
20/06/2003
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 207
Duration: 05:10
Litir 207: Naomh Faolan
Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mu Lochan nan Arm faisg air Taigh an Droma a tha co-cheangailte ri Raibeart Brus, Rìgh na h-Alba. Ach tha à ite faisg air là imh aig a bheil dlùth-cheangal do dh’fhear eile a tha ainmeil, agus a bha beò faisg air sia ceud bliadhna ron Bhrusach. B’ esan Naomh Faolan.
’S e Saint Fillan a chanas daoine ris ann am Beurla, ach tha ainm ann an Gà idhlig fada nas brìghmhoire. Tha “faolan” a’ ciallachadh “madadh-allaidh beag”, is tha am facal “faol” air a chuimhneachadh fhathast anns an ainm a th’ againn airson January – am Faoilleach, an t-à m dhen bhliadhna nuair a bhiodh acras mòr air na madaidhean.
A rèir beul-aithris, bha an naomh airidh air an ainm. Là a bha seo, nuair a bha e a’ treabhadh na talmhainn, thug madadh-allaidh ionnsaigh air fear de na daimh aige a bha a’ tarraing a chrainn. Mharbh am madadh an damh. Ach nuair a thog Faolan a ghuth, is nuair a dh’iarr e air Dia taic a thoirt dha, dh’fhalbh aigne fhiadhaich a’ mhadaidh agus thà inig am beathach a dh’ionnsaigh an duine gu macanta. Cheangail Faolan am madadh-allaidh ris a’ chrann, ghabh am madadh à ite an daimh mhairbh, agus lean an duine naomh air le bhith a’ treabhadh na talmhainn.
Eadar a’ Chrìon Là raich agus Taigh an Droma, chithear fhathast an tobhta aig seapail Naoimh Fhaolain. Chan eil mòran air fhà gail dheth ach tha e brèagha, agus mholainn gun tèid sibh ann as t-earrach nuair a tha an lus beag ris an canar an t-searragaich, no lesser celandine, fo bhlà th. ’S e nà dar de bhuidheag, no Ranunculus, a tha anns an lus seo, agus tha flùraichean brèagha buidhe a’ nochdadh air as t-earrach. Tha e uabhasach pà ilt timcheall na tobhta.
Bha Faolan beò anns an ochdamh linn. Bhuineadh e do theaghlach uasal ann an Ulaidh agus bha a mhà thair na Bana-phrionnsa agus cuideachd na naomh le ceangal do dh’Innis nan Cailleach ann an Loch Laomainn, far an robh cailleachan dubha a’ fuireach o shean. Bha Faolan fhèin na dhuine urramach a dh’fhà g dìleab mhòr Chrìosdail as a dhèidh. Tha dà rud prìseil co-cheangailte ris ann an Taigh-tasgaidh na h-Alba ann an Dùn Eideann – ceann a bhachaill agus clag bho sheapail. Is innsidh mi tuilleadh mu dheidhinn an dà chuid sin an ath-sheachdain.
Ach dh’fhà g e rudan eile as a dhèidh cuideachd, nam measg cnà mhan bho ghà irdean clì, a bh’ air an cumail ann an ciste bheag. Agus tha sin gam thoirt air ais gu far an do thòisich mi an Litir, le Raibeart Brus. Ochd bliadhna as dèidh dha a chlaidheamh a thilgeil ann an Lochan nan Arm, agus e a’ teicheadh bho fheachd nà imhdeil faisg air Seapail Fhaolain, bha am Brusach air ais ann am meadhan na h-Alba air ceann an airm nà iseanta. Bha sin anns a’ bhliadhna trì-deug is a ceithir-deug (1314).
An oidhche ro Bhlà r Allt a’ Bhonnaich, tha luchd-eachdraidh ag innse dhuinn gun do rinn an rìgh ùrnaigh mu choinneamh ciste bheag anns an robh e an dùil gu robh cnà mhan Fhaolain. Ge-tà , bha an sagart a thug a’ chiste leis air na cnà mhan fhà gail ann an Srath Fhaolain gus nach biodh iad air an call. Ach nuair a bha am Brusach ag ùrnaigh, dè thachair ach gun do dh’fhosgail a’ chiste leatha fhèin – agus bha na cnà mhan na broinn!
Anns a’ mhadainn ron bhatail, chaidh a’ chiste a thoirt seachad air sreathan de shaighdearan Albannach, agus iad air an glùinean. Agus, a thaobh a’ chòrr dhen là , uill, tha fios agaibh dè thachair.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Gnà ths-cainnt na seachdaine: A rèir beul-aithris, bha an naomh airidh air an ainm: according to oral tradition, the saint merited his name. Tha X airidh air Y: X deserves Y (remember that it is a short “a” – à irigh, with a long “a” means “shieling”).
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.