Main content
Sorry, this episode is not currently available

A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.

Clip

Litir 36: An Diabhal Tasmanianach

… O gabhaibh mo lethsgeul. Uill, cha b’e mise a bha a’ deanamh an fhuaim, greannach ’s ged a tha mi uaireannan. … Nach ist thu! … Tha sin nas fheàrr. Tha e air ais na bhocsa a-nise mar bu chòir.

Nach e fuaim diabhlaidh a bh’ann? Agus dè am beathach a bha ga dhèanamh? Uill, cuiridh mi geall nach eil mòran agaibh air a leithid fhaicinn, neo a chluinntinn, a-riamh leis nach eil e ri lorg ach ann an aon eilean air an t-saoghal, agus tha sin fad air falbh o Bhreatainn. Agus timcheall an dearbh eilein, tha am maorach air an robh mi a’ bruidhinn an t-seachdain ’s a chaidh, a’ chluas-mhara, neo abalone, gu math pailt. (Bidh sibh a’ cuimhneachadh gu bheilear a’ smaoineachadh mun chluas-mhara àrach ann an Alba.) Agus dè an t-eilean a th’ann far a bheil an dà chuid seo? Uill, àite air a bheil mi-fhìn gu math eòlach leis gu robh mi a’ fuireach ann iomadach bliadhna – Tasmania.

’S e am beathach greannach mamail beag ris an canar an Diabhal Tasmanianach, neo Tasmanian Devil. Ged a bha e uaireigin ri lorg air tir-mòr Astràilia, chan fhaighear a-nise e ach ann an Tasmania fhèin. Tha e dubh le ceann mòr is fiaclan biorach. Agus tha e beag, cho mòr ri cù corgi. Ach cha bhiodh a’ Bhànrigh a’ coimhead cho rìoghail le diabhal na cois ’s a tha i le corgi, chanainn! ’S dòcha gum faigheadh i barrachd spèis, ge-tà, ann an dùthchannan eile nuair a bha i a’ tadhal orra! Faodaidh an diabhal a bhith gu math fiadhaich.

O chionn bliadhna bha mi ann an cèidse mhòr, ann an sù, ann an Tasmania, còmhla ri diabhal airson a ghuth a chlàradh le inneal-clàraidh is miocrofòn. “Cum a dol a ghluasad,” thuirt am fear-stiùiridh rium, “bu chòir dhut a bhith sàbhailte mar sin.”

“Bu chòir?” dh’fhaighnich mi. Cha robh mi ro chinnteach co-dhiù bu chòir dhomh bhith anns a’ chèidse idir.

“O aidh,” ars’ am fear eile, “ach ma stadas tu, bidh an diabhal a’ smaoineachadh gur e ablach a th’annad.”

“Dìreach mar mo charaidean aig an taigh,” smaoinich mi rium fhìn.

“’S e ablaich is closaichean as motha a dh’itheas iad,” thuirt am fear-stiùiridh rium. “Feòil nach eil a’ gluasad, ’s e biadh a th’ann dhaibh. Na stad!”

Uill, ghabh mi a chomhairle agus tha mi ann an seo fhathast, agus a h-uile corrag is òrdag agam cuideachd. Tha iad gu math measail, na diabhalan, air corragan dhaoine mar a tha iad air an leathar a gheibhear ann am brògan. Ach ’s fheàrr leam-sa, feumaidh mi ràdh, na cluasan-mara. Tha an diabhal a’ fuireach anns na coilltean; tha a’ chluas-mhara ri lorg faisg air làimh air creagan anns a’ mhuir, faisg air a’ chladach ach fo ìsle mhara. Feumaidh tu dàibheadh air an son le snorgal.

Ach tha iad furasta gu leòr fhaighinn. Cha leig thu leas ach sgian a thoirt leat airson am faighinn far nan creag. Agus, chan eil iad a’ sabaid air ais mar a bhiodh diabhal.

Ach a-nise an ceum as duilghe – an còcaireachd. Feumaidh tu an fheòil a phronnadh is an uairsin a ròstadh gu math sgiobalta. Ma nì thu gu ceart e chan eil biadh nas fheàrr ann. Ach ma ròstas tu ro fhada i, thig i a-mach cho cruaidh ri leathar. Gun fheum sam bith do dhuine - ach ’s dòcha fhathast na bhiadh math do dhiabhal dubh acrach greannach ann an coilltean Thasmania.

Faclan na seachdaine

greannach: ill-tempered; diabhal,diabhlaidh: devil, devilish; maorach:shellfish; mamail: mammal; tir-mòr Astràilia: the mainland of Australia; biorach: sharp;spèis: respect; cèidse: cage; sù: zoo; ablaich is closaichean: carrion and carcases; leathar:leather; dàibheadh: diving; snorgal: snorkel; còcaireachd: cooking; pronnadh: bashing (totenderize); ròstadh: roasting.

Abairtean na seachdaine

nach ist thu: wont you be quiet!; cuiridh mi geall: I bet; timcheallan dearbh eilein: around that very same island; an dà chuid seo: both these things; cho mòrri cù corgi: as big as a corgi dog; faodaidh an diabhal a bhith gu math fiadhaich: the (Tasmanian)devil can be pretty wild; airson a' ghuth a chlàradh le inneal-clàraidh is miocrofòn:to record its (masc) voice with a recording device and microphone; bu chòir dhut a bhithsàbhailte: you should be safe; ma stadas tu, bidh an diabhal a' smaoineachadh gur e ablacha th'annad: if you stop, the devil will think you are carrion (but ablach can also be used asan extremely impolite term for another human being, hence the following sentence which isa joke at my own expense); a h-uile corrag is òrdag agam: all of my fingers and toes (NB innext week's letter we will look at some of the names of the fingers in Gaelic); fo ìsle-mhara:below low tide mark; an ceum as duilghe: the most difficult step; cho cruaidh ri leathar: astough as leather.

Puing ghrĂ mair na seachdaine

[bha] mi a' fuireach ann iomadach bliadhna: I was livingthere (for) many years. Have you ever noticed how many instances of plural concepts inGaelic involve the use of the singular form of the noun, where the plural form is used inEnglish. Gaelic learners sometimes make the mistake of pluralising the noun when it is notrequired. A good example is iomadach (or iomadh) bliadhna, NOT iomadach bliadhnaichean.Similarly, corra uair (on some occasions) NOT corra uairean. Many examples are to befound in counting eg fichead turas (twenty times) NOT fichead tursan; dà fhichead duine(forty men) NOT dà fhichead daoine; mìle beannachd (a thousand blessings) NOT mìlebeannachdan. And, of course, the same applies to cia mheud? (how many?) Cia mheud gillea chunnaic thu? (how many lads did you see). Keep your eyes and ears open for otherexamples.

GnĂ ths-cainnt na seachdaine

Cha bhiodh a' Bhànrigh a' coimhead cho rìoghail le diabhalna cois 's a tha i le corgi: the Queen would not look as royal with a devil at her feet as shedoes with a corgi. This is one of the idiomatic uses of cas which we looked in Litir 13(August 13 1999). Na cois literally means at her foot, but it can be used to mean in hercompany, along with her. If it was a masculine person eg an Rìgh, we would lenite cois andsay na chois. Chunnaic mi an Rìgh agus bha cù na chois (I saw the King and he had a dogwith him). The plural would be nan cois. Chunnaic mi an Rìgh 's a Bhànrigh agus bha trìcoin nan cois (I saw the King and Queen and they had three dogs with them.)

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast