. An coimeas ris na beanntan eile a tha timcheall an locha, tha Sgùrr na Strì ìosal, oir ruigidh iadsan còrr math is naoi ceud meatair a dh’à irde. Is tha i suidhichte leatha fhèin, pìos beag air falbh bho na beanntan eile. Tha i mar fhreiceadan aig “geata” Loch Coir’ Uisg’ – far am bi luchd-turais a’ coiseachd ann à Loch Sgà bhaig, far an toir bà taichean à Eallagholl’ iad.
Tha dualchas co-cheangailte ri a h-ainm. A rèir beul-aithris à Eilean Sothaigh, an t-eilean ann an Loch Sgà bhaig faisg air là imh, bha an strì eadar dà chinneadh – Clann ’ic Leòid Dhùn Bheagain agus Clann ’ic Fhionghain an t-Srath. Bha crìoch eadar fearann an dà chinnidh ann an ceann a deas a’ Chuilthinn, ach cha robh aonta ann eatarra air dè dìreach a bha a’ comharrachadh na crìche.
Bha an oighreachd aig Clann ’ic Leòid anns an iar-thuath, agus bha iadsan a’ cumail a-mach gu robh am fearann-san a’ dol cho fada deas agus cho fada sear ris a’ ghleann eadar Camas Fhionnairigh agus Sligeachan. Ach bha Clann ’ic Fhionghain, aig an robh oighreachd anns a’ cheann a deas, dhen bheachd gu robh am fearann acasan a’ dol nas fhaide don iar – cho fada ri Allt a’ Chaothaich, a shruthas don mhuir ann an Loch Sgà bhaig eadar Meall na Cuilce agus Gars-bheinn.
A rèir na beul-aithris à Sothaigh, a nochdas anns an leabhar “The Soay of our Forefathers” le Laurance Reed, dh’aontaich na cinn-chinnidh air crìoch ùr – loighne a bha a’ ruith gu tuath air tom aig Port Sgà ile aig ceann Loch Sgà bhaig. Agus, gus am biodh sin air a chuimhneachadh leis an dà thaobh, agus leis a’ mhòr-shluagh, chaidh gille à Sothaigh a chuipeadh gu dona air an tom. ’S e an t-ainm a bh’ air a’ ghille Aonghas MacAonghais, no Aonghas Mac Iain Òig.
Bha seo trà th san ochdamh linn deug a rèir choltais agus, ann an ochd-deug, seachdad ’s a sia (1876), thug iar-bhan-ogha Aonghais fianais seachad mun chùis. B’ ise Mà iri Dhòmhnallach agus bha i a’ fuireach ann an Gleann Bhreatail gu siar air a’ Chuiltheann. Nuair a bha i òg, bha i a’ fuireach ann an Sothaigh, chuala i an naidheachd mu dheidhinn a h-iar-sheanar, agus chaidh an t-à ite far an deach a chuipeadh – ma tha an stòiridh fìor – a shealltainn dhi.
Carson, ge-tà , nach deach Abhainn Sgà bhaig, an abhainn a shruthas a-mach à Loch Coir’ Uisg’, a thaghadh mar chrìoch? Tha e nas fhasa a’ chrìoch fhaicinn ma ’s e abhainn no allt a tha ga comharrachadh. Chan urrainn dhomh sin a rà dh ach, gu practaigeach, tha e coltach gur e an abhainn dha-rìreabh a chleachd muinntir an à ite mar chrìoch. Agus ’s e an abhainn a chaidh a thaghadh mar chrìoch eadar paraistean
Bhrà cadail agus an t-Srath – no Srath MhicFhionghain mar a chanadh na daoine ris o shean.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.