
28/09/2001
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 117
Duration: 04:58
Litir 117: Dearc-choille
Aig toiseach an t-samhraidh, chuir mi seachad dà là cuide ri clann às aonadan Gà idhlig ann am bun-sgoiltean ann an Siorrachd Rois. Bha sinn a’ comharrachadh Teà rmann Nà dair Nà iseanta Beinn Eighe, a tha leth-cheud bliadhna a dh’aois, agus chaidh sinn don choille is don mhonadh, a’ coimhead air lusan nà darrach.
Thà inig aon rud a-steach orm thairis air a h-uile nì eile air na là ithean sin. Thug sinn sùil air an dearc-choille, lus a bhios a’ fàs ann an coilltean-giuthais is monaidhean na Gaidhealtachd. Bidh sibh eòlach air ann am Beurla mar blaeberry. Aig an à m seo dhen bhliadhna, dè tha nas tlachdmhoire na bhith a’ falbh a-mach don choille neo don mhonadh, is a’ tional is ag ithe dearcan-coille?
Uill, air an dà là sin, fhuair mi a-mach nach robh ach ’s dòcha triùir, a-mach à còrr is seachdad duine cloinne, air dearc-choille a chur nam beòil a-riamh. Bha iad eòlach air an reòiteig as ùire, a th’ air a dèanamh ann am factaraidh aig deas, is air gach pacaid phlastaig là n rudan fuadain a thathar a’ sanasachd air an telebhisean. Ach air rudan a bhuineadh don dùthaich aca fhèin, a gheibheadh iad saor an asgaidh air sà illeabh toradh nà dair, bha iad aineolach. Chan iad fhèin as coireach ach am pà rantan is a’ choimhearsnachd a tha a’ leigeil le clann an là an-diugh a bhith air an togail len cuid sùilean dùinte do bhòidhchead nà dair agus do bhòidhchead dualchas na Gaidhealtachd.
Anns an t-seann aimsir, bhiodh ar sinnsearan a’ crochadh gu mòr air toradh nà dair, agus chuireadh iad mòran de na lusan nà darrach gu feum. Bha mi a’ leughadh an là eile pìos dhen leabhar a sgrìobh Tòmas Pennant – a Tour in Scotland – a chaidh fhoillseachadh ann an seachd ceud deug, seachdad ’s a h-aon (1771).
Nuair a bha e anns an taigh mhòr ann an Dùn Dòmhnaill ann an Ros an Iar, sgrìobh e gun do ghabh e, aig aon diathad, dearcan oighreig airson a mhìlsein. Bha na dearcan air an cruinneachadh anns na beanntan timcheall an à ite, agus chanainn gur e obair mhòr a bh’ ann. Chan eil an oighreag idir cho lìonmhor ris an dearc-choille agus chan eil uiread dhearcan a’ fàs oirre. ’S e an t-ainm a th’ air an lus ann am Beurla – cloudberry – agus tha e cà irdeach don smeur agus don t-subh-craoibhe.
Dìreach as dèidh dha Dùn Dòmhnall fhà gail, thà inig Pennant seachad air an dearbh à ite far an robh mise a’ trèorachadh na cloinne còrr is dà cheud bliadhna as a dhèidh. Ach cha b’ ann a’ coiseachd a bha e. Thug e bà ta à ceann an ear Loch Maruibhe, airson a dhol don cheann an iar. Lean e fhèin is an fheadhainn a bha ag iomradh a’ bhà ta cladach an taobh tuath, agus chunnaic iad fear air a’ chladach ag èigheachd orra ann an Gà idhlig, cà nan nach do thuig Pennant.
“Dè tha e ag iarraidh?” dh’fhaighnich Pennant.
“Air bòrd,” mhìnich fear dhen chriubha.
“Innis dha gu bheil am bà ta là n is nach eil rùm ann dha,” thuirt Pennant.
Rinneadh sin, ach lean an duine an cladach garbh airson dà mhìle eile, is e ag èigheachd is a’ guidheachdainn air muinntir a’ bhà ta.
As dèidh greis, dh’aidich fear dhen chriubha rudeigin a thug air Pennant an òrdachadh gu tìr sa bhad. B’ e sin gur e am fear air a’ chladach an duine leis an robh am bà ta! Duine òg là n Gà idhlig, agus mion-eòlach air a dhùthaich-san. Aineolach mu choimpiutaran is telebhisean ceart gu leòr, ach chan eil teagamh nach robh e fhèin air a bhith gu math eòlach air blas na dearc-coille na bheul air là samhraidh.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.