
06/04/2001
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 92
Duration: 05:01
Litir 92: Sguad Coill’ a’ Chaolais
Anns an Litir mu dheireadh, dh’innis mi dhuibh a’ chiad phà irt de sgeulachd mu “sguad Coill’ a’ Chaolais” – am pà irt nuair a bha am bodachan beag a’ toirt taic don chroitear, Donnchadh, le bhith a’ treabhadh na talmhainn. Mus innis mi an còrr, tha mi airson seanfhacal a chur nur cuimhne – cuideachd bhon t-seachdain ’s a chaidh – “Nuair as teinne an taod, ’s ann as dualtaiche dha bhriseadh”.
Co-dhiù, bha Donnchadh aig mullach cnuic, a’ toirt sùil air a’ bhaile aige. Bha an t-arbhar deiseil ri bhuain agus thuirt Donnchadh ris fhèin, “’S truagh nach robh e a-mà ireach air a bhuain agus ann an adagan buidhe.” Dh’fhalbh e sìos a-rithist, agus e deiseil airson a dhol a-mach ga bhuain air an là rna-mhà ireach.
Ach, nuair a choimhead e a-mach air an uinneig aige a’ chiad char anns a’ mhadainn air an là rna-mhà ireach, bha an t-arbhar air a bhuain mar-thà , agus ann an adagan buidhe air feadh a’ bhaile. ’S e Donnchadh a bha toilichte.
Beagan là ithean an dèidh sin, nuair a thòisich e air na h-adagan a thoirt a-staigh, nochd am bodachan beag ri thaobh. Bha taod aige a bha mu aitheamh a dh’fhaide – sin mu shia troighean, neo dà mheatair. Chuimhnich Donnchadh na thuirt am bodach beag as t-earrach nuair a thug e taic dha leis an treabhadh. Bha e ag iarraidh duais airson na h-obrach – aon ghad guailne dhen arbhar. Cha bhi mòran ann a sin, agus am bodach cho beag, shaoil Donnchadh ris fhèin.
“Cà it’ an dèan mi m’ eallach?” dh’fhaighnich am bodachan.
“Ann a sin,” fhreagair Donnchadh. Chomharraich e à ite còmhnard tioram aig oir pà irce. Chuir an duine beag an taod aige sìos agus thòisich e air adagan a chà rnadh air. Chaidh fichead adag air, an uairsin dà fhichead agus cha robh guth air stad. Chum am bodachan a dol, a’ cur adagan air an ròp. Bha Donnchadh a’ gabhail eagal gun cailleadh e a h-uile but dhen arbhar aige.
Mu dheireadh, dh’ èigh e:
Dihaoine a threabh mi,
Dihaoine a chuir mi
Dihaoine a chliath mi.
A Rìgh nan trì aoineachan,
Na leig mo chuid uile
Ann an aon ghad guailne!
Bha an duine beag a’ cur an eallaich air a dhruim ach dh’èist e ri faclan Dhonnchaidh. Thuirt e, “Nuair as teinne an gad guailne, ’s ann as dualtaiche dha bhriseadh.”
Cho luath ’s a thuirt e sin, bhris an ròp, chaidh na h-adagan air ais do na h-à iteachan às an tà inig iad anns na pà ircean, agus chaidh an duine beag à fianais. Chan fhacas a-rithist e bhon uairsin ann an Coill’ a’ Chaolais.
Airson crìoch a chur air an Litir an t-seachdain-sa, seo agaibh stòiridh beag. Bha balach a bha seo a’ coiseachd sìos an t-srà id taobh a-muigh eaglais nuair a chunnaic e rudeigin cruinn gleansach air a’ chabhsair. Stad e, chrom e sìos agus thog e an rud. ’S e bonn-nota a bh’ ann.
Aig an dearbh à m, thà inig Ministear a-mach às an eaglais. “Dè lorg thu, a Sheumais?” dh’fhaighnich e. Bha e eòlach air a’ bhalach.
“Airgead,” fhreagair Seumas. “Bonn-nota.”
“O, seadh,” thuirt am Ministear, “agus a bheil thu a’ dol ga chumail? Hmm?”
Choimhead am balach air a’ mhinistear. “Chan eil, chan eil,” fhreagair e. “Chan eil idir.”
“O, is math sin,” thuirt am Ministear. “Chan eil mòran dhe do leithid ann an latha an-diugh.”
“Seadh,” thuirt am balach. “Chan eil mi a’ dol ga chumail idir. Tha mi a’ dol ga chosg!” Agus dh’fhalbh e a dh’ionnsaigh na bùtha!
Faclan na Seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghrĂ mair na seachdaine
Puing ghrà mair na seachdaine: A Rìgh nan trì aoineachan: O King of the three Fridays. You will already have noticed that four of the seven days of the week bear names with cognates in many other European languages (see Litir 88, 02.02.01). But the other three – Diciadain (Wednesday), Diardaoin (Thursday) and Dihaoine (Friday) – would be fairly obscure except to speakers of the other Gaelic languages. The element “aoine” is an old word meaning a “fast” and Friday was known anciently as “Aoine”. The element Di- derived from Latin dies, meaning day, became adfixed, as it did with all the days of the week. So Dihaoine means “fast-day”. Wednesday also became a fast day and it was the first such of the week, so it was “A’ chiad aoine” – the first fast. Until recent revision of Gaelic spelling in Scotland, it was still spelled “Diciadaoin”, showing more clearly its
origin. So the day in between the fast-days was “Di-eadar-dà -aoine” which became contracted to “Diardaoin” (although in parts of Argyll they say “Didaoirn”). The traditional Gaelic for Good Friday is Aoine na Ceusta or Dihaoine na Ceusta (lit. Friday of the Crucifixion).
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.