
05/04/2002
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 144
Duration: 04:36
Litir 144: Cill Donnain
Bha amadan uaireigin aig gach cuid, ceann-cinnidh nan Leòdach agus ceann-cinnidh nan Dòmhnallach agus là a bha seo, thug an dithis cheann-cinnidh geall air cò an t-amadan a bu mhò is a bu mhios’. Dh’òrdaich iad air an dithis dhol sìos don chladach airson maoraich a chruinneachadh. Ach am measg nam maorach, dh’fhà g iad pìos òir.
Cha b’ fhada gus an do lorg na h-amadain an t-òr. “Seall air seo,” thuirt an t-amadan Dòmhnallach ris an amadan eile, “tha òr an seo.”
“Seadh, seadh,” ars’ am fear Leòdach, nach robh airson a dhol faisg air an òr idir, “an là a bhios sinn ri òrach, biomaid ri òrach; ach an là a bhios sinn ri maorach, biomaid ri maorach.” Uill, cò – nur beachd-san – an t-amadan a bu mhò?
Cha chreid mi nach eil sinn a’ diochuimhneachadh uaireannan gu robh à m ann nuair a bha òr air a lorg le Gaidheil, is chan ann dìreach ann an Astrà ilia is California, ach air a’ Ghaidhealtachd cuideachd. ’S e fear de na h-à iteachan sin Cill Donnain ann an Cataibh far an deach cnap dhen mheatailt a lorg ann an Abhainn Ilidh ann an ochd-deug ’s a h-ochd-deug (1818). Thathar ag rà dh gu robh fà inne air a dhèanamh dheth agus gu bheil am fà inne ann am bith fhathast.
Ach cha do thòisich gnìomhachas òir gu coimearsalta aig an à m sin. Cha do thachair sin airson leth-cheud bliadhna eile nuair a lorg fear a bhuineadh do Chill Donnain, Raibeart GilleChrìost, òr gu leòr anns an abhainn. Bha Raibeart air fàs gu math eòlach air na dòighean anns an tèid òr a lorg nuair a bha e a’ fuireach ann an Astrà ilia, is ag obair air raointean òir na duthcha, fad seachd bliadhna deug. Nuair a thill e dhachaigh, fhuair e cead bho Dhiùc Chataibh airson coimhead airson òr anns a’ ghrinneal aig grunnd na h-aibhne agus ann an uillt a bha a’ dol a-steach don abhainn.
Cha robh Raibeart ag obair leis fhèin fada. Nuair a sgaoil an naidheachd mun òr, chaidh mòran eile ann, grunn dhiubh a bh’ air a bhith ri obair de a leithid thall thairis. Taobh a-staigh sia mìosan, bha sia ceud duine air a dhol a dh’fhuireach anns an sgìre. Is cha robh e furasta faighinn ga h-ionnsaigh. Bha an rathad-iarainn a’ dol gu ruige Goillspidh, ach b’ fheudar coiseachd às a sin, an deich mìle fichead mu dheireadh a dh’ionnsaigh Chill Donnain.
Anns a’ Ghiblean, ochd-deug, seasgad ’s a naoi (1869), thug Diùc Chataibh siostam cheadan a-steach, a chosg not airson gach mìos airson pìos talmhainn anns an robh ceathrad troighean ceà rnagach de mheudachd. Is bha aig na mèinnearan ri deich às a’ cheud de luach an òir a phà igheadh don Diùc. Mar a thuigeas sibh, bha mòran de na h-òr a’ dol bho dhuine gu duine mar phà igheadh airson biadh is bathair, gun fhiosta don Diùc.
Reic an Diùc timcheall air dà cheud cead gach mìos anns an Ogmhìos agus anns an Iuchar agus, leis na bh’ ann de dhaoine, chaidh dà bhaile a chruthachadh as ùr – Baile an Òir agus Cà rn nam Bùth. Tha e coltach nach do rinn mòran fortan às idir, ge-tà , agus nach robh na tuathanaich, no iasgairean nan aibhnichean, uabhasach toilichte agus, as dèidh ghreis, cho-dhùin an Diùc sgur cead a thoirt do mhuinntir an òir. Co-dhiù bha an à ireamh dhiubh air a dhol sìos leis gu robh cothrom aig cuid falbh a dh’iasgach an sgadain aig deireadh an t-samhraidh. Agus aig deireadh na Dùbhlachd anns an dearbh bhliadhna anns an do thòisich e, thà inig gnìomhachas an òir ann an Cill Donnain gu crìch.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghrĂ mair na seachdaine
Seanfhacal na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.