

Dòmhnall Phà il (1798 - 1875)
Gleann Gòineig
© Jerry Evans
Rugadh Dòmhnall Phà il ann an Dail na Spideil. B' e Caimbeulach a bh' ann agus chante Bà rd Chinn a' Ghiuthsaich ris cuideachd. Na dheugaire fhuair e cosnadh na bhuachaille ann an Gleann Gòineig far an do chuir e seachad a' mhòr-chuid de bheatha.
Ann an 1838 chuir uachdaran oighreachd Inbhir Fheisidh suas mà l an fhearainn 's ri linn sin chuir grunn de mhuinntir na sgìre romhpa beatha ùr a shireadh ann an Astrà ilia. Bha Dòmhnall Phà il an là thair an là a dh'fhà g na h-eilthirich an sgìre, agus b' e na chunnaic 's na chuala e aig an à m sin a thug air an t-òran ainmeil Guma Slà n do na Fearaibh a dhèanamh.
B'e Duanag a' Chiobair òran eile a choisinn cliù do Dhòmhnall agus a tha an dà òran sin fhathast measail aig seinneadairean.
Tha taghadh den bhà rdachd aig Dòmhnall an clò san leabhar The Poetry of Badenoch. Bha Tòmas Sinton, a chruinnich a' bhà rdachd agus a dheasaich an leabhar, cà irdeach do Dhòmhnall.
Leugh is èist ri Guma slan do na fearaibh air a sheinn le Ruairidh Caimbeul.