ÃÛÑ¿´«Ã½

Explore the ÃÛÑ¿´«Ã½
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin

Cuairtean


ÃÛÑ¿´«Ã½ ÃÛÑ¿´«Ã½page
Scotland

Alba
Radio nan Gaidheal
Cuairtean

Dachaigh
Inbhir Nis
Loch Aillse
Bàideanach & Srath Spè
Loch Abar


Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Ìý
An Leth Allt



CALL GHÀDHAIG
le Calum-Dubh Mac-an t-Saoir



Cumha don Chaiptein Mac-Mhuirich, Fear Bhail-a-Chrothain

Fonn - "Alastair, a laoigh mo chèille"


'S beag ìoghnadh mi 'bhi dubhach,
Air feasgar, 's a' ghrian le bruthach:
Bheir mulad air sùilean sruthadh,
'S i 'n Nolluig so 'thiùndaidh 'chairt-dubh orm,
Cha b'i 'n èiric 'an àit an udhair,
Ged a bhithinn gu bràth ri cumha,
'S nach tig thu 'chaidh slàn le d' bhuidhinn,
A dh' imich do Ghàbhaig nan aighean.

Na-n tigheadh e slàn, an caiptein,
Am Bràgh'dach, 's Iain òg Mac-Phearsain,
An Granndach, 's Mac-Phàrlain (cha b'fhasa),
Cha bu diùbhail gin de'n tachdar,
Ged nach tigeadh na fèidhich ghlasa -
Ged a bhiodh na mìolchoin tachdta;
Na-n tigheadh tu 's d' òganaich dhachaigh,
'S an t-Aog a bhi 'm prìosan fo ghlasan.

Na-m bu mhise maor a' phrìosain,
Cha-n fhàigainn à chionta gun innse:
Mo chòmhdach air phàipeirean sgrìbhte -
Air bialaobh luchd-breith agus bìnne.
'S cinnteach mur rachadh à dhìteadh,
Gu-n cuirt' e gu grad às an rìoghachd,
'An ceangal air slabhruidhean-iaruinn,
'S à chumail a's tiagh leth-chiad bliathna!

'S ceòlmhor gach reannag a chì mi;
Tha 'n saoghal 'n à bhriagadair-ìnntinn.
Cha-n fhaic mi thu 'siubhal na frìthe,
Le d' ghillean, 's le rogha nam mìolchon.
Fiùbhaidh laghach 'bha rèith,ro-dhìreach,
'Bhuaileadh am ball air an dìsne.
Tha cuileanan gèarrta, gun chìreadh,
O'n là 'thaisgeadh tu 'n clachan na sgìreachd.

'Nuair 'bhiodh tu ri fiadhach beinne,
'S tric a bha mise 'n am ghille,
Le d' lomhainn, beagan air dheireadh,
A' feitheam ri fuaim do theine;
'N uair 'stiùradh tu ris an eilid,
Bhiodh toll air a bian le d' pheileir, -
Marbhaich na h-earbaig, 's a' choilich,
An dòbhrain, na liath-chirc, 's an t-siunnaich.

Cha-n fhaca mi bàrr aig duin' ort,
'Dhìreadh nan càrn 's nam mullach,
'Mharbhadh nam fiadh 's a' mhonadh,
'Tharraing nam lann, 's bu ghuinich,
'Bhualadh nan dòrn 's a' chunnart.
Labhairt aig mòd 's tu 'b 'uurrainn,
'Dh-aindeoin no 'dheòin bu leat buidhinn, -
'S gach cùis bhiodh mòrchuis 'us urram.

Rinn stoirm call 'am bràigh 'ghlinne,
Bha cruinneachdadh mòr 's an fireach,
A' giùlan dachaigh nan gilean,
'S an fhir mhòri nach gabhadh giorrag:
Marcach an trèun -eich mhire,
Ceann-feadhna 'an àm na h-iomairt,
Ite chorra geìeth do chinnidh,
Nach d' rinn riamh de'n t-saoghal cillean.

'S beag ìoghnadh thu 'n tùs nam fear barraicht,
A laoich nach biodh fada mu'n mhalairt,
A phàidheadh fear 'thogail na carraid;
Gur càirdeachd thu 'dh-Alastair Garrach,
Do Mhac-Dhùghaill mòr à Lathairn,
Iarl Antruim 'us Mac-ic-Ailein,
Oghre Dhùn-Tuilm nam fear fallain
D'am bu shuaineas leoghann 's làmh-fhala.

Olc air mhath le luchd do mhì-ruin,
Na-m b' aithne, gun-n deanainn d'ìnnse:
Pearsanaich do shloinneadh dìreach,
Caiptein thu air sliochd Ghillìosa,
'Choisinn am blàr a bha'm Pìorait,
A leag an trup Gallda gu h-ìseal;
'S bann-Dòmhnullach 'thug glùn 'us cìoch dhut,
A-mach à teaghalch Iarl Ile.

Ged a tha mi 'n dràst air m'aineol,
'Sann a bhà mi òg 'nam leanabh,
'An dùchas d' athar 's do sheanar;
'An deas fo bhaile anan gallan,
Far am bì crodh-laoigh air ghleanna,
Mnathan brèidgheal 'fuaghal anairt,
An talla 'n òilteadh fìon gun cheannach,
'S òr 'g à thoirt fial do luchd-ealaidh.

Na-m bu daoin' a bheireadh dhìnn thu,
'An Cluainidh bhiodh toiseach na trìthe,
Cha b' fhad a bhiodh d' èiric gun dìoladh,
Bhiodh tional air fir na tire,
Le caisimeachd sgal na pìoba,
'Thoirt d' aichmheil a mach gu dìleas;
Mu'n tilleadh an Cat-mòr 's à lìnne,
Bhiodh fuil air an lòn, 's feòil 'g a sìoladh!

'S cruaidh an sgèul nach èudar fhulang, -
Leann-dubh air a' chloinn a dh' fhuirich,
Mu'n Phearsanach a's chloinn a dh' fhuirich,
Gu'n tharraing e làmh o'n uilinn,
'Leag am flùr 'san gràinne mullaich,
Gu-n d'fhàg sid do bhràithrean gun fhuras,
Mar Oisean 'bha daonnan ri tuireadh,
'An dèis na Fèinne - dall air tùlaich.

Oid' agus athair an fhèumaich,
'Choibhreadh air aircich, 's air èignich;
Na-m b' urrainn mi dheanainn lèich dhut,
Ghleidhinn cuach-ìoclaint na Fèinn' dut,
'Thug Fionn Mac-Cumhail à h-Eirinn;
Thoghainn a rithist a'n èug thu,
Bhiodh Bail-a'-Chrodhain fo èibhneas,
'S do mhaithin ag òl do dheach-rèite.

Guma slàn a thig e dhachaigh,
Oighr' iain-òig Mhic-a' Phearsain,
An caiptein 'tha 'n arm Chlann-Ailpein.
Ma bheir e an dualchas a 'athair,
Eighear a-mach air thus feachd e,
'S bidh Mùirnn ann an dùthaich nam badan.
Cinnidh fiar le miad na dealta,
An dèigh dòrcha na h-oidhche thig maduinn.

An còignear a bh' anns an èighinn,
Shèid gaoth 'us sneachd às na spèuran,
'Chuir an taigh-cloich às-a-chèile,
Naidheachd a's brònach ri 'h-èisdeachd,
Ur faotainn 'n ur laidhe for chrèuchdan,
Gun chomas labhairt no sgèula!
Air son dòrtadh na fala 'chaidh chèusadh,
Dean tròcair ri 'n anma' le rèite.




air ais


About the ÃÛÑ¿´«Ã½ | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy
Ìý