
02/05/2003
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 200
Duration: 04:29
Litir 200: Naoi boireannaich dheug
Fà ilte oirbh a-rithist. Agus fà ilte shònraichte, oir ’s e seo an dà cheudamh Litir bho thòisich mi air an sgrìobhadh o chionn faisg air ceithir bliadhna. Bidh sibh toilichte cluinntinn nach bi cus grà mair ann an t-seachdain-sa, ach feumaidh sinn sùil a thoirt air na ceistean a chuir mi oirbh aig deireadh na Litreach mu dheireadh.
Dè a’ Ghà idhlig a th’ air nineteen women? An d’ fhuair sibh e? Naoi boireannaich dheug. Naoi boireannaich dheug. No mas e bean a chleachd sibh, chanadh sibh naoi mnathan deug. Agus seventeen Scotsmen? Seachd Albannaich dheug. Seachd Albannaich dheug.
’S e a’ cheist eile a chuir mi oirbh – dè a’ Ghà idhlig a th’ air eleven o’ clock? ’S e an fhreagairt aon uair deug. Tha dà rud ann a dh’fheumas mi rà dh mu dheidhinn seo. Carson nach e aon uair dheug oir tha uair boireann? Uill, ’s e as coireach nach bi an “d” air a sèimheachadh as dèidh an “r”. Bidh sin a’ tachairt cuideachd le cuid de dh’fhaclan a tha a’ crìochnachadh le “t”, “l”, “n” no “s”.
’S e an rud eile a bu chòir dhomh rà dh gun tuirt mi aon uair deug le, mar gum biodh, “s” eadar an “r” agus an “d”. Tha sin cumanta ann an grunn dualchainntean. Air an aon dòigh, canaidh sinn “bòrd”, “bà rd” agus “cà irdean”. Chan eil “s” sgrìobhte ann an gin de na faclan sin.
Sin e airson grà mar an t-seachdain-sa. Bu toigh leam rudeigin a rà dh a-nise mu Ghaidheal ainmeil air an robh Adhamh Fearghasdan no ’s dòcha Adhamh MacFhearghais. Chan eil mi cinnteach dè chanadh e ris fhèin ann an Gà idhlig ach ’s e Adam Ferguson a bh’ air ann am Beurla. Rugadh e ann an seachd-deug, fichead ’s a trì (1723) aig Lag an Rà ith ann an Siorrachd Pheairt.
B’ e Adhamh an naoidheamh leanabh, am fear a b’ òige, aig an Urramach Adhamh Fearghasdan agus a bhean, Mà iri Ghòrdan, agus chaidh e gu Sgoil Ghrà mair Pheairt. Fhuair e foghlam aig à rd-ìre ann an Cill Rìmhinn is an uair sin ann an Dùn Eideann far an d’ fhuair e trèanadh airson a bhith na mhinistear ann an Eaglais na h-Alba.
Bha e na mhinistear don Fhreiceadan Dubh, an rèiseamaid ainmeil, airson naoi bliadhna agus ’s e a’ chiad rud a dh’fhoillsich e a-riamh eadar-theangachadh gu Beurla de shearmon a rinn e ann an Gà idhlig airson na rèiseamaid ann am meadhan ar-a-mach nan Seumasach ann an seachd-deug, ceathrad ’s a còig (1745).
Ach cha robh e riaraichte mar mhinistear agus ann an seachd-deug, caogad ’s a h-ochd (1758) fhuair e obair mar leabharlannaiche do Roinn an Luchd-tagraidh, no Faculty of Advocates, ann an Dùn Eideann. Cha robh e an sin fada, ge-tà , mus d’ fhuair e obair mar fhear-teagaisg prìobhaideach do mhic uaislean. An uair sin, ghabh e ceum mòr air adhart nuair a fhuair e dreuchd mar Phroifeasair na Feallsanachd Nà darraich aig an oilthigh.
Chan e sin a’ chathair a bha e a’ miannachadh, ge-tà . Bha sùil aige air tè na Feallsanachd Moralta agus fhuair e mu dheireadh i ann an seachd-deug, seasgad ’s a ceithir (1764). Bha e cliùiteach mar thidsear agus sgrìobh e leabhraichean airson a chuid oileanach ann am feallsanachd, ach cha robh e fhathast aithnichte air feadh na rìoghachd. Thachair sin nuair a sgrìobh e aiste ainmeil ann an seachd-deug, seasgad ’s a seachd (1767). Innsidh mi dhuibh tuilleadh mu a deidhinn agus mu bheatha Adhaimh Fheargasdain an ath-sheachdain.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.