
28/12/2001
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 130
Duration: 04:55
Litir 130: Clachan-meallain
Chan fhada gus am bi clachan-meallain a’ tuiteam oirnn a-rithist, mura h-eil frasan dhiubh air a bhith ann mu thrà th. Faodaidh iad a bhith gu math guineach, piantail nuair a bhualas iad air do chraiceann ach, mar as trice, ann an Alba cha bhi iad a’ dèanamh cron mòr – air cà raichean no togalaichean no daoine.
Chan ionann e ann an à iteachan eile, ge-tà . Tha cuimhn’ a’m air turas a bha mi ann an Sydney ann an Astrà ilia. An oidhche roimhe, bha stoirm mhòr ann agus bha frasan de chlachan-meallain a bha cho mòr ri buill-ghoilf. Chaidh mi tro sgìre far a bheil mòran taighean-gloinne, agus bha na clachan-meallain air sgrios mhòr mhòr a dhèanamh orra. Tha caraid agam a tha a’ fuireach ann an Sydney agus bha e ag innse dhomh mu dheidhinn stoirm eile nuair a chaidh na cà raichean gu lèir anns an t-srà id aige a mhilleadh le clachan-meallain ach, anns an ath-shrà id, nach robh cron sam bith air a dhèanamh.
Tha mi cinnteach gun cuala sibh fhèin naidheachdan annasach mu chnapan mòra deighe a’ tuiteam às an adhar. Uaireannan tha iad a’ tighinn far thogalaichean à rda. Uaireannan, tha amharas ann gu bheil iad a’ tighinn bho itealain. Ach ciamar a mhìnicheas sinn mar a thuit pìos mòr deighe fad air falbh o bhaile sam bith nuair nach robh plèanaichean ann am bith? Oir thachair an dearbh rud air a’ Ghaidhealtachd ann am meadhan an naoidheadh linn deug.
Tha Bail’ a’ Mhullaich na bhaile beag gu siar air a’ Bhlà r Dhubh ann an Ros an Ear. Cha chreid mi gun do thachair an t-uamhas ann a sin na eachdraidh a dhèanadh ainmeil e – ach ’s dòcha aon rud. Air an treas là deug dhen Lùnastal, ann an ochd deug, ceathrad ’s a naoi (1849), thuit pìos mòr deighe don talamh ann a sin. Bha e mu shia meatairean, no fichead tròigh, bho cheann gu ceann – rudeigin nas mò na clach-mheallain à bhaisteach ann an Alba! Gu fortanach, cha tà inig e sìos air taigh no bà thach no bò, ged a bha e meadhanach faisg air a’ bhaile-fearainn fhèin.
Chaidh a’ chùis aithris anns a’ phà ipear-naidheachd, an Times, a dh’innis don luchd-leughaidh gu robh am pìos deighe brèagha, gu robh e trìd-shoilleir, a’ ciallachadh gum b’ urrainn do dhuine fhaicinn troimhe, agus gu robh e air a dhèanamh de chriostalan daoimeanach a bh’ air an cur còmhla. Dh’aithris an Times cuideachd nach tà inig e às an adhar buileach gun rabhadh, oir goirid mus do nochd e, chualas brag mòr tà irneanaich anns na speuran.
Tha mi cinnteach gu bheil sibh air cluinntinn mu dheidhinn frasan èisg is frasan losgann is gnothaichean mar sin, far a bheil beathaichean beaga a’ tuiteam às an adhar. Tha iad sin cumanta gu leòr ann am mòran à iteachan agus chan eil cà il as ùr ann mun deidhinn. Gu dearbh, sgrìobh Pliny (am fear nas sìne) mu dheidhinn fras de losgannan anns’ a’ bhliadhna seachdad ’s a seachd (77) A.C.
Ach is annasaiche leam na h-aithrisean a chuala mi mu dheidhinn mar a bhios beathaichean beagan nas mò na sin a’ tuiteam gu talamh, chan ann beò, ach marbh, agus iad air an cuairteachadh le deigh. O chionn còrr is ceud bliadhna, thuit turtair a-mach às an adhar ann am Mississippi anns na Stà itean Aonaichte, agus e ann am broinn deighe. Agus dìreach ceithir bliadhna fichead air ais, bha aithris ann am pà ipearan-naidheachd gu robh lachan reòite air tuiteam gu talamh ann an Arkansas. Agus bha sin anns an Dùbhlachd. Bha iad deiseil, tha e coltach, airson dìnnear na Nollaig, ged a bha na h-itean fhathast orra!
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.