ĂŰŃż´ŤĂ˝

Explore the ĂŰŃż´ŤĂ˝
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 DĂ mhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhĂ in

Cuairtean


ĂŰŃż´ŤĂ˝ ĂŰŃż´ŤĂ˝page
Scotland

Alba
Radio nan Gaidheal
Cuairtean

Dachaigh
Inbhir Nis
Loch Aillse
Bàideanach & Srath Spè
Loch Abar


Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Ěý

Uaimh a' Phrionnsa
Seachdnar Ghaisgich Ghlinn Mhoireasdain

Uaimh a' Phrionnsa

Š The Highland Photographic Archive, Highland Council's Am Baile website

An dèidh Blàr Chùil Lodair, bha mìltean de shaighdearan Chumberland air feadh na Gàidhealtachd an tòir air a’ Phrionnsa Teàrlach Eideart Stiùbhart, is £30,000 ga thairgsinn airson ceann a’ Phrionnsa.

Anns an Iuchar 1746, ràinig am Prionnsa agus aon chompanach, Fear Ghlinn Aladail, Gleann Moireasdan. Bha iad robach agus acrach nuair a thàinig iad air bothan beag. Chuir am Prionnsa roimhe gun deigheadh e a-steach a dh’ iarraidh biadh ged nach robh a chompanach idir toilichte. Le prìs cho àrd air a cheann, ‘s gun fhios cò bha staigh, bha an suidheachadh cunnartach, ach chan èisteadh am Prionnsa. Anns a’ bhothan bha seachdnar fhireannach. B’ e fògarraich a bh’ anntasan cuideachd, mèirlich a bha fon choill. Ged a dh’aithnich fear aca am Prionnsa, agus a dh’aindeoin ‘s gun robh iad fhèin bochd, cha do bhrath duine aca am Prionnsa.

An ceann ùine, ghluais iad e gu uaimh a bha na b’ fhaide shuas os cionn Ghlinn Mhoireasdain, far am biodh e na b’ fhasa dhaibh a bheatha a dhìon. Aig a’ cheart àm, chùm iad biadh ris, agus fhritheil iad air gu dìleas.

Beagan astar air falbh bho Uaimh a’ Phrionnsa, air an rathad tro Ghleann Moireasdan, bha Ruairidh MacCoinnich, ceannaiche à Dùn Èideann, a’ siubhal. Gu mì-shealbhach dhàsan bha e glè choltach ris a’ Phrionnsa Teàrlach. Rug saighdearan dearga air agus mharbh iad e. Chaidh a cheann a thoirt gu Cille Chuimein, far an deach na saighdearan air tòir na duaise airson “Teàrlach” a mharbhadh. Tha uaigh agus càrn, mar chuimhneachan air mar a thachair do Ruairidh MacCoinnich, rim faicinn ri taobh an rathaid tro Ghleann Moireasdan.

Chreid an Diùc Cumberland gu robh am Prionnsa dha-rìribh marbh agus thill e air ais a Lunnainn. Sgaoil an naidheachd gu h-aithghearr, ‘s thug sin beagan faochaidh do sheachdnar Ghlinn Mhoireasdain. Mu dheireadh, anns an t-Sultain 1746, dh’fhàg am Prionnsa Mùideart air bàta Frangach, agus cha do thill e tuilleadh a dh’Alba.




Èist

Tha e follaiseach gu robh Ruairidh MacAoidh gu mòr air taobh nan Seumasach.




air ais


About the ĂŰŃż´ŤĂ˝ | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy
Ěý