
19/04/2002
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 146
Duration: 05:01
Litir 146: Ainmean-Ă ite ann an Ros an Iar
An do mhothaich sibh a-riamh cho feumail ’s tha mapaichean na Gaidhealtachd do luchd-ionnsachaidh na Gà idhlig? Air gach clà r-dùthcha, chì sibh ainmean-à ite a tha a’ sealltainn mar a tha cuid de riaghailtean-grà mair air an cur an sà s. Agus mholainn dhuibh sùil a thoirt air mapaichean bho à m gu à m is eadar-theangachadh a dhèanamh air na h-ainmean-à ite.
Tha mi dìreach air greim fhaighinn air CD-ROM a tha uabhasach fhèin inntinneach. Tha e a’ clà radh agus a’ mìneachadh ainmean-à ite sgìre na Còigich ann an Ros an Iar, gu tuath air Ulapul. Tha e a’ tarraing air obair a rinn fear às an sgìre - Donaidh Friseal nach maireann – agus a chaidh a chlà radh airson Sgoil Eòlais na h-Alba. Chuir feadhainn eile ris an obair aig Donaidh agus gheibhear cothrom sùil a thoirt air na mapaichean aige agus air eadar-theangachadh de na h-ainmean-à ite, air an CD-ROM. Obair mhòr is obair mhath.
Ma bheir sibh sùil air cuid de na h-ainmean a nochdas air na h-Eileanan Samhraidh, chì sibh dè tha mi a’ ciallachadh a thaobh grà mar. Air fear de na h-eileanan, Tanara Beag, tha à ite ann a ghabhas eadar-theangachadh mar “Frenchman’s Harbour or Anchorage”. Dè bhiodh ann ann an Gà idhlig? Uill, ’s e Acarsaid a’ Ghà idhlig air anchorage. Agus ’s e Frangach a’ Ghà idhlig air Frenchman. Mar sin, ’s e a th’ ann – Acarsaid an Fhrangaich.
Tha dà atharrachadh a’ gabhail à ite ann am Frangach – sèimheachadh aig toiseach an fhacail agus caolachadh aig an deireadh. Tha e ag atharrachadh bho Frangach anns an tuiseal ainmneach gu Fhrangaich anns an tuiseal ghinideach. Chan eil an t-ainm-à ite sin ag innse dhuinn co-dhiù tha acarsaid boireann no fireann. Ach faisg air Acarsaid an Fhrangaich, tha an Acarsaid Mhòr. Agus tha sin fhèin ag innse dhuinn gur e facal boireann a th’ ann. Air neo, ’s e “an t-Acarsaid Mòr” a chanamaid – agus bhiodh sin ceà rr.
Tha rubha faisg air an Acarsaid Mhòir, air a bheil ainm a tha a’ ciallachadh, ann am Beurla, “the point of the big anchorage”. Cho luath ’s as urrainn dhuibh, cuiribh Gà idhlig air sin… the point of the big anchorage. Tha acarsaid boireann, cuimhnichibh… Rubha na h-Acarsaid … Mòire. Rubha na h-Acarsaid Mòire. Tha sin a’ cur an sàs nan riaghailtean, nach eil – gur e “na” an t-alt, no “article”, anns an tuiseal ghinideach shingilte airson ainmear boireann, agus gu bheil am buadhair, an “adjective”, air a chaolachadh, le “e” aig an deireadh. Ach chan eil e air a shèimheachadh.
Tha eilean eile ann air a bheil an t-Eilean Fada Mòr. Agus aig ceann a deas an eilein sin, tha cnoc, no meall, air a bheil am Meall Garbh, “the rough lump-shaped hill”. Nise, tha caolas faisg air là imh, eadar an t-eilean seo agus Tanara Mòr, a tha a’ ciallachadh “the narrows of the rough hill”. Tha mi airson ’s gun innis sibh ann an tiotan dè a’ Ghà idhlig a th’ air.
Anns a’ chiad dol a-mach a bheil meall boireann no fireann? Uill, ’s e am Meall Garbh a th’ ann, is chan e a’ Mheall Gharbh. Tha e fireann. Mar sin, anns an tuiseal ghinideach, bidh sinn a’ sèimheachadh agus a’ caolachadh an dà chuid, an t-ainmear agus am buadhair.
Caolas a’ Mhill Ghairbh. Caolas a’ Mhill Ghairbh. Mar a thuirt mi, tha mòran a ghabhas ionnsachadh mu ghrà mar na Gà idhlig ann am mapaichean na Gaidhealtachd. An ath-sheachdain, bheir sinn sùil air cuid eile de na h-ainmean-à ite a chruinnich Donaidh Friseal ann an sgìre na Còigich.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.