
28/04/2000
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 43
Duration: 04:50
Litir 43: Donnchadh BĂ n Mac an t-Saoir
Rugadh am bà rd, Donnchadh Bà n Mac an t-Saoir, ann an Gleann Urchaidh ann an Earra-Ghaidheal ann an seachd ceud deug, is ceithir ar fhichead (1724). ’S e a’ chiad phìos a sgrìobh e, a th’againn fhathast, Òran do Bhlà r na h-Eaglaise Brice.
Ghabh Blà r na h-Eaglaise Brice à ite anns an Fhaoilleach, seachd ceud deug, dà fhichead ’s a sia (1746) nuair a bha Donnchadh ceithir bliadhna fichead a dh’aois. Thachair e nuair a bha arm a’ Phrionnsa a’ tilleadh gu tuath as dèidh a bhith ann an Sasainn. Chaidh an latha leis na Seumasaich, ach bha Donnchadh air an taobh eile ann am Mailisi Earra-Ghaidheal, a’ sabaid airson Rìgh Deòrsa. Chanainn gu robh e air a bhith na bu thoilichte còmhla ris a’ Phrionnsa.
Ach ’s ann airson òrain-ghaoil agus òrain-nà dair a tha Donnchadh ainmeil, seach bà rdachd-cogaidh. Sgrìobh e corra phìos mu bhean, “Mà iri bhà n òg”. Tha do phòg mar ùbhlan gà raidh, ’s tha do bhrà ighe mar an neòinean, is rudan taitneach mar sin.
Agus ann an dĂ n eile:
Do chneas mar an èiteag
Glè ghlan, fallain,
Corp seang mar chanach an t-slèibh…
Chì sibh gu robh Donnchadh a’ cleachdadh iomhaighean co-cheangailte ri nà dar agus, a bharrachd air gaol, ’s e nà dar a bu mhotha a ghluais e gu bà rdachd. Bha e ag obair bliadhnaichean mar choilltear airson Iarla Bhrà ghad Albann neo, mar a chanadh na Gà idheil ris, Mac Cailein ’ic Dhonnchaidh. Dh’obraich e cuideachd do Mhac Cailein Mòr, Diùc Earra-Ghaidheal.
Nuair a bha e ag obair do Mhac Cailein ’ic Dhonnchaidh, chuir e seachad mòran tìde ann an dà à ite a bha e a’ dol a dheanamh ainmeil le bhà rdachd – Beinn Dòrain agus Coire Cheathaich. Tha ceathach a’ ciallachadh ceò. Coire Cheathaich, neo Coir’ a’ Cheathaich – Coire a’ Cheò – the misty corrie.
Is toil leam an dà n aige, air a bheil “Coire Cheathaich” mar ainm, airson trì adhbharan. Tha e là n fhaclan brèagha is tha e a’ ruith gu math mar bhà rdachd. Tha e cuideachd a’ sealltainn cho mòr ’s a bha grà dh Dhonnchaidh do dh’à rainneachd na Gà idhealtachd. Agus an treas rud: tha e a’ dol leis a’ bheachd agam fhìn gu bheil sinn a’ toirt cus spèis anns an latha an-diugh do na mullaichean, is nach eil sin a’ toirt spèis gu leòr do na coireachan. Chanainn fhìn gu bheil na coireachan am measg nan rudan as motha a tha a’ sònrachadh à rainneachd na h-Alba…
’S e Coire Cheathaich nan aighean siùbhlach
An coire rĂąnach is Ăąrar fonn,
Gu lurach, miadh-fheurach, mìn-gheal, sùghar
Gach lusan flùir bu chùbhraidh leam…
Ach bu toil le Donnchadh na mullaichean cuideachd. An t-urram thar gach beinn aig Beinn Dòrain, sgrìobh e mun bheinn a b’fheà rr leis, Na chunnaic mi fon ghrèin, ’s i bu bhòidhche leam… Agus ged a dh’fhà g e Earra-Ghaidheal, agus ged a chuir e seachad iomadach bliadhna ann am baile mòr Dhùn Eideann, baile air an robh e gu math measail, cha do bhris e a-riamh na ceanglaichean spioradail a bh’aige do thìr nam beann.
Bha e trì fichead ’s a h-ochd-deug nuair a sgrìobh e Cead Deireannach nam Beann, mu dheidhinn Bèinn Dòrain:
B’e sin an sealladh èibhinn
Bhith ’g imeachd air na slèibhtibh
Nuair bhiodh a’ ghrian ag èirigh
’S a bhiodh na fèidh a’ langanaich.
Sgrìobh Donnchadh Bà n marbh-rann dhà fhèin – airson duine a bhiodh na sheasamh air a lic, agus am bà rd marbh, fon fhòid. Gabh mo chomhairle ’s bi glic, sgriobh e, cuimhnich tric gun tig am bà s. Uill, thà inig am bàs air Donnchadh ach dh’fhà g e dìleab phrìseil dhuinn as a dhèidh, dìleab a bhios beò fhad’s a mhaireas cà nan nan Gà idheal.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.