Episode details

Radio nan GÃ idheal,08 Nov 2015,30 mins
Seirbheis Didòmhnaich Cuimhneachaidh còmhla ris an Urr. Coinneach Dòmhnallach, Eaglais na h-Alba
Dèanamaid AdhradhAvailable for 21 days
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm, laoidhean is an leughadh a leanas: Salm 23 air a sheinn le Còisir Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Glaschu Tuireadh nan Treun air a sheinn le Dòmhnall MacLeòid Salm 68: 19-20 air fonn Torwood agus 's e an t-Urr Coinneach Fearghasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann. Leughadh: Eòin: 19:23-29 Ceann-teagaisg: Eòin : 19: 23-29 'S e an t-Urramach Coinneach Dòmhnallach a bha na Mhinistear Cuideachaidh ann an Eaglais na h-Alba a tha searmonachadh dhuinn air an t-seachdain seo. Rugadh is thogadh Coinneach Dòmhnallach air a' Chomraich air taobh siar Siorrachd Rois. Chaidh e tron fhoghlam an Àrd-Sgoil Inbhir Pheofharain agus an Oilthighean Ghlaschu is Chambridge. Fad iomadh bliadhna, bha e na òraidiche ann an Roinn na Ceiltis an Oilthigh Ghlaschu. Nuair a leig e dheth a dhreuchd an sin, rinn e cùrsa-trèanaidh gu bhith na Mhinistear Cuideachaidh ann an Eaglais na h-Alba. Bha e mu dheireadh an sàs anns an obair sin ann an Eaglais an Naoimh Pòil ann am Muileann Dhà bhaidh air iomall Ghlaschu.
Programme Website