
30/11/2001
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 126
Duration: 04:23
Litir 126: Seòras Wade
Bidh fios agaibh gu bheil mòran daoine ann an Alba nach eil uabhasach dèidheil air laoidh nà iseanta Bhreatainn, “God Save the Queen” no “God Save the King” mar a bh’ ann an toiseach. Tha diofar adhbharan ann airson sin ach, nam measg, tha gu robh an t-òran gu math trom air muinntir na h-Alba nuair a thà inig a’ chiad iris dheth a-mach ann an clò anns an Dà mhair, seachd deug, ceathrad ’s a còig (1745).
Seo ceithir loighnichean às aon rann dhen òran:
May he sedition hush
And like a torrent rush
Rebellious Scots to crush,
God Save the King!
Is math nach eil iad a’ seinn sin nuair a bhuainnicheas Breatainn bonn òir aig na geamannan Oilimpigeach!
Ach cò “he” – cò e – anns an òran – am fear a tha a’ dol a dhèanamh sgrios air na reubaltaich Albannach? ’S e a bh’ ann, fear a dh’fhà g dìleab mhòr as a dhèidh air a’ Ghaidhealtachd. Fear le ainm a tha aithnichte don mhòr-chuid fhathast an-diugh – an Seanailear Wade. Ann am Bliadhna a’ Phrionnsa, bha e os cionn an airm ann an Sasainn agus seo mar a nochdas e ann an laoidh nà iseanta Bhreatainn, anns na trì loighnichean ro na ceithir shuas:
God grant that Marshal Wade
May by Thy mighty aid
Victory bring….
Rugadh Seòras Wade ann an Eirinn. Thathar ag rà dh gum b’ esan a’ chiad Eireannach, am measg mhìltean, a thog rathaidean ann an Alba thairis air an dà cheud gu leth bliadhna a dh’fhalbh. Cha b’ e einsinìr a bh’ ann, ge-tà , ach saighdear. Cha robh e fiù ’s fichead bliadhna a dh’aois nuair a chaidh e an sàs ann an cogadh an toiseach, ann an arm Bhreatainn, ann am Flà nras agus anns an Spà innt. Rà inig e ìre Mhaidseir-Seanaileir agus bha e an sàs ann a bhith a’ cumail sùil air Seumasaich ann an Sasainn ann an seachd deug is còig-deug (1715) nuair a bha ar-a-mach ann an Alba. Ann an seachd deug, fichead ’s a dhà (1722), chaidh a thaghadh mar bhall pà rlamaid airson Bath.
Ach dà bhliadhna as dèidh sin, dh’iarr an Rìgh, Deòrsa a h-aon, air dhol chun na Gaidhealtachd airson sùil a thoirt air suidheachadh muinntir an à ite. Bha Mac Shimidh, ceann-cinnidh nam Frisealach, air innse don riaghaltas gu robh mòran ann a bha gu math mì-thoilichte agus a dh’fhaodadh a bhith na chunnart don rìoghachd. Na aithisg, sgrìobh Wade gu robh faisg air dusan mìle duine air a’ Ghaidhealtachd a bha deiseil airson sabaid as leth mac Rìgh Sheumais a Seachd, Seumas Stiùbhart, athair a’ Phrionnsa Theà rlaich. Cha robh ann an Teà rlach aig an à m sin ach leanabh beag.
Bha Wade mothachail don t-suidheachadh dhoirbh anns a bheil saighdearan ann an dùthaich gharbh far nach eil rathaidean no drochaidean, agus far a bheil eòlas fada nas fheà rr air cumadh na tìre aig an fheadhainn a bhuineas don dùthaich. Bha e cuideachd mothachail don duilgheadas a bh’ aig an arm ann a bhith a’ gluasad saighdearan is armachd is biadh is eile eadar na ceithir gearastanan a chaidh a thogail air a’ Ghaidhealtachd as deidh an ar-a-mach anns a’ bhliadhna còig-deug. B’ iad sin an fheadhainn aig Cille Chuimein, Loch Laomainn, Gleann Eilg agus aig Ruadhainn, faisg air Cinn a’ Ghiuthsaich.
Ach tha aon rud annasach mu dheidhinn aithisg Wade. Cha do mhol e gum biodh rathaidean air an togail gu maith an airm no gun dèanadh e fhèin cà il dhen t-seòrsa. A dh’aindeoin sin, ge-tà , cha b’ fhada gus an robh e air ais air a’ Ghaidhealtachd, a’ dèanamh sin. Bheir sinn sùil air cuid de na rinn e an ath-sheachdain.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.