
03/08/2001
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 109
Duration: 04:47
Litir 109: GOC
An t-seachdain ’s a chaidh, rinn mi iomradh air Faclair na Pà rlamaid. A bharrachd air a’ bhriathrachas a th’ ann, tha am faclair cudthromach ann an dòigh eile. Tha pìos ann aig toiseach an leabhair a tha a’ mìneachadh an t-seasaimh a bh’ aig an luchd-deasachaidh air litreachadh, grà mar is sgrìobhadh a’ chà nain.
Anns an fharsaingeachd, lean an sgioba na molaidhean a rinneadh o chionn fichead bliadhna fon ainm GOC. Tha sin a’ seasamh airson “Gaelic Orthographic Conventions”. ’S e sin an siostam a tha na sgoiltean air a bhith a’ cleachdadh bhon uairsin. Am measg molaidhean GhOC, tha fear a bha gu math connspaideach aig an à m – airson faighinn cuidhteas an strà c geur.
Roimhe sin, bha dà sheòrsa de strà c ann – an strà c geur neo accute accent, agus an strà c trom, neo grave accent. Mar eisimpleir, bha am facal “mòr” sgrìobhte “m-ó-r”, seach mar a tha e an-diugh – “m-ò-r”. Air an là imh eile, bha am fuaim “ò” air a shealltainn le strà c trom. “ó” agus “ò”. Tha iad eadar-dhealaichte o chèile, nach eil?
Bha an aon rud fìor mun litir “e”. Bha an strà c trom air “e” a’ dèanamh an fhuaim “è” mar a tha e ann an “nèamh”. Bhiodh an strà c geur a’ dèanamh “é” mar a tha e ann an “tréigsinn”.
Uill, a rèir molaidhean GhOC, cha robh an strà c geur feumail tuilleadh. Bha e a’ nochdadh ann an glè bheag de dh’fhaclan, agus bha an sgioba dhen bheachd gu robh còir faighinn cuidhteas e, agus an strà c trom a-mhà in a chur gu feum nuair a bhathar a’ sealltainn gu bheil fuaimreag nas fhaide nan à bhaist. Cha chreid mi nach robh iad dhen bheachd gum biodh fios aig daoine gur e “tréigsinn” a chanadh iad, seach “trèigsinn” fiù ’s nuair a tha e air a litreachadh le strà c trom, mar a tha e an-diugh
Ach chanainn gun do dhìochuimhnich iad an luchd-ionnsachaidh - an fheadhainn a tha ag ionnsachadh a’ chà nain agus a bhios a’ leughadh fhaclan nach cual’ iad a-riamh. Ciamar a bhiodh fios acasan gur e “tréigsinn” a chanadh iad, seach “trèigsinn”? Bha a’ cheist ann an do rinn an siostam ùr gnothaichean na bu dhorra do luchd-ionnsachaidh.
’S dòcha gun do rinn ach, air an là imh eile, tha fad’ a bharrachd chothroman aig luchd-ionnsachaidh Gà idhlig a chluinntinn an-diugh – air an rèidio, air an telebhisean, air tèip is CD, agus air an eadar-lìon air feadh an t-saoghail. Le bhith ag èisteachd ri uiread, cluinnidh iad faclan mar “trèigsinn” is bidh iad eòlach air an fhuaimneachadh. Bidh fios aca gur e “céilidh” a chanas iad, seach “cèilidh” nuair a leughas iad am facal le “è” mar a tha e an-diugh.
Chan eil a’ chonnspaid mu dheidhinn nan strà can air bàs fhaighinn, ge-tà . Tha feadhainn ann a bhios a’ sgrìobhadh ann am pà ipearan-naidheachd is leabhraichean a th’ air diùltadh gabhail ri molaidhean GhOC. Tha an strà c geur fhathast beò – air èiginn. Ach am bu chòir a bhith? Mura h-eil na Gaidheil comasach air tighinn gu aonta air rud cho bunaiteach, carson a bhiodh an saoghal mòr a-muigh a’ toirt spèis dhaibh is don cà nan?
As dèidh fichead bliadhna, agus ginealach ùr air èirigh gun eòlas aca air an strà c gheur, ach a-mhà in bho sheann leabhraichean, nach eil an t-à m againn a chur air an t-sitig is a’ Ghà idhlig a sgrìobhadh leis an strà c throm a-mhà in, mar a mhol GOC agus Faclair na Pà rlamaid. ’S dòcha gu bheil an strà c geur feumach air strà c le speal gheur! Dè ur beachd fhèin?
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.