
27/04/2001
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 95
Duration: 04:46
Litir 95: Na h-Innsean, Pakistan agus Bangladesh
Tha mo smuaintean air na h-Innsean an t-seachdain seo, agus na dùthchannan là imh riutha air gach taobh – Pakistan agus Bangladesh. Tha deagh adhbhar ann airson sin. Aig an à m seo, o chionn deich bliadhna fichead, thòisich an cogadh a thug neo-eisimeileachd do Bhangladesh.
Goirid ro mheadhan-oidhche air a’ chòigeamh latha fichead dhen Mhà rt, naoi ceud deug, trì fichead ’s a h-aon-deug (1971), thòisich saighdearan à Pakistan an Iar, a bha suidhichte ann am prìomh bhaile Phakistan an Ear, Dhaka, air losgadh air a’ mhòr-shluagh. Ged a thug e beagan mhìosan, b’ e sin a’ mhadainn fhuilteach air an do rugadh Bangladesh mar dhùthaich neo-eisimeileach.
’S iomadh latha fuilteach a bha anns na dùthchannan sin thairis air an eachdraidh, agus feumaidh sinn aideachadh gu robh Gaidheil an sàs ann an gu leòr aca. Am measg an fheadhainn a b’ ainmeile a bha thall, a’ sabaid as leth Bhreatainn, bha Sir Eachann Rothach, duin-uasal Gaidhealach a bhuineadh do Ros an Ear. B’ esan am mac a bu shine aig Uisdean Rothach à Taigh an Fhuamhair, faisg air Bail’ Eoghainn.
Ann an seachd ceud deug is trì fichead (1760), dh’fhalbh e air ceann Reiseamaid nan Gòrdanach a dh’ionnsaigh nan Innsean. Còig bliadhna as dèidh sin, bha e aig ceann feachd Companaidh nan Innsean an Ear, a rinn an gnothach air arm mòr Innseanach ann am batail ris an canar “Batail Bhuxar”. Tha feadhainn a’ cumail a-mach gum b’ e sin a’ bhuannachd a bu chudthromaiche a-riamh aig na Breatannaich anns na h-Innsean.
Rinneadh fèill mhòr air Eachann nuair a thill e dhachaigh. Chaidh e an sàs ann am poileataics, agus chaidh a thaghadh mar bhall-pà rlamaid do “Bhailtean Inbhir Nis.” Ach cha robh e deiseil anns na h-Innsean. Thill e ann an seachd ceud deug, trì fichead ’s a h-ochd-deug (1778) don cheann a deas, far an d’fhuair e ceannas air an arm ann am Madras. A-rithist, bha e soirbheachail ann am batail, a’ cur na Frangaich a-mach à Pondicherry agus a’ gabhail baile Negapatnam thairis bho na Duitsich.
Nuair a thill e dhachaigh, chuir Eachann iomhaigh mhòr chloiche an à irde air mullach cnuic faisg air Taigh an Fhuamhair. Tha i na mac-samhail air geatachan Negapatnam agus tha i fhathast ann an-diugh, is ann an deagh òrdugh, dà cheud bliadhna as dèidh a togail.
Ach cha deach leis an Rothach anns a h-uile dòigh anns na h-Innsean, agus bha e aig ceann feachd ann am batail eile, anns an do rinneadh call air na Breatannaich a bha cho dona ri gin thall an sin. Thachair sin aig Polilur, pìos a-mach à Madras, ann an seachd ceud deug is ceithir fichead (1780) nuair a bha dà fheachd Bhreatannach a’ feuchainn ris a’ chùis a dhèanamh air arm Mhysore.
Bha ochd mìle saighdear fo smachd Albannach eile, an Coirneal Baillie, agus chaidh am marbhadh gu lèir, ged a bha feachd an Rothaich dìreach beagan mhìltean air falbh. Thuirt feadhainn gur i a’ Ghà idhlig a bu choireach airson na thachair, leis gum b’ fheà rr le Eachann agus Baillie conaltradh ri chèile anns a’ chà nan sin, agus gun do dh’adhbharaich sin mì-thuigse eadar iad fhèin is oifigearan eile. Tha e a cheart cho coltach, ge-tà , gur e dìth-mhapaichean agus dìth-bhrathaidh a bu choireach.
Co-dhiù, fhuair Eachann air ais a Mhadras, ged a chaill e mòran saighdearan air an rathad. Thill e a dh’Alba agus dh’fhà g e aon rud eile mar dhìleab dhuinn – an cleoc a tha fhathast anns an stìopall ann am meadhan baile Inbhir Nis. ’S iomadh co-fhoghar dhen chleoc sin a chomharraich là ithean mòra thall ’s a-bhos. Nam measg bha neo-eisimeileachd Bhangladesh o chionn deich bliadhna fichead.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.