
25/10/2002
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 173
Duration: 04:15
Litir 173: Na sĂŹthichean a ghoid pĂ iste
Is fhada o nach robh stòiridh beag laghach againn ann an Litir do Luchd-Ionnsachaidh. Chan eil fhios aâm dè cho laghach âs a tha am fear a thagh mi an-diugh, ach tha e goirid gu leòr airson a bhith seachad taobh a-staigh còig mionaidean! Agus bidh fios agaibh gu bheil tòrr sgeulachdan GĂ idhlig a mhaireas mòran nas fhaide na sin!
Co-dhiĂš, tha an stòiridh seo aâ tighinn bhon stòras aig tè a bha ainmeil airson sgeulachdan is òrain â Nan NicFhionghain, Nan Eachainn Fhionnlaigh nach maireann, Ă Bhatarsaigh, a chaochail o chionn fichead bliadhna am-bliadhna. Tha mi air a dhèanamh beagan nas sĂŹmplidhe agus nas giorra. âS e an t-ainm a thâ air âNa sĂŹthichean a ghoid pĂ iste.â Mar phĂ irt dhen stòiridh chĂŹ sibh mar a bhiodh na seann daoine aâ creidsinn nach bâ urrainn do shĂŹthichean dhol ann an sĂ l â sin uisge na mara. Co-dhiĂš seo e:
Bhiodh na sĂŹthichean aig an Ă m ud, bhiodh iad aâ goid nam pĂ istean is na cloinne bige. Bha boireannach a bha seo, nuair a thill i dhachaigh lĂ a bha seo don phĂ iste aice, mhothaich i nach e an leanabh aice fhèin a bhâ ann. Nuair a bhiodh am pĂ istâ aice fhèin aâ gabhail brochan, nuair a bheireadh i uiread a bha seo dha, bhiodh gu leòr aige. Chan iarradh e tuilleadh. Ach ge brith gu dè na gheibheadh am pĂ iste Ăšr a bha seo, cha bhitheadh gu leòr aige. âCha chreid mi,â arsâ a mhĂ thair ri nĂ baidh, ânach e goid a rinneadh air.â
âDad thus!â arsa bodach anns aâ bhaile nuair a chuala e mu dheidhinn. âInnsidh mise dhut ciamar a gheibh thu cinnt. A-mĂ ireach, leig ort gu bheil thu aâ falbh on taigh agus fĂ g an leanabh sa chreathail. Nuair a tha e aâ smaointinn gu bheil thu air falbh, coimhead air an uinneig gun fhiosta dha agus chĂŹ thu cò thâ agad â seann bhodach sĂŹth an Ă ite do leanaibh fhèin.â
âS e sin a rinn i. Dhâfhalbh i a-mach agus gun fhiosta don phĂ iste, choimhead i air an uinneig. Chunnaic i bodach beag sĂŹth air uilinn sa chreathail, agus e aâ cluich feadan. Thill am boireannach don t-seann duine anns aâ bhaile agus thuirt i ris gur e an fhĂŹrinn a bhâ aige. âAch dè a-nist,â arsâ ise, âmar a gheibh mi air falbh e?â
âInnsidh mise dhut,â arsâ esan. âAn ath-lĂ a bhios tu aâ dol dhan trĂ igh, thoir leat e, agus cuir air mullach sgeire e. Tòisich air a bhith aâ gearradh an todhair timcheall na sgeire agus leig leis an lĂ n èirigh gus am bi an sgeir air a cuairteachadh agus am bodach sĂŹth fhathast oirre. Ach feuch nach beir an lĂ n ort fhèin.â
âS e sin a rinn am boireannach. GheĂ rr i an todhar â âs e sin an fheamainn a bhiodh daoine aâ cleachdadh mar thodhar â agus leig i leis an lĂ n èirigh gus an robh an sgeir air a cuairteachadh. Dhâèirich an leanabh gu chasan, chaidh e ann an riochd bodaich sĂŹth, agus thòisich e air maoidheadh oirre is air maoidheadh oirre. Ach rinn i fhèin deiseil airson falbh dhachaigh Ă s aonais.
ThĂ inig na sĂŹthichean eile agus, mun do dhâfhalbh am boireannach, dhâèigh i air aâ bhodach bheag, âBidh thu ann a sin gus am faigh mi mo leanabh fhèin air ais!â Nuair a chunnaic na sĂŹthichean nach fhaigheadh am bodach far na sgeire, chaidh iad don bhoireannach leis an leanabh aice fhèin agus thug iad dhi e. As dèidh sin fhuair daoine Ă s aâ bhaile am bodach sĂŹth far na sgeire le bĂ ta. Agus thill esan do na sĂŹthichean.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.