
08/03/2002
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 140
Duration: 04:51
Litir 140: Tòimhseachan
An t-seachdain sa chaidh, thug mi tòimhseachan dhuibh. Seo e a-rithist
Arsa cailleach –
Nam bitheadh agam na bheil agam,
Uiread eile, ’s a leth uiread,
Dà ghèadh agus bloigh gheòidh,
Dhèanadh sin fichead.
Cia mheud a bha aice?
Ciamar a chaidh dhuibh le sin? ’S e an fhreagairt – còig. Cuimhnichibh gu bheil sinn a’ cunntadh geòidh. Nam bitheadh còig agad, a bharrachd na th’ agad mu thrà th, bhiodh deich agad. An uairsin uiread eile, sin còig eile, a’ dèanamh còig-deug. Agus a leth-uiread – sin dhà gu leth a bharrachd. A-nise tha seachd-deug gu leth agad. Agus mu dheireadh, dà ghèadh agus bloigh gheòidh. Tha sin a’ ciallachadh dà ghèadh gu leth. Cuiribh dhà gu leth ri seachd-deug gu leth agus dè th’ agaibh? Seadh, fichead. Cha robh e furasta agus ma rinn sibh an gnothach, chanainn gum bu chòir dhuibh a bhith gu math toilichte.
Chan eil fhios a’m a bheil sibh air mòran a chluinntinn mu Dhòmhnall Donn, Dòmhnall Dòmhnallach, a bhuineadh do Lochabair ach a chaidh a dh’fhuireach taobh Loch Nis uaireigin na bheatha.
Chan eilear buileach cinnteach carson a dh’fhà g Dòmhnall an sgìre aige fhèin. A rèir beul-aithris, mharbh e mac aig a’ bhà rd ainmeil, Iain Lom, a bhuineadh do Lochabair cuideachd. Tha cuid eile ag radh gur e gun do mharbh e banarach aig athair nuair a bha iad a-muigh a’ sealg lachan. Sgrìobh e dà n mu dheidhinn a bà is anns an do dh’fhoillsich e aithreachas gun do loisg e air a’ bhoireannach an à ite air lach. Bha e cuideachd airson a bhith nas fhaisge air a leannan. Bha ise na nighinn aig ceann-cinnidh nan Granndach.
Bha Dòmhnall an sàs cuideachd ann an creach is spùinneadh còmhla ri Dòmhnallach eile, fear air an robh “Colla nam Bò”. Tuigidh sibh dè bha iad a’ goid. Crodh! Mu dheireadh dh’fhalbh e gu taobh Loch Nis far an do dh’fhuirich e ann an uamh anns a’ mhonadh gu tuath air an loch faisg air Gleann Urchardain. Bha e faisg gu leòr air taigh a leannain airson a dhol a chèilidh oirre bho à m gu à m, ach bha grà in aig athair na nighinne air agus dh’fheumadh e a bhith faiceallach.
Bha grà in aig mòran eile air cuideachd, oir bhiodh e a’ goid biadh bhuapa – tunnag an seo, cearc an siud, agus uaireannan crodh neo caoraich. Thathar ag radh mu dheidhinn gun tug e mart a-mach à bà thach aig an Dabhach Dhearg aig ceann a tuath Loch Nis ach gu robh e doirbh dha iomain sìos an rathad. Chaidh e air ais gu taigh an tuathanaich, ag iarraidh air ròp a thoirt dha!
Uill, mar a thuigeas sibh, bha dragh air Dòmhnall gun aithneachadh an tuathanach am mart aige agus, leis gur e an geamhradh a bh’ ann is gu robh sneachd air an talamh, thog e ball-sneachda is chuir e e air aghaidh a’ mhairt – a chum e pìos beag air falbh bhon taigh. Chunnaic an tuathanach mart blà r, ’s e sin mart le aghaidh bhà n, agus cha do dh’aithnich e e mar fhear dhen fheadhainn aige fhèin!
Gheall an Granndach gum faiceadh e Dòmhnall crochte air croich fhathast agus, as dèidh ùine mhòir, chuir e fhèin is caraidean dha an creachadair ann an greim. Chaidh a chur anns a’ phrìosan ann an Inbhir Nis agus mu dheireadh chaidh a chur gu bà s, ceart gu leòr, ach ’s ann le bhith a’ toirt a’ chinn dheth, chan ann le bhith ga chrochadh. Thathar ag rà dh gun do dh’iarr Dòmhnall sin gus nach tigeadh gealltanas a’ Ghranndaich gu bith, is nach fhaiceadh an ceann-cinnidh Dòmhnall Donn air a’ chroich a-chaoidh.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.