
25/01/2002
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 134
Duration: 05:01
Litir 134: Ailig O Hianlaidh
Tha bliadhna thrang air a bhith aig Ailig O Hianlaidh. Mura h-eil sibh eòlach air, ma tha Ăšidh agaibh ann am poileataics, gu h-Ă raidh ann am PĂ rlamaid na h-Alba, âs iongantach mura bi sibh aâ conaltradh ri Ailig ann an dòigh air choreigin anns an Ăšine romhainn, oir is esan Oifigear GĂ idhlig na PĂ rlamaid. Agus tha na Gaidheil, is na meadhanan GĂ idhlig gu sònraichte, aâ dèanamh feum mòr dheth.
Tha Ailig air a bhith na dhreuchd a-nise airson bliadhna agus âs iomadh rud a dhâeadar-theangaich e, no a sgrĂŹobh e bho thĂšs, airson luchd na GĂ idhlig thairis air an Ăšine sin. Tha feadhainn dhiubh sin air mo bheulaibh an-drĂ sta â bileagan no, gu dearbh, leabhrain air a bheil rudan mar âThu Fhèin agus na BPA agadâ no âAtharrachaidhean ri Bilean Riaghaltais: StiĂšireadh do bhuidhnean agus daoine bhon taobh a-muighâ. Tha leabhran ann a tha aâ toirt âFiosrachadh do Luchd-fianais a tha aâ nochdadh air beulaibh chomataidheanâ agus fear eile air âMar a tha PĂ rlamaid na h-Alba ag obairâ.
Nise, chleachd mi na litrichean BPA. Tha iad aâ seasamh airson Ball PĂ rlamaid na h-Alba. Mar sin, tha iad co-ionann ri MSP ann am Beurla â Member of the Scottish Parliament. Coimheadamaid a-rithist air tiotal an leabhrain anns a bheil BPA aâ nochdadh â âThu Fhèin agus na BPA agadâ. Tha dĂ rud aâ tighinn am follais. Anns aâ chiad dol a-mach, tha BPA cuideachd aâ seasamh airson barrachd na aon duine â Buill PĂ rlamaid na h-Alba. Chan eil diofar ann mar a tha ann am Beurla eadar MSP singilte agus MSPs iolra.
âS e an darna rud as fhiach rudeigin a rĂ dh mu dheidhinn gu bheil an leabhar ag rĂ dh âna BPA agadâ. Ann am PĂ rlamaid na h-Alba, tha còrr is aon bhall pĂ rlamaid aig gach duine, oir tha na buill air an taghadh ann an dĂ dhòigh. Tha feadhainn nam Buill Roinne-PĂ rlamaid. Tha iad aâ seasamh airson aon sgĂŹre bheag agus tha daoine aâ bhòtadh gu dĂŹreach air an son. Tha feadhainn eile air an taghadh le siostam air a bheil mòran eòlach mar âsiostam PRâ â far a bheil feadhainn aâ faighinn a-staigh mar Bhuill-Liosta ann an sgĂŹre mhòr â mar sgĂŹre na GĂ idhealtachd âs nan Eilean. Agus, mura h-eil sibh eòlach air aâ GhĂ idhlig airson PR no âProportional Representationâ, seo e, bho Fhaclair na PĂ rlamaid: Siostam Riochdachaidh Co-roinneil.
Mura h-eil mòran Ăšidh agaibh ann am poileataics an lĂ an-diugh, ach ma tha Ăšidh agaibh ann an eachdraidh na h-Alba, chanainn gun gabhadh sibh tlachd bho bhith aâ leughadh leabhran eile air an do rinn Ailig O Hianlaidh obair. âS e sin am fear air a bheil âAn Dualchas PhĂ rlamaideach Albannachâ. Tha sin aâ coimhead air rudan mar aâ chiad phĂ rlamaid aig Alba, an t-Ath-Leasachadh, Cunnradh an Aonaidh agus Linn Westminster.
Seo pĂŹos dheth agus tha mi aâ dol a chur ceist oirbh aig an deireadh: âChunnaic pĂ rlamaidean na h-Alba troimhe-chèile, briseadh agus sgaoileadh eadhon mus tĂ inig an t-Aonadh ann an 1707. As dèidh na bliadhna sin bha pĂ irt chudromach aig Alba ann am PĂ rlamaid na RA ann an Westminster.â âS e aâ cheist agam â dè tha na litrichean âRAâ aâ seasamh air a shon? Innsibh mi dhuibh anns an ath-litir.
Ach feumaidh mi aideachadh gun do sgrĂŹobh Ailig aon rud a chuir gĂ ire air mâ aghaidh, ann an ro-rĂ dh ann am fear de na leabhrain. SgrĂŹobh e: âTha pĂ rlamaid air a dèanamh suas le riochdairean taghteâŚâ Tha sin ceart, ach tha cuid anns aâ choimhearsnachd nach canadh âtaghteâ idir ann an co-cheangal rin cuid riochdairean anns aâ phĂ rlamaid!
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghrĂ mair na seachdaine
Puing-ghrĂ mair na seachdaine: Tha pĂ rlamaid air a dèanamh suas le riochdairean taghte: parliament is made up of elected representatives. There is a play on words here. The word taghte is a part participle of the verb taghadh (choosing, electing) and means âchosenâ or âelectedâ. As with other other past participles like briste (broken), fosgailte (open) and dĂšinte (closed), it operates as an adjective. But the expression âtaghte!â also means âexcellent, wonderful, perfectâ eg tha sin dĂŹreach taghte (thatâs just perfect). You might hear it being used in a phone conversation in the same manner as one might say in English âgreatâ or âterrificâ. So, in the Litir, tha cuid anns aâ choimhearsnachd nach canadh âtaghteâ idir ann an co-cheangal rin cuid riochdairean anns aâ phĂ rlamaid means âsome in the community would not say âtaghteâ in relation to their representatives in the parliament!â
The âte ending indicates the grammatical origins of the word as a past participle, but you will often see it spelt taghta. This shows more closely the pronunciation â the final t is a broad one as occurs before a broad vowel (eg an t-aran) rather than the slender âtchâ one before a narrow vowel (as in an t-ĂŹm).
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.