
18/04/203
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 198
Duration: 04:49
Litir 198: An Ă ite tuiseal tabhartach
Cuin’ a leigeas sinn seachad seann chleachdaidhean grà mair dha nach bi a h-uile duine a’ cumail an là an-diugh? Deagh cheist, gu dearbh, is chan eil freagairt agamsa air a son, ged a tha e inntinneach meòmhrachadh oirre. Tha an tuiseal tabhartach iolra anns an t-suidheachadh sin. ’S e sin, mura h-eil sibh eòlach air na tuisealan ann an Gà idhlig, an dative plural. An à ite tuiseal tabhartach, bidh cuid ag rà dh tuiseal roimhearach oir bidh ainmearan as dèidh roimhear sìmplidh a’ dol don tuiseal sin.
Ann an leabhraichean is bà rdachd is òrain an naoidheamh linn deug chithear rudan mar “tha na h-eòin anns na crannaibh”, “guma slà n do na fearaibh”, “còmhdaichte le luideagaibh”. Tha na faclan mar crannaibh, fearaibh agus luideagaibh anns an tuiseal thabhartach iolra, mar a bha e, le –aibh aig an deireadh.
An là an-diugh airson crannaibh chanamaid crainn no mar as trice, leis an fhìrinn innse, craobhan – tha na h-eòin anns na craobhan. Chanamaid guma slà n do na fir agus còmhdaichte le luideagan. ’S e na th’ air tachairt gu bheil an seann tuiseal tabhartach iolra air a dhol à bith. Anns an t-seadh sin tha an cà nan nas sìmplidhe na bha i – is bidh sibh toilichte mu dheidhinn sin, tha mi cinnteach!
Bha mi a’ smaoineachadh gu robh an tuiseal sin air a dhol à bith buileach ach gu h-iongantach, thachair mi ri fear turas a bha ga chleachdadh gu nà darrach. Agus gabhaidh sibh iongnadh nuair a dh’innseas mi ca’ robh e a’ fuireach. Ann an Astrà ilia! Bha e a’ fuireach anns na Beanntan Gorma gu siar air Sydney agus ag obair mar fhear-lagh’ ann an Sydney fhèin. ’S dòcha gu bheil e a’ dèanamh sin fhathast oir cha chuala mi guth air airson greis.
Chanadh esan rudan mar fearaibh an à ite fir. Agus tha cuimhne agam gun tuirt e seo turas – “Bha am Bìoball na mo là mhaibh”. Ghabh mi iongnadh aig an à m agus thuirt mi sin ris. Agus mhìnich e dhomh gur e “Gà idhlig a’ Bhìobaill” a bh’ aige, seann Ghà idhlig, oir bha e air a h-ionnsachadh bho Ghaidheil anns a’ choitheanal aige – an Eaglais Shaor – agus le bhith a’ leughadh an t-seann Bhìobaill. B’ iad na daoine na choitheanal Gaidheil à Alba agus luchd-labhairt na Gà idhlig a rugadh ann an Astrà ilia fhèin. Tha glè bheag dhiubhsan air fhà gail a-nise.
Tha m’ inntinn air a’ cheist seo an-drà sta oir bha mi a’ toirt sùil air an fhaclair Ghà idhlig ùr air an robh mi a-mach an t-seachdain sa chaidh – Am Faclair Gaidhlig-Beurla le Cailean Mark – agus mhothaich mi gu robh e a’ cumail ris an t-seann chruth a th’ air an fhacal bean anns an tuiseal thabhartach shingilte – mnaoi. Chanamaid a’ Bhean-phòsta NicDhòmhnaill, ach leis a’ Mhnaoi-phòsta NicDhòmhnaill.
Uill, ’s e sin a chanadh na seann ghinealaich, ach an là an-diugh? Cha chreid mi gu bheil mòran ga rà dh an-diugh. Chanadh a’ chuid mhòr leis a’ Bhean-phòsta NicDhòmhnaill. Agus tha sin a’ sealltainn cho doirbh ’s a tha e faclair a chruthachadh aig à m nuair a tha an cà nan ag atharrachadh gu luath. Chuala mi fear aineolach air an rèidio an-uiridh, fear a tha fada an aghaidh na Gà idhlig airson adhbhar air choreigin, agus thuirt e gur e an rud a bu mhò a bha ceà rr oirre nach robh i ga h-ùrachadh mar chà nan an là an-diugh.
Uill, tha sin cho ceà rr ’s a ghabhas. Mar a chì sinn le bean is mnaoi, agus le mòran fhaclan eile, tha a’ Ghà idhlig a’ sìor atharrachadh mar a tha a h-uile cà nan a tha beò ann an coimhearsnachd.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.