
24/09/1999
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 12
Duration: 04:54
Litir 12. Beathaichean a’ bruidhinn
Thachair mi ri fear turas, air taobh siar na Gà idhealtachd, aig nach robh Gà idhlig ged a bha i aig a dhithis phà rant. Cha robh fios agam air a sin agus, leis gu robh blas Gaidhealach aige ann am Beurla, dh’fhaighnich mi dheth – “A bheil Gà idhlig agaibh?” “No,” ars’ esan rium, “I got put off it as a young man – by a Gaelic-speaker.”
Dh’fhaighnich mi dheth gu dè bha e a’ ciallachadh. “Uill,” ars’ esan, ann am Beurla, “chuir an duine sin an dearbh cheist orm, agus thuirt mi ris gun robh mi a’ tuigsinn na Gà idhlig ach nach robh comas agam labhairt innte. Agus thuirt esan riumsa gu robh mi coltach ris a’ chù aige. Bha an cù a’ tuigsinn na Gà idhlig ged nach robh comas aigesan labhairt innte nas motha. Bhon uairsin thrèig mi a’ Ghà idhlig.”
’S e sgeul duilich a th’ann agus tha mi’n dòchas nach eil Gà idheal sam bith an-diugh a’ deanamh di-meas mar sin air duine de a leithid. Thà inig an còmhradh sin gu mo chuimhne an t-seachdainn-sa as dèidh na thachair an t-seachdainn ’s a chaidh anns na Stà itean Aonaichte. Chuala mi aithris gu bheil siompansaidh air Beurla ionnsachadh. Chan e dìreach tuigse a th’aige, ach comas-labhairt.
Uill, ’s e sin a tha an luchd-rannsachaidh a’ cumail a-mach co-dhiù. Nuair a chanas an siompansaidh “aaaaugh” (neo rudeigin mar sin), tha e coltach gu bheil e a’ ciallachadh “uisge”. Bu toil leam cluinntinn dè chanadh e airson “uisge-beatha”!
Ach cha chreid mise nach do rinn an luchd-rannsachaidh mearachd, agus iad a’ teagasg Beurla don t-siompansaidh. ’S e Gà idhlig a bu chòir a bhith aige. Bhiodh e fada na b’fhasa dha. Tha beagan Gà idhlig aig a h-uile siompansaidh, co-dhiù bha e ann an “sgoil” neo nach robh. Tha cuimhn’ agam air turas a bha mi ann an Sutha Lunnainn faisg air cèidse nan siompansaidhean. Thà inig fear de na beathaichean thugam agus dh’iarr e orm biadh a thoirt dha – an seòrsa a gheibh sinn bho chearcan. “Ugh, ugh, ugh,” thuirt e. Ach gu mi-fhortanach, cha robh ugh agam dha.
Agus nach eil e inntinneach mar a bhruidhneas na beathaichean ann an dòigh eadar-dhealaichte far a bheil cà nan eadar-dhealaichte aig na daoine. Mar eisimpleir, canaidh cearcan ann an dùthaich na Beurla “chook, chook”, ach ann an dùthaich na Gà idhlig, canaidh iad “gog, gog.” Agus seallaibh air caoraich. Ann an Sasainn, ’s e “Baa, baa” a chanas iad. Ach cha chuala mi caora ann an Alba a rà dh “baa, baa” a-riamh. Nuair a bhios iad a’ mèilich ann an Alba, canaidh iad, “mè, mè.” Tha mi a’ deanamh dheth gur e sin buaidh na Gà idhlig orra.
Agus thachair mi ri fear turas aig an robh beathach a bha comasach air ceistean poilitigeach – seadh, poilitigeach - a fhreagairt. Chan e siompansaidh a bh’ann, ach cat. Chaidh mi a chèilidh air an duine agus thuirt e rium, “seall air a’ chat seo. Cuiridh mi ceist air mu phoileataigs Àisia agus bheir e freagairt chiallach dhomh.”
Uill, cha robh mi ga chreidsinn agus dh’innis mi sin dha. “Ceart, ma tha,” ars’ esan, “seall air seo.” Agus chuir e an cat air uchd. “Cò,” thuirt e ris a’ chat (ged a bha e a’ bruidhinn ann am Beurla),“cò an duine a bha os cionn arm nan Coimiunach air a’ Mhà rsadh Fhada ann an Sìna ann an naoi ceud deug, dà fhichead ’s a naoi (1949). Shlaod e earball a’ chait, agus thug an cat an fhreagairt cheart. Choimhead e suas agus thuirt e “Mao!”
Bhuamsa, Ruairidh MacIlleathain, dùrachdan an t-samhraidh dhuibh uile…
Faclan na seachdainne
dh'fhaighnich: asked; thrèig: forsook, abandoned; siompansaidh: chimpanzee; luchd-rannsachaidh: researchers; Sutha Lunnainn: London Zoo; a' mèilich: bleating; ceistean poilitigeach: political questions; Àisia: Asia; arm nan Coimiunach: the Communist army; Sìna: China.
Abairtean na seachdainne
thachair mi ri fear: I met a man; ars' esan: he said; nach robh comas agam labhairt innte: that I did not have the ability to speak in her ("GĂ idhlig" is feminine); sgeul duilich: a sad story; a. deanamh di-meas air: showing disrespect, contempt for; co-dhiĂą bha e ann an sgoil neo nach robh: whether it (he) was in school or not; tha cuimhn'agam air: I remember; tha mi a' deanamh dheth gur e sin buaidh na GĂ idhlig orra: I reckon that is the effect of Gaelic on them; bheir e freagairt chiallach dhomh: it (he) will give me a sensible answer; dh'innis mi sin dha: I told him that; chuir e an cat air uchd: he put the cat on his lap; air a' MhĂ rsadh Fhada: on the Long March.
Puing ghrĂ mair na seachdainne
Bhiodh e fada na b'fhasa dha: it would be much easier for it (him). The comparative form of furasda (fearasda, farasda) is "fasa" but it never sounds like "fasa" because the "f" is lenited and becomes soundless. In the present and future tenses of the indicative mood of the verb it is "nas fhasa" which sounds like "nuh sassuh." If the verb is in the past tense or in the subjunctive mood (which it is in the letter) it is "na b.fhasa" which sounds like "nuh bassuh." Tha leughadh nas fhasa na sgrìobhadh: reading is easier than writing (present, indicative). Bidh sin nas fhasa: that will be easier (future, indicative). Bha e na b'fhasa dha ruith nuair a bha e òg: it was easier for him to run when he was young (past, indicative). Bhiodh e na b.fhasa dhaibh an taigh a pheantadh nan robh an turadh ann: it would be easier for them to paint the house if the weather were dry (subjunctive).
GnĂ ths-cainnt na seachdainne
Cha chreid mise nach do rinn an luchd-rannsachaidh mearachd: I reckon the researchers made a mistake. This phraseology is used extensively in informal conversation and often confuses the learner because of its apparent double negative. Cha chreid mi gu bheil e deiseil fhathast: I don't think it is ready yet. Cha chreid mi nach eil e deiseil a-nis: I think it is ready now. Q: An e siud an duine thall? (is that the man over there?) A: Cha chreid mi nach e (I think so). Try to master this and then attempt it on your Gaelic teacher. He/she will be impressed!
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.