Main content
Sorry, this episode is not currently available

A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.

Clip

Litir 3: “Tha mi dola.”

’S ann tric a tha sinn a’ cluinntinn faclan ùra ann an Gàidhlig, dìreach mar a tha sinn ann am Beurla. A h-uile turas a nochdas rudeigin ùr, feumaidh faclan a bhith ann, ann an cànan sam bith, airson bruidhinn mu dhèidhinn. Bha latha ann nuair nach cuala sinn na faclan “in-vitro fertilization” neo “ath-ghiollachd niùclasach”. Cha robh a leithid de rud ann.

Uaireannan bidh daoine a’ gabhail dragh mu fhaclan ùra, gu h-àraidh ma tha iad a’ leum bho chànan gu cànan gun atharrachadh mòr sam bith orra. Mareisimpleir, bidh muinntir na Frainge a’ gabhail dragh mu leithid “weekend” a nochdadh anns a’ chànan aca fhèin. Agus tha an aon dragh ann an Alba mu leithid “telebhisean”, a thàinig don Ghàidhlig às a’ Bheurla.

Ach seallaibh air an fhacal “telebhisean” ann an cànanan eile. Ann am Frangais ’s e “télévision”; ann an Eadailtis “televisione”. Leis an fhìrinn innse, ’s e facal eadar-nàiseanta a th’ann, agus chan ann à freumhaichean Beurla a tha e a’ tighinn co-dhiù, ach à dà fhacal ann an seann Ghreigis is Laideann a tha a’ ciallachadh “fradharc fada”.

Ach dè mu fhacal eile a tha a’ nochdadh nas trice an-diugh ann an Gàidhlig – “ceapaire”? Do mhòran ’s e “sandwich” a th’ann ann an Gàidhlig a cheartcho math ris a’ Bheurla. Ged a rinn an ceathramh Iarla Sandwich ainmeil e, agus ged a ghabh na Frangaich am facal a-steach don chànan aca mar “sandwich”, bha seann fhacal Gàidhlig ann airson pìos arain le càise air –ceapaire. Agus ’s e sin am facal a tha mòran ann an saoghal na Gàidhlig a’ cleachdadh an-diugh, ann an Eirinn a cheart cho math ri Alba.

Anns an t-seann aimsir, bhiodh na Sàilich - na daoine ann an Cinn Tàile, air taobh siar na Gàidhealtachd, ag ithe ceapaire gun aran sam bith ann. Cha robh ann ach pìos mòr chàise le dìreach ìm air. B’e sin an “Ceapaire Sàileach”. Cha chanainn gum biodh e uabhasach math. ’S dòcha gur e an “ceapaire salach” a chanainn fhìn ris!

Co-dhiù, chuala mi facal ùr an latha roimhe ann an Gàidhlig. Cha chreid mi gu bheil e anns na faclairean – fhathast, co-dhiù. “Dola”. Cha robh ceangal sam bith aige le doilichean neo liùdhagan. ’S ann rudeigin mar seo a chuala mi e. Bha boireannach anns a’ chidsin, còmhla ri a nighinn òig. “Cha do rinn thu na soithichean fhathast,” thuirt a màthair, agus i a’ coimhead air an tsinc a bha làn thruinnsearan salach. “Ach tha mi dola,” fhreagair an nighean.

Chan e “tha mi coma” neo “tha mi trang”, ach “tha mi dola”. Chuir mi seachad mionaid neo dhà mus do thuig mi dè bha an tè òg a’ ciallachadh. Bha i air an staidhre, agus dh’èigh a màthair oirre – “cuir an t-aodach agad air falbh.” Agus fhreagair an nighean, a tha na sgoilear ann an aonad Gàidhlig ann am baile mòr, “tha mi dola, tha mi dola, tha mi dola!”

Thuig mi an uairsin dè bha i a’ ciallachadh. “Tha mi a’ dol a dhèanamh an rud a tha thu ag iarraidh…” Neo airson a dhèanamh goirid – “tha mi a’ dol a…” Tha mi làn chinnteach gun tàinig sin às a’ Bheurla mar eadar-theangachadh air “I am going to…” Tha mi a’ dol a…

Tha iomadach rud ùr a’ tighinn a-steach don chànan gach bliadhna, ach chan eil mi uabhasach measail air “dola”. B’fheàrr leam gun canadh an nighean òg “nì mi sin” neo “tha mi a’ dol ga dhèanamh”. Seadh – “tha mi a’ dol ga dhèanamh.” Mmm. ’S dòcha gum biodh e na bu Ghaidhealaiche nan canadh i “tha mi dolga”, ach ’s e ceist mhòr eile a tha sin.

Faclan na seachdaine

ath-ghiollachd niĂąclasach:Ěýnuclear reprocessing; freumhaichean: roots; dh’èigh: shouted; eadar-theangachadh: translation; chanainn: I would say; measail (air): keen (on).

Abairtean na seachdaine

leis an fhìrinn innse : to tell the truth; a cheart cho math ri: as much as (in the same way as).

Puing ghrĂ mair na seachdaine

’s ann tric a tha sinn a’ cluinntinn…: it is often that we hear…; this structure, beginning with “’s ann” is common in Gaelic and it can be used, among other things, to emphasise the following word. eg ’s ann leamsa a tha an leabhar sin: that book is mine. Listen out for this structure in conversation on the radio, particularly on chat shows like “Coinneach MacIomhair”. The question form is “an ann…?” to which you would make the simple answer “’s ann” or “chan ann”. An ann aig an taigh a bha e? ’S ann.

Ěý

GnĂ ths-cainnt na seachdaine

anns an t-seann aimsir: in olden times. Aimsir can refer to time or season, as well as its common meaning of “weather”. Here it is in the dative case (because of the preposition “anns an”) which causes a “t” to go before the “s” in “seann”. This “s” is no longer sounded, and the word sounds like “teann”. “Seann” is an unusual Gaelic adjective in that it precedes the noun.

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast