
26/07/2002
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 160
Duration: 04:43
Litir 160: Eilean Dubh
Bha mi aig fuaran anns an Eilean Dubh uaireigin, fuaran a tha pìos beag air falbh on rathad, ach a bha uaireigin ainmeil air feadh na sgìre. Nuair a rà inig mi e, chunnaic mi liùdhag bheag ri thaobh, le rudan ceangailte rithe. Tha e coltach gu robh cuideigin air a cur ann a dh’aona-ghnothach. ’S dòcha gu robh iad a’ creidsinn, mar a bha mòran o shean, gun tigeadh leigheas air an duine a bh’ air a riochdachadh leis an liùdhaig nan robh e tinn. No an robh creideamh na bu doilleire co-cheangailte rithe?
O shean bha cleachdadh ann, anns am biodh daoine a’ dèanamh corp crèadha, ’s e sin nà dar de liùdhag a bh’ air a dèanamh le crèadh. Bha an corp a’ riochdachadh cuideigin. Bhiodh daoine le droch rùn a’ stobadh prìnichean a-steach don chorp agus bheireadh sin droch shlà inte don duine a bha an corp a’ riochdachadh. Bhathar a’ creidsinn gum b’ urrainn cuideigin a mharbhadh anns an dòigh sin. ’S ann tric a bhiodh corp crèadha air fhà gail ann an allt, agus tha uillt fhathast ann air a bheil Allt nan Corp mar ainm air sgà th sin.
Tha sgeulachd agam mu dheidhinn cleachdadh a’ chuirp chrèadha anns an eilean far an robh sinn an t-seachdain sa chaidh – Diùra. Bha fear ann uaireigin, Caimbeulach a bha na bhà illidh don eilean, ged a bha e a’ fuireach air tìr-mòr. Chanadh daoine “am bà illidh mòr” ris. Nuair a thà inig e air tìr turas ann an Diùra, thachair ban-fhiosaiche ris agus thug i rabhadh dha. Dh’fheumadh e dhol don Chnoc Chrom cho luath ’s a b’ urrainn dha, oir bha cuideigin ann a sin ag obair na aghaidh le corp crèadha. Thuirt i ris dèanamh air a’ chiad sholas a chitheadh e nuair a ruigeadh an Cnoc Crom.
Dh’fhalbh am bà illidh agus fear-taic aige na chois. Ach, nuair a fhuair iad faisg air a’ Chnoc Chrom, thòisich casan a’ bhà illidh air fàs fann. As dèidh greis, cha b’ urrainn dha coiseachd, agus b’ fheudar don duine eile a ghiulain air a dhruim. Ach dh’fhas e na bu mhiosa agus bha eagal air an duine eile gu robh am bà illidh a’ dol a bhà sachadh.
“Cha dèan seo feum,” thuirt e, agus chuir e am bà illidh sìos air leac faisg air a’ Chnoc Chrom. Ruith e a dh’ionnsaigh nan taighean agus chaidh e don fhear a b’ fhaisge, anns an robh solas. Choimhead e a-steach agus chunnaic e triùir bhoireannach, is tè aca a’ cur prìnichean a-steach do chorp crèadha. Dh’èigh an duine rudeigin – innsidh mi dhuibh ann an tiotan dè bh’ ann – agus thuig na boireannaich gu robh an taigh na theine. Ruith iad a-mach airson an sà bhaladh fhèin agus, aig an aon à m, ruith an duine a-steach. Thilg e an corp crèadha air an là r agus phronn e fo chois e gus nach robh cà il air fhà gail dheth. Agus nuair a thill e don bhà illidh mhòr, bha am fear eile air èirigh bhon lic far an robh e. Bha e slà n fallain a-rithist.
Agus dè dh’èigh an duine? Uill, a reir beul-aithris ann an Diùra, dh’èigh e, “taigh na galla, taigh ri theine!” Dh’fhaodadh tu sin a ghabhail ann an dà dhòigh gu dearbh, is chan eil tè seach tè dhiubh uabhasach modhail, ach thathar a’ cumail a-mach gur e “Taigh na Galla” a chanadh muinntir an à ite ris an taigh sin airson ùine mhòir as dèidh là imh! No ’s dòcha gu robh an sgeulaiche ri beagan spòrs leis an fhear a chruinnich an sgeulachd, is a chuir air pà ipear i. B’ esan an t-Urramach Teà rlach Robasdan.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.