
24/11/2000
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 73
Duration: 04:52
Litir 73: Iain Major
An t-seachdain ’s a chaidh, dh’innis mi dhuibh mu dheidhinn an sgoileir ainmeil Albannaich, Iain Major, a bha beò o chionn còig ceud bliadhna. Anns an leabhar mhòr aige mu eachdraidh Bhreatainn, am measg mòran rudan eile, dhìon e cliù nan Albannach, agus am biadh aca. Bha droch bheachd aig na Sasannaich agus na Frangaich air min-choirce, ach sgrìobh Major gu robh a cho-chreutairean Albannach air batailean gu leòr a bhuannachadh, as dèidh dhaibh a h-ithe!
Thogadh Major ann an Lodainn agus ’s e a’ Bheurla a bh’ aige mar phrìomh chà nan. Agus tha e inntinneach na tha e ag rà dh mu dheidhinn suidheachadh an dà chà nain, agus an dà shluaigh, ann an Alba aig an à m. Bha Gà idhlig aig an darna cuid de mhuinntir na rìoghachd ri linn, thuirt e, agus ’s e an t-ainm a bh’ aig daoine eile air an son – na h-Albannaich Fhiadhaich, the Wild Scots. B’ iad an fheadhainn eile, aig an robh Beurla, na h-Albannaich Thaigheil, the Householding Scots.
Ann an cuid de dhòighean, sgrìobh Major, bha na h-Albannaich Thaigheil, na Goill, air thoiseach air an fheadhainn fhiadhaich, na Gaidheil. A thaobh aodach is beusachd, co-dhiù, bha iad na b’ fheà rr. Ach bha na Gaidheil na b’ fhèarr air sabaid. Agus thug Major adhbhar airson sin. Bha na h-Albannaich Fhiadhaich a’ fuireach nas fhaide gu tuath, agus air sgà th ’s gu robh iad a’ tighinn às na beanntan, agus a’ fuireach ann an coilltean, bha an nà dar na bu chogaile. Ach, air an là imh eile, bha iad math air ceòl. Agus ’s e an ionnstramaid a bh’ aca – a’ chlà rsach.
Bha na h-Albannaich Thaigheil na b’ fheà rr, ge-tà , ann a bhith a’ riaghladh na rìoghachd, air sgà th ’s gu robh iad na bu shìobhalta. Ach bha cuid de na Gaidheil Fhiadhaich a’ tuigsinn mar a dh’fheumadh iad a bhith fo ùghdarras nan cùirtean agus fo ùghdarras an Rìgh. B’ iad sin an fheadhainn aig an robh crodh is caoraich is eich. Ach an fheadhainn nach robh beartach, uill, thuirt Major gu robh iad coma mu ghnothaichean mar sin. Bha iad leisg, agus cha robh cà il ann a b’ fheà rr leotha na bhith a’ sealg.
Agus, sgrìobh Major, bha grà in aig na Gaidheil air na Goill agus air na Sasannaich agus, gu dearbh, air duine sam bith a bha sìtheil, sìobhalta is reusanta – chan ann air sgà th ’s gu robh iad sìtheil, sìobhalta is reusanta, ach air sgà th ’s gu robh cà nan eadar-dhealaichte aca. Tha amharas agam gum biodh beachd Goill air na Gaidheil aig an à m, agus beachd Gaidheil air na Goill rudeigin coltach ri chèile.
Sgrìobh Major rudan inntinneach mu Eirinn cuideachd. Bha e dhen bheachd gu robh an t-eilean gu math torrach, le aibhnichean brèagha là n iasg. Bha an ceann a deas fo smachd Rìgh
Shasainn, agus bha an ceann a tuath ann an lĂ mhan nan ceann-cinnidh Gaidhealach. Uill, tha sin air atharrachadh.
Ach tha aon rud ann nach eil air atharrachadh. Cha robh nathraichean ann an Eirinn an uairsin, agus chan eil a-nise. Agus ’s e a bu choireach – agus cha chluinn thu bìog air Naomh Pà draig an seo – ’s e a bu choireach gu robh an talamh, an ùir, a’ cur às don a h-uile beathach puinnseanach. Ma bheir thu ùir Eireannach gu dùthaich eile, thuirt e, gheibh nathair sam bith a thèid faisg oirre, bà s. Uill, tha mi a’ smaoineachadh gu bheil sin a’ sealltainn dhuinn aon rud mu dheidhinn Iain Mhajoir. A dh’aindeoin cho math ’s a bha a chuid sgoilearachd anns an fharsaingeachd, cha ghabh a h-uile rud a sgrìobh e creidsinn.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.