
01/08/2003
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 213
Duration: 04:41
Litir 213: Loch Airceig
Tha ceà rnaidhean de thaobh an iar na Gaidhealtachd à raidh. Faodaidh tu a bhith a’ coiseachd ann an à ite far a bheil glè bheag ri fhaicinn de mhac an duine an là an-diugh. Ach, aig an aon à m, faodaidh an t-à ite a bhith loma-là n eachdraidh. Sin mar a tha e air taobh an iar Loch Abair.
Chaidh mi air chuairt o chionn dà mhìos eadar Loch Airceig agus Loch Nibheis tro Ghleann Deiseirigh. ’S e loch uisge a th’ ann an Loch Airceig agus ’s e loch mara a th’ ann an Loch Nibheis, a tha dìreach gu deas air Cnòideart. Eatarra, no eadar Gleann Deiseirigh agus Loch Nibheis, tha bealach ann air a bheil Mà m na Cloich Àirde. ’S e slighe uabhasach brèagha a th’ ann.
Bha còignear anns a’ chòmhlan agam, agus ’s e glè bheag de dhaoine a chunnaic sinn anns na beagan là ithean a chuir sinn seachad anns an sgìre. Ach chòrd e rium tachairt ri aon duine, fear Sasannach a tha a’ fuireach ann an Dùn Eideann, agus a chuir seachad oidhche ann am bothan air cladach Loch Nibheis.
Bha mise a’ campachadh ann an teanta, là imh ris a’ bhothan ach, a’ chiad char anns a’ mhadainn, agus mi fhathast nam leth-chadal, chaidh mi a-steach don bhothan airson mo bhracaist ullachadh, oir bha an t-uisge ann. Bha am fear a dh’ainmich mi na shuain nuair a dh’fhosgail mi an doras, no ’s e sin an coltas a bh’ air co-dhiù. Ach nuair a chunnaic e mi, thog e cheann far na leaba agus thuirt e rium ann an Gà idhlig, “madainn mhath.”
Nise, mar a thuirt mi, bha mi nam leth-chadal, agus cha b’ urrainn dhomh a bhith cinnteach co-dhiù chuala mi sin gu ceart, oir bha mi air tachairt ris an oidhche roimhe, agus mi a’ cabadaich ann an Gà idhlig le mo chompanaich, agus cha robh e air bìog a rà dh a leigeadh fhaicinn dhomh gu robh Gà idhlig aige.
“Tha Gà idhlig agaibh, ma-thà ,” thuirt mi ris. “Tha beagan,” thuirt e. “An sibhse Ruairidh MacIlleathain?” “Is mi,” fhreagair mi. “Uill,” thuirt e, “bidh mi ag èisteachd ri Litir do Luchd-ionnsachaidh a h-uile seachdain.” Nach eil e iongantach far an nochd luchd-leughaidh na Litreach! Co-dhiù, ma tha e ag èisteachd an t-seachdain seo, mo dhùrachd dha.
Nuair a bha Teà rlach Òg Stiùbhart ann an Alba, bha muinntir Cheann Loch Airceig seo taiceil dha. B’ iad na h-uachdarain ann an Gleann Deiseirigh aig an à m Camshronaich a bha cà irdeach don cheann-cinnidh, Mac Dhòmhnaill Dhuibh. Mharcaich tè à Gleann Deiseirigh, Sìneag Chamshron, aig ceann na feachd à Ceann Loch Airceig nuair a chaidh iad a choinneachadh ris a’ phrionnsa aig Gleann Fhionghain aig toiseach an ar-a-mach. A rèir aithris, bha seacaid uaine oirre agus bha i air muin eich ghil. Agus, as dèidh a’ chogaidh, chaidh Teà rlach Òg tron dùthaich seo, agus e a’ teicheadh bho na saighdearan dearga.
Bha sluagh mòr ann aig an à m sin agus, eadhon anns na ficheadan anns an linn sa chaidh, bha timcheall air ochd taighean anns an robh daoine a’ fuireach ann an Gleann Deiseirigh. Bha teaghlach de Stiùbhartaich a’ fuireach ann an Srathan, aig bonn a’ ghlinne, far an robh iad nan tuathanaich is nan cìobairean, agus bha iad air leth math, a rèir choltais, air òrain a ghabhail agus sgeulachdan innse ann an Gà idhlig.
Chan eil fhios agam dè cho tric ’s a chluinnear Gà idhlig anns an sgìre sin an-diugh. Glè ainneamh, chanainn, agus is duilich sin. Ach, eadar mi-fhìn is mo chompanaich, agus ar caraid à Dùn Eideann, bha gu leòr dhith ann airson beagan là ithean anns a’ Chèitean.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.