
02/06/2000
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 48
Duration: 04:41
Litir 48: Faclair GĂ idhlig do Lighichean Â’'s do Bhanaltraman
O chionn trì bliadhna neo mar sin, thà inig duine a-steach gu clas Gà idhlig a bha mi a’ cumail ann an Inbhir Nis agus thòisich sinn air bruidhinn ri chèile. Bha e ag ionnsachadh na Gà idhlig ach cha robh e fileanta is, mar sin, chuir mi ceistean sìmplidh air. “Cò às a tha sibh?” is “dè cho fada ’s a tha sibh air a bhith a’ fuireach ann an Inbhir Nis?”. Ceistean mar sin.
An uairsin, dh’fhaighnich mi dheth “dè an obair a th’ agaibh?” agus fhreagair e, “tha mi nam phrà mhaiche.”
“O, seadh,” arsa mise, “tha sin math. Um, uill, a bheil sibh nur prà mhaiche math?”
“Tha,” fhreagair e, “cha chreid mi nach eil. Neo tha mi ’n dòchas gu bheil co-dhiù!”
“Tha is mise,” thuirt mi, “ach feumaidh mi aideachadh nach eil mi a’ tuigsinn dè th’ ann ann am prà mhaiche.”
“O, tha mi duilich,” ars’ esan, “ach ’s e sin a’ Ghà idhlig air anaesthetist.”
“Uill, ’s math fios a bhith agam air a sin!” thuirt mi le gà ire. Chan eil latha a’ dol seachad ’s nach eil mi ag ionnsachadh rudeigin!
Bha an duine seo ag obair ann an ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis, agus nuair a thà inig e don chlas air an t-seachdain as dèidh sin, thug e dhomh leth-bhreac de dhuilleagan a-mach à faclair beag a chaidh a chruthachadh le buidheann ris an canar Comann Gà idhlig Seirbheis na Slà inte. ’S e an t-ainm a th’ air an leabhar bheag Faclair Gà idhlig do Lighichean ’s do Bhanaltraman
Agus lorg mi na faclan air a’ chiad duilleig. Anaesthetic – prà mhan. Anaesthetist – prà mhaiche. Uill, tha na faclan sin a’ dèanamh ciall, ged is iad na faclan Beurla as cumanta a chluinneas tu ann an còmhradh Gà idhlig. Tha prà mh a’ ciallachadh cadal, neo tà mh neo fois. Ma tha thu fo phrà mh, tha thu nad chadal. Ma tha thu a’ gabhail prà mh, tha thu a’ gabhail fois neo a’ faighinn cadal airson greis. Tha prà mh cuideachd a’ ciallachadh bròn neo mulad.
Nuair a chluinneas mi am facal prà mh, ’s ann tric a tha mi a’ smaoineachadh air bà rd a bha uaireigin ainmeil air a’ Ghà idhealtachd, Uilleam Mac a’ Ghobhainn, neo Uilleam Ruigh ’n Uidhe, a bha beò anns an ochdamh linn deug. Bha esan às Obair Neithich, là imh ris na beanntan brèagha ris an can sinn am Monadh Ruadh.
Bha Uilleam na shealgair agus chuir e seachad mòran ùine anns na beanntan sin. ’S e an t-à ite a b’ fheà rr leis Allt an Lochain Uaine ann an Gleann an Doire agus sgrìobh e dà n mu dheidhinn a bha uaireigin ainmeil air feadh na Gà idhealtachd, ach gu h-à raidh ann am Bà ideanach is Srath Spè. Seo a’ chiad rann dheth:
Aig Allt an Lochain Uaine,
Gun robh mi uair a’ tà mh,
’S ged a bha an t-à ite fuar,
Bha an fhĂ rdach fuathasach blĂ th.
Ged thigeadh gaoth o thuath orm,
Is cathadh luath on Ă ird,
Bhiodh Allt an Lochain Uaine
Le fhuaim gam chur gu prĂ mh.
Chì sibh gu robh am bà rd gu math measail air nà dar, agus tha e follaiseach gun do ghabh e tlachd mhòr bho bhith a-muigh anns na beanntan, fiù ’s nuair a bha cur is cathadh ann.
Agus dè an dòigh a b’ fheà rr leibh fhèin a bhith air ur cur fo phrà mh? Le prà mhaiche proifeasanta ann an ospadal, a chleachdas gasaichean mi-nà darrach? Neo le fuaim binn nà darrach Allt an Lochain Uaine anns a’ Mhonadh Ruadh? Uill, chan eil fhios a’m dè ur beachd fhèin, ach feumaidh mi rà dh gur ann a’ taobhadh le Uilleam Ruigh ’n Uidhe a tha mise. Beannachd leibh.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.