

Seumas Mac a' Phearsain (1736 - 1796)
Thà inig an dealbh seo bhon leabhar Glimpses of Church and Social Life in the Highlands in Olden Times le Alasdair Mac a' Phearsain. (1893)
Rugadh Seumas Mac a' Phearsain an am baile Inbhir Tromaidh ann an sgìre Bhà ideanach.
Fhuair e foghlam ann an oilthighean Obar Dheathain agus Dhùn Èideann. Bha e ag obair na neach-teagaisg ann an Dùn Èideann sa bhliadhna 1758 nuair a dh'fhoillsich e bà rdachd - The Highlander. Choisinn e cliù mòr dha fhèin às dèidh sin airson na h-obrach a rinn e air bà rdachd Oisein, obair a dhùisg connspaid mhòr.
Choisinn Seumas Mac a' Phearsain tòrr airgid bhon obair Oiseanach agus roghnaich e oighreachd a cheannach. B' e an oighreachd sin Na Rà t, a bha air a bhith aig clann an Tòisich airson suas ri trì cheud bliadhna. Cha robh an t-ainm Na Rà t a' còrdadh ris idir 's mar sin chaidh atharrachadh gu Baile a' Bhile.
'S e an t-ailtire ainmeil Raibeart Adam, a dh'fhast Seumas airson taigh a dhealbh dha agus ann an 1790 chaidh taigh mòr a thogail air là rach seann chaisteil ceann-cinnidh Chlann an Tòisich.
Nuair a chaochail Seumas Mac a' Phearsain ann an 1796 chaidh an taigh fhà gail aig a nighean, agus chun là an-diugh tha e anns an teaghlach.