
17/08/2001
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 111
Duration: 05:17
Litir 111: Ruigidh each mall muileann
Tha mo smuaintean air eich an t-seachdain-sa. ’S dòcha gur e as coireach airson sin gu robh mi nam bhritheamh aig mòd ionadail o chionn ghoirid, agus bha agam ri còmhradh ri clann ann an Gà idhlig. Bha a’ chuid a bu mhotha aca à baile mòr, agus bha tè a bha seo, nach robh ach seachd bliadhna a dh’aois, a’ fuireach ann am flat.
“A bheil peat agad?” dh’fhaighnich mi.
“Tha,” ars’ ise, “cat. Ach tha mi ag iarraidh each.”
“Carson each?” dh’fhaighnich mi dhith.
“Bidh mi a’ marcachd,” thuirt i.
“Agus, nuair a gheibh thu each,” dh’fhaighnich mi, “an cum thu anns a flat e?”
Uill, bha i a’ feuchainn ri bhith modhail, agus duais a bhuannachadh, ach bha e follaiseach gu robh i dhen bheachd gu robh mi nam amadan airson a leithid de cheist a chur oirre. “Cha chum mi anns a flat e,” thuirt i, “ach aig a Riding Centre.” Choimhead i suas a dh’ionnsaigh nan speuran agus dh’atharraich mi an cuspair gu sgiobalta.
Chan eil eich mar phà irt de bheatha nam bailtean mòra mar a b’ à bhaist, agus chan eil Gaidheil an là an-diugh a’ cumail eich mar a chum iad uaireigin. Nuair a chì sibh an uiread de sheanfhaclan le eich annta, tha e follaiseach gu robh iad gu math cudthromach gu h-eachdraidheil ann an dòigh-beatha nan Gaidheal.
Tha mi cinnteach gum bi sibh eòlach air an fhear seo: Ruigidh each mall muileann. Cluinnear gu math tric e, ach tha amharas agam nach eil a h-uile duine eòlach air an t-seanfhacal gu lèir, oir tha sin dìreach mar phà irt dheth. Seo e gu slà n: Ruigidh each mall muileann, ach feumaidh fear fuireach a bhriseas a chas. Deagh chomhairle, chanainn, agus bidh mi uaireannan a’ meòmhrachadh air nuair a tha mi a’ sgitheadh!
Aig deireadh na bliadhn’ an-uiridh (Litir 80, 08.12.00), dh’innis mi dhuibh mu dheidhinn Dail an Eich, ainm-à ite an seo ann an Inbhir Nis. Chan e sin a-mhà in e do a leithid, ge-tà . Tha dà à ite eile anns a’ bhaile a tha ainmichte airson eich, ged nach eil am facal each a’ nochdadh annta. Ma tha sibh air a bhith ann an Gaidhealtachd na h-Eireann, bidh sibh eòlach air an fhacal capall - airson each. Uill, tha e againn an seo cuideachd, a’ ciallachadh each boireann neo each-obrach. Agus tha e ann an Inbhir Nis ann an ceà rnaidh dhen bhaile ris an canar Capall-Innis neo, ann am Beurla, Capel Inch.
Bidh feadhainn agaibh ag aithneachadh a’ chà irdeis eadar capall agus caballo ann an Spà inntis, neo le cheval agus cavalier ann am Frangais. Agus, ann am Beurla, le capercaillie, an t-eun mòr a tha a’ fuireach anns na coilltean-giuthais. Thà inig capercaillie às capall-coille, leis gu bheil an t-eun a’ dèanamh fuaim mar each.
’S e am facal eile airson each – marc, a th’ againn fhathast ann am marcachd, marcaiche is marc-shluagh. Tha ceà rnaidh ann an Inbhir Nis, faisg air Capall-Innis, air a bheil Marc Innis, neo Merkinch ann am Beurla an là an-diugh. Bha an dà à ite nan ìnnsean là imh ri Abhainn Nis, neo nan eileanan anns an abhainn o shean, agus feumaidh gu robh eich air an cumail annta.
Nise, ceist phearsanta dhuibh. A bheil sibh ag obair ro chruaidh? A bheil cus uallaich oirbh fhèin, is a bheil feadhainn eile anns an à ite-obrach agaibh rudeigin leisg, a’ fà gail cus agaibh fhèin ri dhèanamh? Uill, ma tha, ’s dòcha gu bheil sibh dìreach ro èasgaidh. Mar a chanas an seanfhacal – Is ann air each èasgaidh a leigear an t-uallach. Gabhaibh air ur socair. Ruigidh an t-each as maille am muileann aig a’ cheann thall.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghrĂ mair na seachdaine
Seanfhaclan na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.