
22/02/2002
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 138
Duration: 04:33
Litir 138: An t-òran nà iseanta againn
Tha seusan farpais mhòr eadar-nà iseanta an rugbaidh againn a-rithist, agus Alba a’ cluich Sasainn aig Murrayfield. A bharrachd air na geamannan, seo an t-à m nuair a bhios sinn a’ cluinntinn, is uaireannan a’ seinn, an òrain nà iseanta againn. Bha à m ann nuair a bhiodh na h-Albannaich a’ guidhe deagh shlà inte don Bhà nrigh. An uairsin, ’s e “Scotland the Brave” a sheinneadh an luchd-amharc aig na geamannan mòra. An-diugh, ’s e “Flower of Scotland” a thathar a’ seinn.
Chuala mi ann an Gà idhlig e cuideachd – “Flùr na h-Alba” – ged nach do shaoil mi gu robh e cà il na b’ fheà rr ann an Gà idhlig na bha e ann am Beurla. Tuigidh sibh nach eil mi uabhasach measail air an òran, co-dhiù mar òran nà iseanta na h-Alba.
Mar sin, nuair a bhios mi a’ leughadh bà rdachd Albannach, bidh mi a’ cumail mo shùilean fosgailte airson faclan aig a bheil ruith agus brìgh agus a leumas a-mach às an duilleig, ag rà dh rium – “seo an seòrsa rud a tha thu ag iarraidh ann an òran nà iseanta!” Gu ruige seo, cha do lorg mi rud sam bith a tha mi deiseil airson moladh do dh’Aonadh Rugbaidh na h-Alba no buidheann sam bith eile.
Nuair a bha mi a’ coimhead tro chruinneachadh de bhà rdachd Ghà idhlig an là eile, thà inig mi tarsainn air an t-sèist seo ann am fear de na dà in:
Albainn aosta, guma slĂ n dhut,
Albainn ghaoil gur fada uam thu;
Tìr nan laoch, ’s nan gruagach à lainn,
Albainn aosta, guma slĂ n dhut.
Nise tha ceist agam dhuibh. An robh an t-ùghdar a’ fuireach ann an Alba no thall thairis? Mura h-eil sibh cinnteach às a sin, coimheadaibh a-rithist air an dà rna loighne. Albainn ghaoil gur fada uam thu. A bheil sibh a’ tuigsinn sin? Gur fada uam thu. No mar a chanadh mòran - gur fada bhuam thu. Tha sin a’ ciallachadh gu bheil Alba, ris a bheil an sgrìobhadair a’ bruidhinn, fad’ air falbh bhuaithe – no uaithe.
Bha e a’ fuireach ann an New Zealand, agus ’s e an t-ainm a bh’ air – Donnchadh Mac a’ Phearsain. Rugadh is thogadh e anns a’ Mhorbhairne, ach ’s ann à Àrd nam Murchan, là imh ris a’ Mhorbhairne, a bha a phà rantan. Rugadh Donnchadh uaireigin anns na tritheadan anns an naoidheamh linn deug. As dèidh bàs athar, uaireigin ro ochd deug, seachdad ’s a h-aon (1871), dh’imrich e a Ghlaschu ach cha do chòrd sin ris agus, beagan bhliadhnaichean as dèidh sin, dh’fhalbh e a New Zealand far an robh triùir uncailean aige a’ fuireach mu thrà th.
Phòs e thall an sin agus ruith e fhèin ’s a bhean tuathanas mòr le caoraich is crodh anns an eilean mu dheas. Chum e a chuid Ghà idhlig gu gleusta air a bhilean agus ’s ann nuair a bha e a’ fuireach ann an New Zealand a sgrìobh e mòran dhen bhà rdachd aige. Am measg sin, bha “a’ Ghaidhealtachd”, an t-òran às an tà inig an t-sèist a thug mi dhuibh.
Ach, ged a tha an t-sèist mu dheidhinn Alba, agus ged is e “a’ Ghaidhealtachd” an tiotal, tha an t-òran fhèin a’ gabhail a-steach iomhaighean a tha a’ tighinn bhon dùthaich bhig anns an do thogadh Donnchadh – a’ Mhorbhairne. Agus ’s ann mar sin a tha a’ chuid mhòr dhen bhardachd aige. Chan fhaigh mi lorg air òran nà iseanta air na duilleagan aig Donnchadh Mac a’ Phearsain.
Ach tha a bhà rdachd snog gu leòr. Fà gaidh mi sibh an t-seachdain-sa leis an rann mu dheireadh dhen “Ghà idhealtachd”:
Ged a dh’fhà g mi iomadh bliadhn’ thu
Tha mo chridhe blĂ th gad iargain
Caladh deisearach na fialachd
Uaine, grianach, beul Loch Àlainn
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghrĂ mair na seachdaine
Puing-ghrà mair na seachdaine: Albainn ghaoil gur fada uam thu: beloved Scotland, you are far from me. Uam is a prepositional pronoun incorporating the preposition “o” (from) and means “from me”. Fada uam means “far from me”. You are possibly more familiar with the form bhuam which is equivalent to uam and is derived from the preposition “bho” (from), which is an alternative form of “o”. In some places the form without the “bh” is still common. Here are the other prepositional pronouns associated with “o”: uat(sa) – from you; uaithe(san) – from him; uaipe(se) – from her; uainn(e) – from us; uaibh(se) – from you (pl.); uapa(san) – from them. The emphatic suffixes are given in the brackets. Note also that Alba is here in its vocative case (being addressed by the speaker) which is now somewhat archaic. It happens to be equivalent to the dative singular (ie ann an Albainn, in Scotland) which is now also going out of use, except perhaps in parts of Argyll. Most people say ann an Alba today.
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Gnà ths-cainnt na seachdaine: Chan fhaigh mi lorg air òran nà iseanta air na duilleagan aig X: I won’t find a national song (anthem) on X’s pages. Faigh lorg air: to find, locate.
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.