
30/05/2003
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 204
Duration: 04:47
Litir 204: Seòras Bochanan
Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mun sgoilear ainmeil, Seòras Bochanan, a chaochail ann an Dùn Eideann ann an còig-deug, ochdad ’s a dhà (1582). Chaidh a thiodhlacadh ann an Cladh nam Manach Liath ach cha deach clach-uaighe a thogail dha oir cha robh mòran airgid aige, agus bha e airson ’s gum biodh na bh’ aige air a chosg air daoine bochda.
Uaireigin as dèidh a bhà is, tha e coltach gun do ghabh cuideigin gnothach ri bhodhaig oir, trà th anns an t-seachdamh linn deug, bha a chlaigeann ann an là mhan ceannard an oilthigh, an t-Urramach Iain MacAdhaimh, aig an robh spèis mhòr do Bhochanan. Agus airson bliadhnaichean mòra bha e ann am preas ann an Roinn an Eòlais-Bhodhaig.
O chionn beagan bhliadhnaichean, chaidh an claigeann a thoirt a-mach agus rinn eòlaichean obair air mac-samhail dheth, a’ cur fèithean, fiaclan agus feusag air gus am faighte eòlas air coltas ceann Bhochanan nuair a bha e na bhodach. Bha iad airson sin a dhèanamh leis gu bheil còig dealbhan deug dheth ann am bith agus chan eil iad idir coltach ri chèile. Aig a’ cheann thall, cho-dhùin iad gur e an dealbh a b’ fheà rr a bh’ ann fear a rinn am Fleamach, Adrian Keij, a th’ ann an là mhan a’ Chomainn Rìoghail.
Co-dhiù, sin mo sgeul air Seòras Bochanan. Bidh cuimhne agaibh gu bheil mi a’ dèanamh mo shlighe gu tuath air Slighe Taobh an Iar na Gaidhealtachd. Agus faisg air à ite-breith Bhochanan ann an Srath Bhlà thain bha uaireigin caisteal air an robh Gartness Castle. Tha mi an dùil gur e a’ Ghà idhlig a bh’ air – Caisteal Gart an Eas. Aig à mannan anns an t-siathamh linn deug, tha e coltach gum biodh Iain Napier a’ fuireach anns a’ chaisteal. Bha Napier am measg an fheadhainn a chruthaich logarithms. Gu dearbh, ’s e duine comasach a bh’ ann. Bha e na innleachdair air leth agus na fheallsanaiche.
Ach bha duilgheadas aige nuair a bha e a’ fuireach anns a’ chaisteal. Bha muileann-uisge air an abhainn ri thaobh agus dhèanadh e fuaim mòr. Uaireannan bhiodh Napier ag òrdachadh gum biodh am muileann air a chur dheth gus am faigheadh e cothrom smaoineachadh ann an sà mhchair. Agus uaireannan, air an oidhche, bhiodh uiread de smuaintean a’ cuairteachadh na chlaigeann ’s gum falbhadh e air a chois air bruach na h-aibhne gun dad air ach gùn-oidhche agus bonaid.
Gu tuath air Srath Bhlà thain, tha Slighe Taobh an Iar na Gaidhealtachd a’ dol seachad air baile beag brèagha ris an canar Drumainn. An uair sin, tha i a’ dol tarsainn cnoc air a bheil Conic Hill. Mmm. Conic Hill. Bha e iongantach dhomh gu robh ainm Beurla mar sin air cnoc ann an à rainneachd far a bheil a’ chuid as mò aca Ceilteach – bhon Ghà idhlig no seann chà nan nam Breatannach.
Choimhead mi air agus bho aon taobh dh’fhaodadh tu rà dh gu bheil cumadh faisg air cumadh còin air. Ach an ann às a sin a thà inig an t-ainm? Uill, uaireannan gheibhear beagan fios air a leithid le bhith a’ coimhead air an à ite gu dlùth. Agus bha aon rud follaiseach dhomh mu dheidhinn Conic Hill. Bha e còmhdaichte le uiread de chòinneach nach fhaca mi a-riamh cha mhòr, co-dhiù air monadh lom. Agus tha e coltach gur ann à “còinneach” a thà inig Conic. Chan eil mi cinnteach ach ’s dòcha gur e Cnoc na Còinnich a bh’ air o thùs ann an Gà idhlig.
Air taobh thall a’ chnuic tha Loch Laomainn agus Baile Mo Thatha. Tha an sgìre seo là n ainmean co-cheangailte ri naoimh, agus bheir sinn sùil air cuid aca an ath-sheachdain.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.