
26/10/2001
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 121
Duration: 04:19
Litir 121: Ramsay Dòmhnallach
Anns an Litir an t-seachdain sa chaidh, dhâainmich mi Ramsay Dòmhnallach, no Seumas Ramsay Dòmhnallach, airson ainm slĂ n a thoirt dha. Bha e na PhrĂŹomhaire ann an trĂŹ riaghaltasan eadar-dhealaichte â an riaghaltas LĂ barach ann an naoi ceud deug, fichead âs a trĂŹ gu fichead âs a ceithir (1923-4) agus am fear LĂ barach sia bliadhna as dèidh sin, agus cuideachd anns an riaghaltas nĂ iseanta eadar naoi ceud deug, trithead âs a h-aon agus trithead âs a còig (1931-5).
Tha aâ chuid as mò de na leabhraichean eachdraidh ag innse dhuinn gu robh e na mhac dĂŹolain aig MĂ iri Ramsay a bha ag obair ann am muinntireas ann an Inbhir Losaidh, agus gur e an t-ainm a bhâ air aig Ă m a bhreith â Seumas Dòmhnallach Ramsay, ged a chaidh sin atharrachadh mus deach e don sgoil. Tha iad cuideachd ag innse dhuinn gum bâ e athair fear Iain Dòmhnallach, a bhuineadh don Eilean Dubh, agus a bha ag obair mar sgalag. Tuigidh sibh nach ann beartach a bha Ramsay nuair a bha e òg.
Co-dhiĂš, âs e sin a tha na leabhraichean aâ cumail a-mach. Ach thĂ inig e am follais o chionn ghoirid gu bheil beachd eile ann mun chĂšis, fada gu siar air an Eilean Dubh, am measg nan Gaidheal ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich. Tha feadhainn ann a sin dhen bheachd gun do rugadh Iain Dòmhnallach, athair Ramsay, ann an Tòcabhaig, baile beag biodach ann an Slèite ann am fĂŹor cheann a deas an eilein. Cha robh e na sgalaig, tha iad ag rĂ dh, ach na chlachair le sinnsireachd a chaidh air ais gu Sgrios Ghlinn Chomhainn aig deireadh an t-seachdamh linn deug.
A rèir beul-aithris, bha triĂšir bhrĂ ithrean ann a theich Ă s Gleann Comhainn as dèidh an sgriosa. Bâ iad Dòmhnall, a chaidh a dhâfhuireach anns aâ Ghearasdan, Iain a chaidh a dhâUibhist agus Pòl a fhuair Ă ite-fuirich anns an Eilean Sgitheanach. Bha Iain Dòmhnallach, athair Ramsay, am measg sliochd Phòil. Agus chaill e lethbhrĂ thair, mac eile aig Iain Dòmhnallach, a chaidh a bhĂ thadh ann an allt anns an Eilean Sgitheanach, agus e na phĂ iste.
Co-dhiĂš tha an eachdraidh fĂŹor gus nach eil, tha e coltach nach do dhâaidich Ramsay Dòmhnallach a-riamh gu poblach gu robh ceangal sam bith aige don Eilean Sgitheanach. âS dòcha nach robh fios aige. Tha e coltach gu robh athair agus a mhĂ thair ag iarraidh pòsadh, ach nach dâfhuair iad cead bho sheanmhair, mĂ thair a mhĂ thar.
âS ann tro iomadh car a chaidh beatha poilitigeach Ramsay. Bha e mar phĂ irt dhen PhĂ rtaidh LĂ barach nuair a chaidh a chur air chois agus as dèidh còig bliadhna, lean e air Keir Hardie mar cheannard. Bâ fheudar dha a dhreuchd a leigeil dheth, ge-tĂ , aig toiseach aâ Chogaidh Mhòir, oir bha e dhen bheachd nach robh còir aig Breatainn a bhith an sĂ s anns aâ chogadh. Chaidh ochd bliadhna seachad mus dâfhuair e air ais mar cheannard, agus chaidh bliadhna eile seachad mus dâfhuair e gu SrĂ id Downing.
Chuala mi naidheachd mu Ramsay Dòmhnallach o chionn ghoirid ann an Srath Spè. Bha e fhèin agus a bhean air a bhith aâ coiseachd nam beann lĂ a bha seo agus chaidh iad gu doras taigh-òsta. Bha e na PhrĂŹomhaire aig an Ă m. Bha iad aâ coimhead rudeigin robach as dèidh lĂ anns aâ mhonadh, agus thuirt bean an taighe ri Ramsay, gun fhios aice cò bhâ ann, nach fhaodadh e tighinn a-steach, oir bha an t-Ă ite dĂŹreach airson âtoffsâ!â Tha fhios gu robh e air fĂ ilte na bu chridheile na sin fhaighinn am measg nan croitearan ann an Tòcabhaig!
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.