Episode details

Radio nan GÃ idheal,01 Jun 2015,30 mins
Mà iri Ann - an neach-ciùil
Available for 11 days
Cò bh' ann am Mà iri Ann? Bha tè a bhrosnaich agus a mhisnich òigridh ann an Uibhist a dhol gu mòdan ionadail agus nà iseanta gus a bhith seinn nan aonar agus mar phà irt de chòisir anns na 70an. Tè a sheinneadh gu dìcheallach aig iomadach cèilidh is cuirm gu maith na coimhearsnachd, agus tè dha robh spèis mhòr aig muinntir Uibhist airson an obair mhòr a rinn i anns a' choimhearsnachd aca ann an ùine ghoirid. Chaidh Mà iri Ann, a bhuineadh dhan Ghearasdan bho thùs, a dh’fhuireach a dh’Uibhist nuair a phòs i Iain Neillie Eà irdsidh, Iain MacIllFhinnein. Chaidh a fastadh mar neach-teagaisg òrain ann an sgoiltean ceann a deas Uibhist anns na 70an airson an òigridh a bhrosnachadh gus pà irt a ghabhail aig na mòdan. Shoirbhich gu mòr le clann Sgoil Dhalabroig aig mòdan ri linn Mà iri Ann agus bhrosnaich i cuid de sheinneadairean ainmeil às an sgìre cuideachd, cuid aca sin a tha rin cluinntinn an-diugh aig fèisean is cuirmean. Am measg nan seinneadairean bha Mà iri NicAonghais, agus tha i seo a' toirt sùil air ais air an obair a rinn Mà iri Ann mus do bhà saich i gu h-aithghearr ann an 1979 's gun i ach 34 bliadhna a dh'aois.
Programme Website