
19/01/2001
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 81
Duration: 05:02
Litir 81: Seann bhĂ rdachd
Ghineadh iad is rugadh iad,
Is thogadh iad is dh’fhà s
Chaidh strà c dhen t-saoghal thairis orr’,
’S mu dheireadh, fhuair iad bà s.
’S e bà rd ainmeil a sgrìobh a’ chriomag sin de bhà rdachd. Agus innsidh mi dhuibh cò bh’ ann nas fhaide dhen Litir. Ach bu mhath leam na briathran seo a chleachdadh mar dhòigh gus sealltainn nach eil a’ chasaid – gu bheil a’ Ghà idhlig gu math briathrach mar chà nan, is gun cleachd i deich fhaclan far an dèanadh seachd a’ chùis ann am Beurla - an-còmhnaidh fìor.
Ghineadh iad is rugadh iad is thogadh iad. Tha na gnìomhairean seo uile anns a’ mhodh fhulangach neo, mar a chanas iad ann am Beurla, the passive voice. Canaidh sinn “fulangach” ris air sgà th ’s gu bheil an cùisear anns an t-seantans, neo an subject, a’ fuiling a’ ghnìomh. Rugadh iad. They were born. Chaidh an gnìomh a dhèanamh orra.
Ma tha sibh air a bhith a’ leughadh a’ Bhìobaill Ghà idhlig, bidh sibh eòlach air na gnìomhairean seo – co-dhiù mar “rug” is “ghin” is “thog”. Mar eisimpleir, seo criomag as Genesis, Caibideil còig ar fhichead: An sin ghabh Abraham bean a-rithist, dom b’ ainm Ceturah. Agus rug i dha Simran agus Iocsan, agus Medan, agus Midian, agus Isbac, agus Suah. Agus ghin Iocsan Seba, agus Dedan…
Rug i dha Simran. Tha sin a’ ciallachadh “she bore him Zimran” – am measg mòran eile, a rèir choltais! ’S e a th’ ann an “rug” an gnìomhair “beir” anns a’ mhodh spreigeach neo active voice, agus anns an trà th chaithte, neo past tense. ’S e “i” Ceturah agus ’s i cùisear an t-seantains. Rug ise Simran.
Ach, mura h-eil sinn airson guth a rà dh oirrese, agus ma tha sinn dìreach airson a rà dh gu robh Simran air a bhreith, chanamaid “rugadh Simran”. Tha an gnìomhair a-nise anns a’ mhodh fhulangach. Agus tha gnìomhairean eile ag obair anns an aon dòigh: ghin is ghineadh, thog is thogadh, rinn is rinneadh, thuirt is thuirteadh, thug is thugadh, is mar sin air adhart.
Gu leòr de ghrà mair ma tha! Tilleamaid don bhà rdachd. B’ e an t-ùghdar Rob Donn, bà rd ainmeil an ochdamh linn deug à Cataibh. Rugadh e – agus sin an gnìomhair a-rithist – rugadh e ann an seachd ceud deug agus ceithir-deug (1714) ann an Dùthaich MhicAoidh. Anns an dà n “Marbhrann do Thriùir Sheann Fhleasgach” thug e iomradh air triùir bhrà ithrean a bha gu math spìocach. Bha iad math air airgead a chà rnadh is a chùmhnadh, ach cha robh iad math air a chosg. Tha e coltach gu robh iad air ionmhas mòr a thiodhlacadh – gu robh iad air a chur am falach fon talamh. Gu h-iongantach, chaochail dithis dhiubh taobh a-staigh latha o chèile, agus chaidh an tiodhlacadh aig an aon à m anns an aon uaigh. Seo dà rann bhon dà n:
Aon duine ’s bean on tà inig iad,
Na brĂ ithrean ud a chuaidh,
Bha an aon bheatha thìmeil ac’,
’S bha ’n aodach dhen aon chlòimh:
Mun aon uair a bhĂ saich iad,
’S bha ’n nà dar dhen aon bhuaidh:
Chaidh ’n aon siubhal dhaoine leo’,
’S chaidh ’n sìneadh san aon uaigh.
Bu daoine nach d’ rinn briseadh iad,
Le fiosrachadh do chĂ ch;
’S cha mhò a rinn iad aon dad,
Ris an can an saoghal “grà s”;
Ach ghineadh iad, is rugadh iad,
Is thogadh iad, is dh’fhà s,
Chaidh strà c dhen t-saoghal thairis orr’,
’S mu dheireadh, fhuair iad bà s.
Agus tha e coltach – ged a dh’fheuch iomadh duine ri ionmhas nam brà ithrean a lorg thairis air ùine – nach do lorgadh e. Cò aige tha fios nach eil e fon talamh ann am badeigin fhathast.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.