
04/10/2002
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 170
Duration: 04:52
Litir 170: Gealachos
An t-seachdain sa chaidh bha mi a-mach air rud a leugh mi anns an leabhar Tales and Traditions of the Lews le Dòmhnall Dòmhnallach. Tha aon stòiridh aige gu h-Ă raidh a leugh mi le tlachd mhòr, oir tha e air a lĂŹbhrigeadh gu siubhlach, brèagha. âS e a thâ ann sgeulachd Ă beul-aithris air an cuala mi iomradh ann an Ă iteachan eile cuideachd. Bheir mi blasad dhith dhuibh an-drĂ sta.
Bidh sibh eòlach, tha mi an dĂšil, air Eilean BheĂ rnaraigh air taobh siar Leòdhais. Canaidh daoine BeĂ rnaraigh Leòdhais ris, oir tha BeĂ rnaraigh no dhĂ eile ann cuideachd. Agus, leis an fhĂŹrinn innse, tha dĂ BheĂ rnaraigh ann an Leòdhas, eilean mòr, BeĂ rnaraigh Mhòr, agus eilean beag eile ri thaobh â BeĂ rnaraigh Bheag. Chan eil duine aâ fuireach ann am BeĂ rnaraigh Bheag an lĂ an-diugh ach, o shean, bha sluagh ann. Agus ri linn nan creachadairean Lochlannach, bha daoine gu leòr aâ fuireach anns an eilean.
Nam measg, bha tè òg a bha air leth brèagha. âS e an t-ainm a bhâ oirre âGealachosâ. Tha mi an dĂšil gum bâ e ciall a h-ainm â geala-chas â is gu robh casan bĂ na aice. Bha na fleasgaich gu lèir dèidheil air Gealachos agus tha e coltach gu robh i ann an gaol le fear aca.
Ach, lĂ a bha seo, nochd feachd de Lochlannaich ann am birlinn aig an trĂ igh. Bâ e fear âSuainâ an ceannard aca, agus bha e na RĂŹgh air Lochlann air fad. Chunnaic e am boireannach òg brèagha, agus dhâfhairich e teas aâ ghaoil na chridhe. Bha e airson âs gum pòsadh e i, agus dhâiarr e air cuid de na saighearan aige Gealachos a thoirt am bruid.
Goirid as dèidh sin bha i air aâ bhirlinn air a slighe a Lochlann am measg dhaoine aig an robh cĂ nan nach do thuig i idir. Bha i aâ caoineadh fad an t-siubhail airson a pĂ rantan, airson a leannain agus airson eilean a h-Ă raich. Bha Suain glè shnog dhi agus bha i modhail gu leòr dha, ach bha cianalas mòr oirre.
Nuair a rĂ inig i Lochlann, bha sluagh mòr aâ feitheamh rithe fhèin is ris an RĂŹgh. Shaoil na Lochlannaich gu lèir gu robh Gealachos brèagha agus bha iad airson a dèanamh toilichte nam measg. Nuair a bhiodh i aâ sealg nan torc anns aâ choille, nuair a bhiodh i gu h-Ă rd air na beanntan Ă lainn no ann am bĂ ta mòr ann an loch brèagha, fiĂš âs an uair sin, cha robh i sona. Bha i airson a dhol dhachaigh. Agus dhâfhĂ g sin cridhe Shuain trom, oir bha e dha-rĂŹreabh ann an gaol leatha.
Mu dheireadh, as dèidh seachd bliadhna, chaidh an RĂŹgh ga h-ionnsaigh agus âs e seo an còmhradh a bhâ aca â a chaidh fhĂ gail againn mar rann GhĂ idhlig, co-dhiĂš âs ann an GĂ idhlig no Lochlannais a bha e aig an Ă m. âS e an RĂŹgh a bhruidhneas an toiseach:
Nam biodh tusa ann am BeĂ rnaraigh Bheag
Cha bhiodh aca fleadh no fonn,
Ach mac-talla chreagan Ă rda
Toirt fianais air bĂ rcadh thonn.
Fhreagair i gu socair ciĂšin,
âS deòir bho a sĂšil aâ ruith gu luath,
âChaoidh cha toir mi a Lochlann rĂšn,
Le chuid shlèibhtean mĂšgach fuar.â
Goirid as dèidh sin, thug Suain Gealachos air ais a BheĂ rnaraigh agus, ged a dhâfhuirich i anns an eilean airson aâ chòrr de a beatha, agus ged a bha i sona gu leòr, cha do ghabh i gaol air fear sam bith as dèidh na thachair dhi, agus chaochail i na seann bhoireannach gun phòsadh.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.